
Tha an carthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air an tabhartas bliadhnail aca de £55,000 a thoirt do Ospais Bhetesda, an t-aon ospais a tha stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar. Thèid an tabhartas a thaobh cosgaisean-ruith an Ospais agus tha e na phàirt de ghealladh bliadhnail Urras an Rubha agus Shanndabhaig de £55,000 airson fad-beatha an tuathanas-gaoithe, agus chaidh a thoirt seachad dìreach 7 miosan as dèidh an tabhartas mu dheireadh a thoirt dhaibh.
Thuirt Joanne NicFhearghais, Oifigear Leasachaidh Ionmhas: “Tha sinn gu math taingeil do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson an taic leantainneach aca airson Ospais Bhetesda. Tha an tabhartas bliadhnail de £55,000 gu math cudromach don obair againn, oir feumaidh sinn £400,000 gach bliadhna airson cosgaisean-ruith agus cumail-suas a phàigheadh. ’S e suim uabhasach mòr a tha seo airson togail, agus tha cosgaisean dìreach a’ fàs.”
Tha am buidheann eisimeileach air togail-maoineachaidh agus tha a h-uile tabhartas-airgid air an cleachdadh airson taic a thoirt don dreuchd aca anns a’ choimhearsnachd. Thuirt Joanne cuideachd, “Tha sinn gu math mothachail gu bheil an coimhearsnachd gu math smuainteach agus fialaidh a thaobh Betesda, agus tha an tabhartas bliadhnail seo a’ dèanamh eadar-dhealachadh mòr. Bu toil leinn taing a thoirt do Urras an Rubha agus Shanndabhaig a-rithist airson an tabhartas seo, a chuidicheas gu mòr le cosgaisean an Ospais.
Thuirt Manaidsear URS Dòmhnall Iain MacSuain, “Chaidh a’ chiad pàigheadh de £55,000 a dhèanamh ann an 2017 agus tha sinn air gealladh a thoirt airson tabhartas bliadhnail airson 25 bliadhna, fad-beatha cuibheasach na muilnean coimhearsnachd againn. Tha Betesda na sheirbhis deatamach airson iomadach duine ann am bailtean an Rubha, Sanndabhaig agus na h-Eileanan an Iar anns an fharsaingeachd, agus tha sinn toilichte an gealladh againn onaradh anns an dòigh seo. Tha uiread againn taingeil gu pearsanta airson an cùram iongantach a tha Ospais Bhetesda a’ toirt don choimhearsnachd againn.”
Thàinig Oifigear Leasachaidh Ionmhas agus Manaidsear Bhetesda, Joanne NicFhearghais agus Carol Somerville, a thadhail air oifisean URS aig Àros an Rubha agus ghabh iad diathad le luchd-obrach agus stiùirichean. A thuilleadh air faighinn an tabhartas as ùra, bhruidhinn am buidheann air obair an Ospais, agus planaichean airson togail-airgid ri teachd.
Anns an dealbh: Toiseach C-D Carol Somerville (Betesda), Rhoda NicCoinnich, Joanne NicFhearghais (Betesda), Tormod MacCoinnich. Cùl C-D Christina Nic a’ Ghobhainn, Catherine Anne Nic a’ Ghobhainn, Eddie MacGriogair, Agnes Rothach, Dòmhnall Iain MacSuain.
Creideas dealbh: SandiePhotos
Click to read this article in English.
