Turas iongantach airson Comann Coimhearsnachd P2B

Bha Turas Bus Bliadhnail Chomann Coimhearsnachd P2B air 23 Lùnastal gu math soirbheachail, le luchd-fuirich 60+ bliadhna a dh’aois bho Ceann nam Buaile, Oighreachd MhicCoinnich, Tolm, Rathad Thuilm, Mealabost, Bràigh na h-Aoidhe agus Rathad a’ Bhràighe a’ dol airson cuairt thaitneach timcheall an Taobh Siar agus Nis.

Thòisich an là le turas timcheall air an Taobh Siar, a’ stad airson diathad aotrom aig Taigh-Òsta Doune Braes mus do thadhail iad air Baile-Thùghach Geàrrannan. Chòrd Geàrrannan riutha gu mòr, le iomadh luchd-tadhail a’ sealltainn mun cuairt a’ bhaile eachdraidheil agus ag èisteachd ri sgeulachdan mu dheidhinn làithean a dh’fhalbh.

Chùm an turas air chun an Taigh-Solais aig Rubha Robhanais ann an Nis, mus do thadhail iad air a’ Bhùth Carthannas agus Bùth Chrois, far an do ghabh a h-uile duine pàirt ann a bhith a’ ceannachd mar na Nisich. Chrìochnaich an là le dìnnear sgoinneil aig an taigh-òsta ann am Borgh, mus deach a h-uile duine dhachaigh.

Chòrd an turas ris a h-uile duine a ghabh pàirt ann, agus iad a’ faighinn cothrom an dà chuid seallaidhean an t-eilean fhaicinn agus airson a thighinn còmhla mar nàbaidhean agus caraidean.

Thuirt Comann Coimhearsnachd P2B mun turas: “Tha sinn cho toilichte ’s a ghabhas gun tàinig uiread de luchd-fuirich còmhla rinn air an turas bliadhnail, agus abair gun do chòrd e riutha uile! Tha P2B a’ toirt taing mhòr don Chomhairliche Seòras Moireach airson maoineachadh-uàird a thoirt dhuinn airson an turas, agus do Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson an taic-airgead leantainneach fialaidh aca. Taing shònraichte cuideachd do A. Maclennan Motors airson am bus a thabhairt agus don dràibhear sgoinneil againn, Iain. Taing cuideachd do Thàigh-Òsta Doune Braes, Tàigh-Òsta Thaigh-Dùthaich Bhorgh, Baile-Tùghach Gheàrrannan, Bùth Chrois, Bùth Charthannas Nis agus a h-uile duine a chuidich sinn air an t-slighe.”

Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche URS: “Tha sinn air a bhith gu math toilichte taic a thoirt do ghnìomhan P2B, agus tha coltach gun robh an turas bus samhraidh làn spòrs don a h-uile duine. Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn uiread de luchd-fuirich a’ dol don bhuidheann am bliadhna – tha seo a’ sealltainn cho luachmhor ’s a tha spiorad coimhearsnachd agus gnàthan-eòlas comannach. Abair obair math!”

’S e buidheann saor-thoileach a th’ann an Comann Coimhearsnachd P2B a tha feumach air togail-airgid agus maoineachadh airson tachartasan agus gnìomhan a chuir air dòigh airson luchd-fuirich ann am bailtean ionadail.

Creideas dealbhan: SandiePhotos

Click to read this article in English.