Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ coimhead air adhart ann an oifisean ùra aig Àros An Rubha

 

Bha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ comharrachadh tilleadh gu na h-oifisean aca aig Àros An Rubha leis an Là Bliadhnail aca a ghabh àite an t-seachdain sa chaidh. Ghluais URAS gu h-oifigeil a-mach à seann Sgoil a’ Chnuic anns a’ Mhàirt 2021 airson gu faodadh an t-obair ath-nuadhachaidh a dhèanamh, agus airson gu faodadh Bùth an Rubha a bhith fosgailte fhad’s a bha an t-obair a’ dol. Chaidh an samhradh a chaitheamh a’ dèanamh an t-àite deiseil airson gnìomhachas a thighinn air ais chun an togalach, agus chuir Manaidsear DI MacSuain agus Manaidsear Oifis Bern Smith fàilte air Bòrd URS agus comhairlichean air ais chun an togalach airson là co-òrdanachadh agus planadh air Dimàirt 27mh Sultain.

Chaidh naidheachd a thoirt air pròiseactan a tha a’ dol air adhart anns a’ choimhearsnachd, mar eisimpleir Pròiseact Croitean Coillteach, com-pàirteachas eadar URS agus Urras nan Coille Alba. Thug Robin Reid, Comhairliche le Pròiseact Croitean Coillteach, taisbeanadh air an obair a tha e fhèin agus Viv Halcrow air a bhith a’ dèanamh. Dh’innis e gu bheil 18,000 craobhan air an clàradh airson an t-seusan planntaidh 2022/23 anns na h-Eileanan an Iar, a thuilleadh air na 160,000 craobhan dùthchail a chaidh a phlanntadh bho thòisich am pròiseact ann an 2016. Dh’innis Robin cuideachd mu dheidhinn an suirbhidh de chraobhan dùthchail a rinn am pròiseact ann an Leòdhas agus na Hearadh anns an Lùnastal, agus thèid na toraidhean bhon suirbhidh fhoillseachadh a dh’aithghearr.

Chualar cuideachd bho Alasdair MacNeacail agus Tony Robson, Comhairlichean Coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a thug aithris air an obair aca a’ faighinn maoineachadh agus a’ manaidseadh-pròiseact airson na cuibhreannan as ùra de Shlighe an Rubha agus Shanndabhaig ann an 2022. Nam measg tha slighe ùr a’ ceangal Siadar agus na Fleisirean, agus cuibhreann 1 cileameatair a dh’fhaide a’ ceangal slighean bho Steòrnabhagh gu Cuimhneachan na h-Iolaire aig Rubha an Tolm. Chaidh am pìos sin a chruthachadh gu faiceallach airson cuimhneachain sglèat a bhith ann airson a h-uile duine a chaith a chall an an sgrios na h-Iolaire ann an 1919, agus chaidh sìtheanan fiadhaich a phlanntadh ri taobh an t-slighe a rinn sealladh brèagha anns an t-samhradh.

Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain, mu dheidhinn an là: “Bha e math dha rìribh cuireadh a thoirt dhan a h-uile duine an sàs ann an Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson pàirt a ghabhail anns an Là Bliadhnail againn, agus bruidhinn air na tha ri teachd airson a’ bhuidheann. Tha an togalach ùr a’ coimhead mìorbhaileach agus tha sinn a’ toirt meal an naidheachd do Urras Stòras an Rubha airson an obair chruaidh aca a’ toirt gu bith am bruadar a bh’aca airson ionad coimhearsnachd. Tha URS a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair anns na h-oifisean ùra againn agus a’ sgrùdadh ciamar as fheàrr dhuinn taic a thoirt do ar coimhearsnachd ionadail leis a’ chosnadh bho muilnean-gaoithe Beinn Grìdeag anns na làithean duilich seo de bhochdainn-connadh agus èiginn cosgais-beatha.”

Tha taing a’ dol gu Taighean-Òsta Cala airson frithealadh air an là, agus gu Murchdadh MacDhòmhnaill bho Oifis 21 airson an cuideachadh a thug e ann a bhith ag àirneiseadh an oifis ùr.

Click to read article in English