
Tha an cafaidh miosail mòr-chòrdte airson daoine le dementia agus an luchd-cùraim air ais ann an Rubha. Tha Alzheimers Alba air grunnan chafaidh Forget-Me-Not a chuir air dòigh ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Eileanan an Iar, a’ tòiseachadh le seiseanan cunbhalach anns an Rubha anns a’ Chèitean 2024, a fhuair taic bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig.
Le ceòl beò bho luchd-ciùil eadar-dhealaichte, òrain air a bheil daoine eòlach, aghaidhean càirdeil agus deochan tetha, tha na seiseanan miosail air a bhith fìor mòr-chòrdte. Thuirt Catriona NicRisnidh, Ceannard Seirbhis Coimiseanaichte aig Alzheimers Alba: “Tha an cafaidh air a dhol o neart gu neart le àireamhan a’ fàs gach mios, uiread agus gun do dh’fhàs sinn ro mhòr airson ar n-àite aig Café Roo nas tràithe anns a’ bhliadhna agus tha sinn a-nis air gluasad gu Ionad Stoodie a dh’fhaodas 60 duine a shuidheachadh.”
Tha na coinneamhan cunbhalach anns a’ phrìomh àite airson daoine aig a bheil dementia agus an luchd-cùraim, ach thathar a’ cuir fàilte air a h-uile duine, mar phàirt de amas Alzheimers Alba airson coimhearsnachdan a thogail a tha càirdeil ri dementia. Tha dementia a’ gabhail a-steach grunnan comharran-slàinte mar call cuimhne, duilgheadasan le planadh, fuasgladh-thrioblaidean neo cànan, agus uaireannan eadar-dhealachadh ann am modh neo dòigh-ghiùlain. Chan eil e dìreach mu dheidhinn a bhith a’ call do chuimhne, agus chan e pàirt àbhaisteach de sheann aois a tha ann – tha e air adhbharadh le galairean a tha a’ toirt eadar-dhealachadh air structar agus ceimigeachd na h-eanchainn.
“Tha sinn fìor thoilichte £1,000 a bharrachd fhaighinn mar thabhartas bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig a dhèanas cinnteach gun cùm an tachartas cudromach seo a’ dol ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig. Tha sinn cuideachd gu mòr an comain do na ceòladairean iongantach againn (làithreach agus seachad) a thug seachad an ùine aca gu deònach airson taic a thoirt don tachartas gach mios. Tha obair for-ruigheachd coimhearsnachd na phàirt cudromach den obair againn aig Alzheimers Alba ann an Steòrnabhagh, agus tha sinn ag iarraidh gum bi fios aig a h-uile duine mu dheidhinn ar seirbhis ionadail agus nach eil duine sam bith a’ strì le dementia nan aonar. Tha sinn an dòchas cumail oirnn obair le Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson pròiseactan ùra a leasachadh anns a’ Bhliadhna Ùr a rèir toraidhean ar suirbhidh coimhearsnachd.”
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear URS: “’S e feasgar math dha rìribh a th’ann an còmhnaidh agus bheireadh sinn brosnachadh do dhuine sam bith a tha a’ strì le trioblaidean-cuimhne, daoine diagnosaichte le dementia, an luchd-cùraim agus an teaghlach aca a dhol ann. Airson siubhail a dhèanamh beagan nas fhasa, bu toil leinn cuideachd còmhdhail a thabhairt, agus mar sin faodaidh sibh fios a chuir thugainn air 619 470 ma dh’fheumas sibh còmhdhail inntrigeach agus cuidichidh sinn mar as urrainn dhuinn. Chaidh Urras an Rubha agus Shanndabhaig a stèidheachadh airson taic a thoirt do dh’iomairtean mar seo agus atharrachadh ceart a dhèanamh airson daoine anns an sgìre ionadail, agus mar sin tha sinn gu math toilichte tabhartas eile a thoirt airson obair iongantach Alzheimers Alba a chumail a’ dol.”
Bidh an ath Chafaidh Forget-Me-Not na thachartas sònraichte Nollaig air Diciadain 17mh Dùbhlachd eadar 2-4f, far am bi Chrisann NicDhòmhnaill agus caraidean a’ tighinn còmhla ri cluicheadair sònraichte, Costello, aig Ionad Stoodie.
Click to read in English.
