
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), air a bhith ainmichte mar chrìochaiche ann an Duaisean Iomair Sòisealta na h-Alba 2025, anns an roinn IDBM: Togail Beartas Coimhearsnachd. Tha an duais a’ toirt aithneachadh do iomairtean sòisealta, co-chomainn, agus dòighean-obrach deamocratach a tha a’ lìbhrigeadh buannachdan mòra do choimhearsnachdan ionadail.
Tha URS air an geàrr-liostadh còmhla ri BRAG Enterprises, Bùth Bharraigh, Co-chomann Ath-ùrachail an t-Eilean Sgiathanach, Scarf, agus Co-chomann Dachaighean Granton an Iar.
Chaidh Urras an Rubha agus Shanndabhaig a stèidheachadh airson cosnadh leantainneach a ghineadadh bho na trì muilnean-gaoithe coimhearsnachd aca, agus thathar ag ionmhasadh prothaidean ann am pròiseactan a tha a’ brosnachadh fallaineachd sòisealta, foghlamail, cultarail agus àrainneachd sluagh nan Eilean Siar, le amas air choimhearsnachdan an Rubha agus Shanndabhaig.
Tha an t-Urras fo shealbh coimhearsnachd 100%, agus a thuilleadh air maoineachadh thabhartasan, thathar a’ lìbhrigeadh na h-iomairtean aca fhèin. Tha an t-Ionad Taic Lùth, làn-mhaoinichte leis an Urras, a’ sabaid ìrean àirde de bhochdainn connadh anns an sgìre le bhith a’ toirt sgrùdaidhean, comhairle, agus tabhartasan air an lìbhrigeadh le Comhairleachah Mùirneag. Bho chaidh a chuir am bogadh, tha an seirbheis air obraichean a chruthachadh, taic a thoirt do còrr air 400 teaghlaich agus còrr air £353,000 a thoirt ann an tabhartasan do luchd-fuirich fo èiginn, mòran dhiubh ann am bochdainn-connadh fìor dhona.
Bho 2015, tha an t-Urras air còrr air £2.38 millean ionmhasadh ann an 66 buidheann, taic a thoirt do phlanntadh còrr air 210,000 craobhan dùthchasach agus seann Sgoil a’ Chnuic a thionndadh na ionad-coimhearsnachd le cumhachd ath-ùrachail, Àros an Rubha. Tha a h-uile pròiseact air a stiùireadh le conaltraidhean coimhearsnachd tric, airson dèanamh cinnteach gu bheil maoineachadh a’ freagairt feuman ionadail.
Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn cho toilichte a bhith air ar geàrr-liostadh ann an Duaisean Iomairt Sòisealta na h-Alba am bliadhna. Tha an roinn seo gu h-àraidh cudromach dhuinn, oir tha e a’ freagairt na h-amasan airson gun do stèidhich sinn URS, a’ togail beartas coimhearsnachd tro bhith a’ toirt taic do fhallaineachd anns an sgìre ionadail. Tha an tagradh a’ sealltainn uiread de dh’oidhirp a tha an sgioba, am bòrd agus com-pàirteacharan a’ cuir a-steach don obair againn, agus an gealladh airson prothaidean an tuathanas-gaoithe aig Beinn Ghrideag a chleachdadh airson buannachd fad-ùine ionadail.”
Thèid na buidheann a bhuannaicheas Duaisean Iomairt Sòisealta na h-Alba 2025 ainmeachadh ro dheireadh na bliadhna.
