
Thòisich am pròiseact airson slighe airson coiseachd agus baidhsagalan a leasachadh eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean an t-seachdain a chaidh, air sgàth maoineachadh a chaidh a thabhairt bho Ionmhas Coimhearsnachd nan Eilean. Chruinnich buill bhon a’ bhuidheann coimhearsnachd Slighe an Rubha agus Shanndabhaig airson faicinn toiseach-tòiseachaidh a’ phìos ùr den slighe aca, a bhios 40km a dh’fhaide uile gu lèir.
Stèidhichte mar carthannas clàraichte ann an 2016, tha na luchd-obrach saor-thoileach air a bhith ag obair airson slighe cearcallach a chruthachadh bho Port-Aiseig Steòrnabhaigh tro Shanndabhaig agus timcheall an Rubha. Tha am buidheann air leasachaidhean mòra a lìbhrigeadh airson pìosan den t-slighe aig Stèinnis, Steapaichean Shiuilisiadar agus leudachadh an t-slighe ann an Aiginis, a’ gabhail a-steach obraichean-neartachaidh aig cladh Eaglais na h-Aoidhe aig a’ Bhràighe. Tha maoineachadh an slighe-coimhearsnachd aig £491,642 an-dràsta, agus chaidh a thogail tro iarrtas soirbheachail gu Riaghaltas na h-Alba, agus taic bho buidhnean ionadail mar Comann Luchd-Fuirich Mossend a thog £42,000 bho Ionmhas Coimhearsnachdan Costa Oighreachd a’ Chrùn airson an t-slighe ann an Stèinnis ann an 2020. Tha tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith an sàs gu dlùth anns a’ phròiseact tro taic an Comhairlichean Coimhearsnachd. Tha Alasdair MacNeacail air a bhith fìor cudromach le bhith a’ dèanamh iarrtasan maoineachaidh, agus tha Tony Robson a’ stiùireadh leasachadh na slighean ùra, a’ dèanamh cinnteach gum bi beingean plastaig ath-chuairtichte, geataichean fèin-dùnadh agus puist-comharraidh air an cuir a-steach air gach slighe.
Tha a’ chuibhreann den t-slighe eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean a’ dol a cheangal an dà bhaile ri chèile, agus gabhaidh e a-steach dà chuairt eile a’ leigeil le daoine dà làrach ionadail a ruighinn: long-bhriste an Wyre Law, tràlair a chaidh a chall ann an 1952, agus Caisteal Mhic Creacail, tobhta càrn seòmarach bho Linn Ùr na Cloiche.

Thuirt cathraiche a’ bhuidheann slighe, Don MacIlleathain: “Tha e math dha rìribh a’ faicinn gu bheil obair a’ tòiseachadh air a’ chuibhreann seo anns an Rubha, agus tha sinn gu math toilichte gun gabh an slighe a-steach dà làrach de ùidh ionadail, long-bhriste an tràlair 1950an Wyre Law agus càrn seòmarach Caisteal Mhic Creacail, a thuilleadh air a bhith a’ fosgladh slighe sàbhailte coiseachd agus baidhsagalachd eadar an dà bhaile. Taing do ar maoineacharan uile, agus do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson cuideachadh le ar iarrtasan agus toiseach-tòiseachaidh na h-obrach.”
Air a stiùireadh le Inspiring Scotland airson Riaghaltas na h-Alba, chaidh tabhartas £80,920 aontachadh anns an Dàmhair an uiridh agus tha e a’ togail air obair-càraidh aig Steapaichean Shiuilisiadar, 88 seann steapaichean a tha a-nis a’ toirt inntrigeadh sàbhailte do gheodha a tha mòr-chòrdte am measg shnàmhadairean. Chuir Falmadair, Urras Mara Leòdhas a Tuath, fàilte air an obair airson na steapaichean a leasachadh.
Tha Comhairliche Coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Tony Robson, air a bhith an sàs ann an leasachaidh an t-slighe anns an fharsaingeachd bho thòisich an t-obair, agus tha e fìor thoilichte gu bheil a’ chuibhreann seo a’ tighinn ri chèile a-nis. “Cheangal seann shlighean iomadh baile air an eilean, agus bha an slighe eadar na Fleisirean agus Siuilisiadar air crìonadh gu bhith cha mhòr neo-shiùbhlach airson a’ mhòrchuid de luchd-coiseachd, agus fiù’s na bu duiliche dhaibhsan le pramaichean agus baidhsagalan. Tha bogadh-mòine a’ toirt fiù’s an neach-coiseachd as treuna gu stad. Leis a’ chuibhreann ùr seo, agus ceangal an dà bhaile air falbh bhon rathad thrang, nì e eadar-dhealachadh mòr do luchd-fuirich nam baile a dh’fhaodas coiseachd neo baidhsagaladh airson ceilidh air caraidean agus teaghlach.”
Tha an t-obair eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean air a lìbhrigeadh le Macleod Contractors bhon Rubha, agus bidh e deiseil ro dheireadh na Màrt 2022.
Photo C-D: Mìcheal Dunn, DI MacSuain (Manaidsear, PST), Tom Clark, Chris Tom MacCoinnich (PSCCP), Matt Bruce (PSCCP), Derek MacLeòid (Cùmhnantair), Alasdair MacNeacail (Comhairliche Coimhearsnachd, PST), Tony Robson (Comhairliche Coimhearsnachd, PST), Nicola NicSuain (PSCCP).
Creideas dealbhan: Sandie Maciver. SandiePhotos
Click to read this article in English.
