Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ tabhairt £55,000 bliadhnail do Ospais Bhetesda

Mar an t-aon ospais a’ seirbhiseadh na h-Eileanan an Iar, tha Ospais Bhetesda na sheirbhis deatamach a’ toirt taic do euslaintich-fuirich agus a’ tabhairt cùram-faochaidh do dhaoine le aillse agus tinneasan adhartach eile ann an Leòdhas agus na Hearadh. Tha na cosgaisean-ruithe bliadhnail de £450,000 eisimeileach air tabhartasan carthannach agus togail-airgid bhon choimhearsnachd, obair a tha Manaidsear Ionmhas Joanne Fearghasdan ag ràdh a tha a’ fàs nas duilghe le mar a tha an t-èiginn cosgais-beatha a’ doimhneachadh: “Feumaidh sinn a-nis togail air £450,000 gach bliadhna a thogail airson an Ospais a chumail fosgailte. Le cosgais-beatha a’ toirt buaidh air a h-uile duine, tha seo a’ fàs nas duilghe a dhèanamh gach bliadhna agus tha e a’ ciallachadh gu bheil an t-Ospais fo chunnart dùnadh.”

Tha pàirt den bheàrn-maoineachaidh air a lìonadh gach bliadhna le tabhartas £55,000 bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a rinn an tabhartas as ùra aca don Ospais o chionn ghoirid. Gheall URS maoineachadh bliadhnail do Bhetesda an toiseach ann an 2009, sia bliadhna mus robh na muilnean-gaoithe coimhearsnachdail aca aig Beinn Ghrideag a’ ruith. Tha an tabhartas bliadhnail, a tha a’ tighinn bho chosnadh an tuathanas-gaoithe, air a ghealltainn airson beatha 25-bliadhna nam muilinn.

Thuirt Manaidsear URS DI MacSuain: “Tha Betesda air buintinn do iomadh beatha anns na h-Eileanan an Iar agus tha am buidheann a’ cluich pàirt chudromach an seo. B’e an gealladh 25-bliadhna againn airson tabhartas de £55,000 a’ chiad geall-airgead a rinn URS, agus tha sinn toilichte, bliadhna as dèidh bliadhna, a bhith ga onaradh.”

Thuirt Joanne Fearghasdan: “Tha an tabhartas £55,000 bho URS na chuideachadh mòr a thaobh cosgaisean-ruithe an Ospais, agus tha mi airson innse a-rithist cho taingeil ’s a tha sinn do Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Tha an tabhartas bliadhnail de £55,000 a tha iad cho fialaidh le bhith a’ toirt do Ospais Bhetesda a’ dèanamh eadar-dhealachadh iongantach dhuinn.

“Tha an coimhearsnachd a’ cumail orra a bhith gu math fialaidh do Ospais Bhetesda cuideachd, agus tha sinn a’ cumail oirnn a’ cuir tachartasan-maoineachaidh air dòigh. ’S e an ath thachartas ar Co-Fharpais Goilf Meadhan-Samhraidh air Dihaoine 21 Òg-Mhios 2024, agus as dèidh sin tha ar Oidhche Togail-Airgid againn le buffet 3-cùrsa Innseanach agus ceòl air Disathairne 22 Òg-Mhios 2024 aig Cluba Goilf Steòrnabhagh.”

Photo credit: SandiePhotos

Click to read this article in English.