Urras an Rubha agus Shanndabhaig ag ainmeachadh tabhartasan-coimhearsnachd agus taic ri teachd airson lùth

Bha Coinneamh Bliadhnail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URAS) ann air Dimàirt 22mh Samhain, far an do dh’ainmich iad sreath de thabhartasan-coimhearsnachd agus planaichean airson Ionad Taic Lùth ùr a chuidicheas daoine a tha a’ cuir feum air anns an sgìre ionadail aca.

Thug an carthannas tuathanas-gaoithe an naidheachd do na buill aca gu bheil am program-tabhartas aca slàn a-rithist, seach gu bheil am buaidh bhon bhriseadh-càball ann an 2020 a rinn sgrios air a’ chosnadh aca bhon tuathanas-gaoithe a-nis air an cùlaibh. Tha seo air leigeil leotha na tabhartasan-cosnaidh bliadhnail a thòiseachadh a-rithist, mar eisimpleir £55,000 gach bliadhna gu Ospais Bhetesda agus £5,000 gu Comhairlean Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig gach fear. Am measg na tabhartasan eile bha £9,888 gu Comataidh Cladh Aiginis agus £5,000 don bhuidheann càirdeas ionadail Càirdean Òg Allt nan Gall.

Thug Manaidsear Dòmhnall Iain MacSuain aithisg air na rinn URAS thairis air 2022 agus thuirt e: “Tha an naidheachd gun urrainn dhuinn taic-tabhartas a thoirt don choimhearsnachd a-rithist fìor mhath, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ris an taic seo a chumail a’ dol, a’ cuir buaidh a’ bhriseadh-càball ann an 2020 gu tur air ar cùlaibh.”

Chaidh planaichean airson Aonad Taic Lùth ùr fhoillseachadh aig a’ choinneamh cuideachd airson taic a thoirt do dhaoine a tha a’ cur feum air ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig. Bidh Iain (Dan) Moireasdan agus Stewart Wilson (a b’àbhaist a bhith ag obair aig Tighean Innse Gall) a’ dealbhachadh agus a’ lìbhrigeadh an t-Aonad Taic Lùth ùr le maoineachadh bho URAS, agus a’ dèanamh feum den eòlas innleachd agus obrachaidh aca. Thèid barrachd fiosrachadh ainmeachadh nuair a thèid an t-Aonad ùr a chuir am bogadh air 1 Dùbhlachd.

Thuirt Cathraiche URAS Tormod MacCoinnich mu dheidhinn an seirbhis ùr: “Tha URAS ag obair airson taic targaidichte a thoirt dhaibhsan anns a’ choimhearsnachd againn aig a bheil feum mòr air, gu h-àraidh ann am meadhan an t-èiginn cosgais-beatha agus lùth a tha seo. Thèid fisorachadh air an taic practaigeach a chuir air làrach-lìn URAS anns na seachdainean ri teachd, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le Dan agus Stewart, a’ cleachdadh an t-eòlas farsaing aca airson taic a thoirt do dhaoine ann an èiginn ann an sgìre URAS.”

Dh’ainmich URAS cuideachd gu bheil neach-obrach ùr air an sgioba aca a-nis. Tha Catherine Ann Nic a’ Ghobhainn a’ dol dhan Sgioba Rianachas mar Mhanaidsear Ionmhas, a’ togail an sgioba gu 3 luchd-obrach làn-ùine. Thuirt Catherine Anne: “Tha mi cho toilichte sa ghabhas leis an dreuchd ùr agam le URAS, agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris a h-uile duine. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ dèanamh uiread de dh’eadar-dhealachadh nar coimhearsnachd, agus tha a h-uile duine anns an Urras cho dleastanach mu dheidhinn an sgìre a bhrosnachadh agus a leasachadh. Bidh e mìorbhaileach a bhith na mo phàirt dhe uile.”

Click to read this article in English

Photo: SandiePhotos