Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ pàigheadh a-mach £250,000 airson bochdainn-connadh a shabaid anns na h-Eileanan an Iar

Tha tuathanas-gaoithe coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar a’ gairm cho soirbheachail ’s a tha an t-Aonad Taic Lùth aca, seirbheis dìomhair a tha ag amas air buaidh bochdainn-connadh a lùghdachadh. Thairis air na 18 miosan mu dheireadh, tha iomairt Urras an Rubha agus Shanndabhaig air £250,000 a phàigheadh a-mach airson èiginn bochdainn-connadh a shabaid anns na coimhearsnachdan croitearach anns an Rubha agus Sanndabhaig ann an Eilean Leòdhais. Tha am maoineachadh deatamach seo air cuideachadh mòr a thoirt do theaghlaichean a tha a’ dèiligeadh ri ìre gu math àrd de bhochdainn connadh, a tha a’ toirt buaidh air 55% de luchd-fuirich – dhà neo trì turais a bharrachd nan a h-àireamhan air tìr-mòr.

Chaidh na tabhartasan, mu £1,000 gach teaghlach gu cuibheasach, a thoirt a-mach gu faiceallach a rèir feum, leis an fheadhainn anns an èiginn as motha a’ faighinn suas ri £1,500. Tha an targaideadh seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan cuingichte a’ ruighinn iadsan anns an èiginn as motha, a’ toirt buaidh mòr air a’ chomas aca an taighean a theasachadh agus a bhith beò gu cofhurtail. Tha an t-Aonad Taic Lùth (ATL) air a mhaoineachadh leis an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd URS agus air a ruith le Comhairleachadh Mùirneag air leth an t-Urras.

A thuilleadh air taic airgid, tha an t-Aonad Taic Lùth air pacaidean-geamhraidh a thoirt do theaghlaich, le dehumidifiers nan cois, airson dampachd a shabaid agus bacadh a chuir air clòimh-liath. Tha na h-innealan seo a’ leasachadh cumhaichean-beatha agus cuideachd a’ lùghdachadh cunnartan-slàinte a tha an cois àrainneachd le dampachd. Tha maoineachadh na tabhartasan cuideachd a’ còmhdachadh na cosgaisean-ruidhe beaga de na h-innealan sin, a’ toirt barrachd cuideachadh do luchd-faighinn na tabhartasan.

Fhuair Gordon Watt dehumidifier mar phàirt den sgeama airson co-dhlùthachadh agus clòimh-liath a shabaid anns an dachaigh aige, gu h-àraidh ann an seòmar-cadal aon de na clann òg aige. Tha an dehumidifier air a bhith gu math èifeachdach a’ lùghdachadh ìrean uisge anns an adhair gu ìrean nas iomchaidh, agus mar sin a’ cur bacadh air clòimh-liath. Thuirt Gordon: “Tha e sgoinneil agus tha e a’ toirt uiread de bhùrn a-mach às an adhair gach là. Tha mi cho taingeil do Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Mùirneag airson an cuideachadh.”

Thuirt Stiùbhart Wislon, Stiùiriche Comhairleachadh Mùirneag: “Tha an t-Aonad Taic Lùth againn air a bhith na chuideachadh mòr do iomadh teaghlach ann an sgìre Urras an Rubha agus Shanndabhaig, chan ann a-mhàin a’ tabhairt cuideachadh le airgead ach dòigh-fuasglaidh practaigeach airson an suidheachadh-beatha a leasachadh. Tha sinn a’ gealltainn gun cùm sinn oirnn le ar n-oidhirpean bochdainn-connadh a shabaid agus maitheas-beatha ar coimhearsnachd a bhrosnachadh.”

Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha buaidh mòr air a bhith aig ar Aonad Taic Lùth, agus tha sinn taingeil mu dheidhinn daingneachd Chomhairleachadh Mùirneag le bhith a’ ruith an seirbheis deatamach seo. Tha an sgioba a’ dèanamh obair mhìorbhaileach, a’ cleachdadh an sàr-eòlas mu bhochdainn-connadh agus taic gu coibhneil agus gu sgileil. Tha URS gu math toilichte leis an sgeama ru ruige seo, agus toilichte a chluinntinn gu bheil buaidh cho math aige air daoine gu h-ionadail.”

Click to read this article in English.