
Thòisich Club Diathad miosail aig Talla Shanndabhaig air Diciadain 23mh Giblean, a’ cur fàilte air daoine bho Ceann nam Buailtean gu Bràigh na h-Aoidhe.
Chaidh an tachartas a chuir air dòigh le Comann Coimhearsnachd P2B (Parkend to Branahuie), buidheann saor-thoileach a tha ag obair gu dìleas air a bhith a’ leasachadh an t-àrainneachd ionadail agus a’ toirt taic do luchd-fuirich a tha so-leònta. An geamhradh a chaidh seachad, bha am buidheann a’ tabhairt seiseanan Ionad Blàths aig Talla Shanndabhaig, fosgailte do dhaoine bho Ceann nam Buailtean, Oighreachd MhicCoinnich, Tolm, Mealabost, Bràigh na h-Aoidhe agus Rathad a’ Bhràighe. A’ tabhairt àite blàth, cofhurtail airson luchd-fuirich a bhith a’ cruinneachadh, bha na feasgairean Ionad Blàths mòr-chòrdte mar phìos den mhìosachan tachartasan ionadail, agus a-nis nan àite bidh an Club Diathad ùr a tha seo. Chaidh cuireadh a thoirt do dhaoine ionadail a thighinn airson diathad an asgaidh fhaighinn agus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan anns an talla, a’ brosnachadh còmhradh coimhearsnachd agus companachd am measg luchd-fuirich.
Tha Marion NicLeòid agus Mairead Nic a’ Ghobhainn nam buill de chomataidh P2B, agus a’ riochdachadh an Club Diathad. Thuirt iad: “Tha ar coimhearsnachd a’ fàs gu luath le leasachadh Oighreachd MhicCoinnich agus barrachd phlanaichean anns an amhairc airson an sgìre. ’S e comann coimhearsnachd gu math beòthail a th’annainn, a’ riochdachadh iomadach tachartas airson taic a thoirt do dh’fhallaineachd. Le cuideachadh Urras an Rubha agus Shanndabhaig tha sinn mòr-thoilichte ar seiseanan coimhearsnachd a thòiseachadh a-rithist leis a’ chiad Club Diathad. Tha beachdan bho luchd-fuirich air a bhith gu math brosnachail dhuinn, agus tha sinn toilichte an seòrsa cuideachadh seo a thabhairt don choimhearsnachd.”
The Comann Coimhearsnachd P2B air a ruith gu saor-thoileach agus an urrachd ri maoineachadh agus tabhartasan-airgid airson a bhith a’ cumail a’ dol. Thug an carthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig £5,000 don bhuidheann am bliadhna, agus tha cuibhreann dhan a sin ga chleachdadh airson na seiseanan Club Diathad agus tachartasan sòisealta eile a chuir air dòigh, mar eisimpleir turas bus anns an Lùnastal. Chùm Marion is Mairead orra: “Tha sinn gu math taingeil airson an taic a tha sinn air fhaighinn bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh. Às aonais an cuideachadh sin, cha b’urrainn dhuinn leth de na h-iomairtean againn a dhèanamh. Tha buaidh ar oidhirpean a’ toirt fìor chuideachadh do dhaoine aosta agus fo èiginn, gu h-àraidh aig àm nuair a tha aonaranachd sòisealta na thrioblaid fàsmhor.”

Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain: “Tha sinn an còmhnaidh toilichte taic a thoirt do na buidhnean comann coimhearsnachd ionadail againn, a tha a’ riochdachadh iomairtean cho cudromach mar an t-Ionad Blàths agus na feasgairean Club Diathad aig Talla Shanndabhaig. Tha P2B a’ dèanamh eadar-dhealachadh mìorbhaileach do dhaoine ionadail anns an sgìre aca, chan ann a-mhàin a’ tabhairt àite blàth airson ùine a chuir seachad ach cuideachd cothroman airson càirdeas agus ceangal a tha cho cudromach do dhaoine agus coimhearsnachd.”
Am measg na tachartasan eile air an riochdachadh le Comann Coimhearsnachd P2B tha turas bus samhraidh airson daoine thair 60 bliadhna a dh’aois, Fèis Nollaig airson airgead a thogail, làithean sgioblachaidh coimhearsnachd agus solais Nollaig airson na h-oidhcheanan geamhraidh a shoilleireadh. Tha am buidheann an còmhnaidh a’ coimhead airson buill ùra a chuidicheas le na tachartasan aca, agus faodaidh barrachd fiosrachadh a lorg air an duilleag Facebook aca.
Bidh an ath Club Diathad P2B air Diciadain 7mh Cèitean 12-2.30f, agus bu chòir gun gabh e àite aig Café Roo ann an Àros an Rubha. Bidh fiosrachadh mun tachartas air innse air-loidhne tro duilleag Facebook P2B.
Creideas dealbhan: SandiePhotos
Click to read in English.
