Nollaig Chridheil aig cafaidh pop-up airson dementia

Tha Alzheimer Alba air a bhith a’ ruith cafaidh pop-up gu math soirbheachail ann an Café Roo aig Àros an Rubha le taic bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Chaidh an cafaidh miosail “Forget Me Not” a chuir air dòigh airson taic a thoirt do dhaoine le dementia agus an luchd-cùram, ach tha a h-uile duine a’ faighinn fàilte thuige, a rèir an t-amas airson coimhearsnachd càirdeil ri dementia a thogail tro na h-Eileanan an Iar. A’ tabhairt ceòl beò bho neach-ciùil ionadail eadar-dhealaichte gach mios, tha na seiseanan aig an t-ionad coimhearsnachd Àros an Rubha a’ gabhail a-steach iomadach òran mòr-chòrdte, aghaidhean càirdeil agus deochan teth le pìos cèic, agus tha barrachd dhaoine air a bhith a’ tighinn thuca gach mios bho thòisich iad anns an Iuchar.

Thuirt Comhairliche Dementia, Angela NicLeòid: “Mar a tha fios aig daoine, chan eil dementia na phàirt àbhaisteach den aois. Tha e air adhbharachadh le galairean a tha ag atharrachadh structar agus ceimigeachd na h-eanchainn, agus tha e ag ainmeachadh buidheann de chomharran a dh’fhaodas gabhail a-steach call cuimhne, duilgheadasan le planadh, fuasgladh-cheistean neo cànan, agus uaireannan atharrachadh ann am modh neo dòigh-ghiùlain. Chan eil dementia dìreach mu dheidhinn a bhith a’ call do chuimhne, ged a dh’fhaodas sin a bhith am measg na comharran. Tha obair for-ruigheachd coimhearsnachd na phàirt cudromach de na tha sinn a’ dèanamh aig Alzheimer Alba, agus tha sinn airson gum bi fios aig a h-uile duine mu dheidhinn ar seirbhis ionadail an seo anns na h-Eileanan an Iar, gus nach fheum duine sam bith dhol an aghaidh dementia leotha fhèin.

Chur na seiseanan miosail crìoch air a’ bhliadhna le tachartas sònraichte Nollaig air an t-18mh den Dùbhlachd, leis an neach-ciùil ainmeil ionadail Iain ‘Costello’ MacIomhair a’ nochdadh airson iomadach òrain mòr-chòrdte a chluich.

Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain: “Choinnich sinn le Angela airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an smuain aice cafaidh dementia a chuir am bogadh ann an sgìre an Rubha nas tràighe anns a’ bhliadhna, agus bha sinn gu math toilichte taic a thoirt do dh’oidhirpean Alzheimer Alba leis an obair for-ruigheachd aca airson coimhearsnachd càirdeil a thogail airson daoine le dementia agus na teaghlaichean aca. Tha na seiseanan air fàs gu math trang agus tha iad nan cothrom mìorbhaileach do dhaoine a thighinn còmhla airson ceòl ionadail a chluinntinn agus beagan cabadaich a dhèanamh. Tha sinn cuideachd a’ tabhairt cleachdadh de mion-bhus URS airson daoine le duilgheadasan còmhdhail – ma tha duine airson am bus a chleachdadh airson faighinn chun an cafaidh, cur fios thugainn.”

Thuirt Angela NicLeòid cuideachd: “Chaidh fàilte a chuir oirnn le toileachas, àrainneachd taiceil agus tabhartas £500 bho URS airson toiseach-tòiseachaidh – tha sinn an dòchas – air coinneamhan cafaidh ionadail air feadh na h-eileanan. Tha sinn cuideachd gu math fortanach gu bheil luchd-ciùil ionadail air a bhith cho deònach taic a thoirt dhuinn, agus mar sin tha sinn gu mòr an comain ri Aonghas (Aonghasan) MacDhòmhnaill, Iain (Tonkan) MacDhòmhnaill, John Masterson, Emily Dawn Lawson, Murdigan MacDhòmhnaill, DB MacLeòid, Margo NicIlleathain, Cathey NicArtair agus Costello.”

Cumaidh an cafaidh Forget Me Not a’ dol anns an Rubha anns a’ bhliadhna ùr, le cinn-là ri ainmeachadh anns an Fhaoilleach.

Creideas Dealbhan: SandiePhotos

Click to read in English.