URS a’ cur fàilte air Buill-Bùird ùra

The Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air fàilte a chuir air dà bhall ùr don Bhòrd aca, a’ neartachadh riochdachadh ionadail agus a’ toirt a-steach barrachd eòlas bhon choimhearsnachd. Tha Gillian NicCoinnich agus Anna Moireach a-nis air a’ Bhòrd le gealltanas eatarra airson taic a thoirt do obair leantainneach URS ag ionmhasadh ann an daoine, àiteachan agus cothroman air feadh an Rubha, Sanndabhaig, agus na h-Eileanan an Iar anns an fharsaingeachd.

Tha Gillian a’ tighinn don Bhòrd mar riochdaire airson Sràid a Tuath, Sanndabhaig. Tha Gillian air a bhith a’ fuireach air an t-Sràid a Tuath fad a beatha. Chaith i trì bliadhnaichean na h-oileanach ann an Glaschu mus do thill i dhachaigh, far a bheil i a’ fuireach leis an teaghlach aice. Tha i ag obair mar Neach-Taice Teaghlach le Seirbhis Bliadhnaichean Òga a’ Chomhairle, agus tha i gu mòr an sàs na coimhearsnachd mar bhall den bhuidheann Ionmhas Coimhearsnachd Sràid a Tuath agus mar Rùnaire air Comhairle Phàrantan Bun-sgoil Steòrnabhagh.

A bruidhinn mu dheidhinn a co-dhùnadh a thighinn don Bhòrd, thuirt Gillian: “Tha mi air a bhith a’ leantainn an t-obair iongantach aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson greis a-nis, agus bu toil leam taic sam bith as urrainn dhomh a thoirt airson dèanamh cinnteach gum bi pròiseact cho luachmhor do ar coimhearsnachd a’ cumail a’ dol.”

Tha Anna cuideachd air a thighinn air Bòrd URS a-nis, a’ toirt leatha eòlas bho foghlam agus obair coimhearsnachdail. Chaidh a rugadh agus a thogail ann an Aiginis, agus thill Anna an sin airson fuireach ann leis an duine aice agus dà nighean an dèidh a bhith na h-oileanach ann an Glaschu agus grunnan bhliadhna a chur seachad ann an Sanndabhaig. ’S e tidsear bun-sgoil a th’innte aig Bun-sgoil Steòrnabhagh, agus tha i an-dràsta na pàirt de Chomataidh Ionaltraidh Aiginis.

Thuirt Anna: “Tha an t-obair a tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ dèanamh air a bhith fìor iongantach. Tha buaidh mòr air a bhith aig maoineachadh URS air ar coimhearsnachd ionadail, gu h-àraidh airson daoine òg, agus mar sin b’e co-dhùnadh furasta a bh’ann a thighinn don Bhòrd. Tha mi an dòchas cuideachadh a thoirt do URS airson an t-obair mìorbhaileach aca a chumail a’ dol.”

A’ cur fàilte air na buill-bùird ura, thuirt Cathraiche URS Tormod MacCoinnich: “Tha sinn cho toilichte ’s a ghabhas fàilte a chuir air Gillian is Anna don Bhòrd. Tha an dithis aca a’ toirt leotha eòlas ionadail làidir, eòlas proifeiseanta luachmhor, agus fìor ghealltanas do na coimhearsnachdan aca. Bidh na geur-bheachdan agus dìorrasachd aca nam buannachdan cudromach le URS a’ cumail oirnn a’ toirt taic do phròiseactan agus iomairtean a tha a’ lìbhrigeadh buannachdan leantainneach sòisealta, eaconomaigeach, agus àrainneach.”

’S e buidheann coimhearsnachd a th’ann an Urras an Rubha agus Shanndabhaig, ag obair airson taic a thoirt do leasachadh sòisealta, eaconomaigeach agus àrainneach ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig agus na h-eileanan anns an fharsaingeachd. Tha an t-Urras ag ath-ionmhasadh cosnadh bho na muilnean-gaoithe aca do phròiseactan, seirbhisean agus iomairtean ionadail a tha a’ toirt buaidh air beathan làitheil muinntir an sgìre.

Pictured above: PST Staff, ESU and Board members, SandiePhotos

Click to read in English.