Tha Càirdean Òg Allt nan Gall air ais!

Bha am buidheann càirdeas airson daoine thair 60 bliadhna a dh’aois, Càirdean Òg Allt nan Gall, air ais aig a’ chiad coinneamh aghaidh-ri-aghaidh aca aig Ionad Stoodie air Dimàirt, 7mh Sultain, agus abair coinneamh a bh’ann. Bha buill a’ bhuidheann cho toilichte a bhith air ais le còmhradh agus conaltradh a’ dèanamh an là tòrr na bu shoilleir, agus cuideachd Sandie Maciver a’ togail dealbhan airson còmhradh a bhrosnachadh!

Thuirt Duncan Don, a tha na eagraiche air a’ bhuidheann, “Tha tòrr bhuill air a bhith a’ cuir fios thugainn tron ghlasadh-sìos air fòn neo air-loidhne, ach ’s e rud sònraichte a bh’ann a bhith air ais mar bhuidheann airson a’ chiad uair, agus tha sinn an dòchas tòrr a bharrachd buill a thàladh thugainn. ’S e buidheann mìorbhaileach a th’ann agus tha tòrr spòrs againn le coinneamhan agus tachartasan air am planadh airson na miosan ri teachd.”

Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air taic a thoirt don bhuidheann airson ùine mhòr, agus o chionn ghoirid fhuair Alasdair MacNeacail tabhartas airson Càirdean Òg Allt nan Gall – £3,000 bho Fonndas Corra. Tha an tabhartas, a tha air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, air a dhealbhadh airson taic a thoirt do bhuidhnean nas lugha às dèidh a’ ghlasadh-sìos ann an 2020 a dh’fhaodadh bacadh a chuir air cosnadh àbhaisteach carthannach. Thuirt Alasdair den tabhartas: “Tha mi toilichte gu bheil grunnan bhuidhnean nas lugha mar Càirdean Òg Allt nan Gall a’ faighinn buannachd bhon mhaoineachadh seo airson an obair a tha iad a’ dèanamh a’ brosnachadh conaltradh sòisealta agus fallaineachd eanchainn airson daoine na b’aosta. Tha tòrr den obair chudromach seo air a dhèanamh gun fhaicinn, ach bha buaidh mhòr aig a’ ghalair-cruinne air.”

Thuirt Duncan, “Bidh an tabhartas seo gar cuideachadh a’ cumail a’ dol, agus tha sinn mu thràth air pàirt dheth a chuir gu aon thaob airson ar Diathad Nollaig, a ghabhas àite aig am Boatshed anns an Taigh-Òsta Rìoghail air Dimàirt 7mh Dùbhlachd. Tha sinn air àireamh mhath fhaighinn mu thràth ach tha an còmhnaidh rùm ann airson barrachd dhaoine, agus bidh ceòl beò againn am bliadhna – ’s e cuirm mhath a bhios ann dhuinn uile.”

Am measg planaichean eile a th’aig a’ bhuidheann tha togail-maoineachaidh Brot agus Mìlseag gu bhith aca aig Ionad Stoodie air Disathairne 6 Samhain (fàilte air a h-uile duine!), turas bus tro na h-eileanan ann an 2022, tachartasan le buidhnean ionadail eile anns an Àird agus Baile Ailein, agus ’s dòcha turas gu Dùn Dè. Ma tha thu airson pàirt a ghabhail anns a’ bhuidheann, cuir fios gu Duncan gu dìreach air 07768 551 505 neo le post-dealan gu duncanmdon@gmail.com. Tha Duncan cuideachd tric a’ cuir naidheachdan mu dheidhinn tachartasan a’ bhuidheann air bòrd-naidheachd An Rubha air Facebook (lorg “Point/An Rubha Noticeboard”). Tha buill ùr an còmhnaidh math fhaighinn, a’ chiad Dimàirt gach mìos eadar 2-4f aig Ionad Stoodie.

Click to read this article in English.