
Manaidsear PST Dòmhnall Iain MacSuain le Comhairlichean Coimhearsnachd Tony Robson agus Alasdair MacNeacail
Bha coinneamh bliadhnail aig a’ charthannas tuathanas-gaoithe Urras an Rubha agus Shanndabhaig (PST) air Dimàirt 16mh Samhain, far an do dh’fhoillsich iad uiread de mhaoineachadh taobh a-muigh a tha iad air tarraing don sgìre.
Bhruidhinn manaidsear PST, Dòmhnall Iain MacSuain, mu dheidhinn na rinn iad tron bhliadhna agus mu dheidhinn an t-obair a tha Comhairlichean Coimhearsnachd Tony Robson agus Alasdair MacNeacail a’ dèanamh. Tha an dithis aca ag obair gu dlùth le iomadh buidhean coimhearsnachd ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig, a’ tabhairt ùine agus taic do bhuidhnean aig a bheil ùidh ann a bhith a’ leasachadh am pròiseactan fhèin. Anns an dòigh seo, tha PST a’ tabhairt an t-eòlas aca airson buidhnean ionadail a chuideachadh. Tha an t-obair aca a’ gabhail a-steach stiùireadh air tairgseachadh, iarrtasan-maoineachaidh, dealbhadh teicniceach agus comhairle is taic a thaobh iarrtas airson ìre carthannach. Tha an t-obair seo na dhòigh eile anns a bheil PST ag amas air a bhith a’ brosnachadh fallaineachd coimhearsnachd.
A dh’aindeoin strìthean a’ ghalair-cruinne Covid, agus a’ bhuaidh a bha aig a’ bhriseadh-càball SSE air cosnadh an tuathanas-gaoithe, tha Tony agus Alasdair air £301,764 de mhaoineachadh fhaighinn airson buidhnean ionadail anns a’ bhliadhna mu dheireadh. Tha seo a’ ciallachadh gun tug PST £708,713 de mhaoineachadh bhon taobh-a-muigh a-steach don choimhearsnachd anns na 5 bliadhna mu dheireadh. Am measg na buidhnean ionadail a tha air buannachd fhaighinn tha Slighe Costa an Rubha agus Shanndabhaig, Muileann Gharrabost, Buidheann Càirdeas an Rubha agus Shanndabhaig, Càirdean Òg Allt nan Gall, Sgioba Ball-Coise an Rubha, Urras Stòras an Rubha agus iomadh eile.
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, “Mar a tha fios aig daoine, bha buaidh mhòr aig a’ bhriseadh-càball air a’ charthannas tuathanas-gaoithe agus dh’ainmich sinn anns an Dàmhair gum bi e anmoch ann an 2023 mus bi an tuathanas-gaoithe air stòras airgead a thogail agus gu faod tabhartasan maoineachaidh tòiseachadh a-rithist. Ach tha Alasdair agus Tony air cumail a’ dol gu neo-ghealtach. Tha e na theisteanas mhòr air cho dìleas sat ha iad gu bheil iad air uiread de mhaoineachadh bhon taobh-a-muigh a thoirt a-steach don sgìre againn, £700,000 a thuilleadh air airgead bho cosnadh an tuathanas-gaoithe.”
Cuideachd a’ bruidhinn aig a’ choinneamh bliadhnail bha Stiùiriche Leasachaidh Cumhachd an Rubha agus Shanndabhaig, Calum MacDhòmhnaill, agus dh’aithris e gu bheil na trì muilnean-gaoithe aig Beinn Ghrideag air ais ag obair gu h-àbhaisteach. Thuirt e cuideachd, “Tha trioblaidean beaga air a bhith againn, gu nàdarrach, le bhith ag ath-thòiseachadh as dèidh 11 mìosan de bhriseadh-obrach, ach air an deireadh-sheachdain a chaidh seachad bha an tuathanas-gaoithe air ais gu toradh slàn agus nì sinn a h-uile càil as urrainn dhuinn airson tabhartasan carthannach bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig a thòiseachadh a-rithist cho luath sa ghabhas.”
Bha riochdairean bho Engie, an companaidh a tha air a bhith a’ ceannachd cumhachd bho tuathanas-gaoithe Beinn Ghrideag bho thòisich e ann an 2016, cuideachd a’ bruidhinn aig a’ choinneamh bliadhnail, le Jake Yeeles a’ bruidhinn mun trioblaid a tha air a bhith anns a’ mhargaid-cumhachd o chionn ghoirid, an adhbhar air a shon agus cuin a tha e buailteach stòltachadh a-rithist. Bhruidhinn Aidan Connolly mu dheidhinn duilgheadasan teicniceach ceangailte ri moladh PST airson bataraidh mòr a shuidheachadh airson griod Leòdhas agus na Hearadh a stòltachadh, agus dèanamh cinnteach nach biodh briseadh-càball eile a’ ciallachadh gum feumadh a h-uile tuathanas-gaoithe a bhith a’ dùnadh, mar a thachair anns a’ bhliadhna mu dheireadh.

Jake Yeeles, ENGIE, a’ bruidhinn aig coinneamh bliadhnail PST 2021
Dealbhan le Sandie Maciver
Read this article in English.
