Tha an slighe coimhearsnachd eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean fosgailte!

Bha luchd-coiseachd bhon choimhearsnachd a’ feuchainn an slighe coiseachd ùr eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean nas tràithe anns an t-seachdain seo, agus tha e a’ còrdadh riutha gu mòr. Tha an t-earrann as ùra den t-slighe a’ ceangal an dà bhaile agus a’ toirt inntrigeadh gu dà làrach le ùidh ionadail: long-bhriste an Wyre Law, tràlair a chaidh a chall ann an 1952 gun call-beatha sam bith, agus Caisteal Mhic Creacail, tobhta càrn sheòmarach bho Linn Ùr na Cloiche.

A dh’aindeoin cho dona sa bha an t-uisge o chionn ghoirid, bha àireamh math de luchd-coiseachd anns a’ bhuidheann a choinnich ann an Siuilisiadar agus a choisich gu na Fleisirean ann an dà uair a thìde gu leth, a’ gabhail a-steach leudachadh den t-slighe còmhdaichte air an ionaltradh coitcheann. Thuirt Nicola NicSuain bho Comataidh Slighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig: “Bha an t-aimsir mìorbhaileach agus lean sinn an t-oir-thìr seachad air iomadh geodha beag brèagha le cumaidhean creaga iongantach, uisgeachan soilleir, sìtheanan fiadhaich: tonn a’ chladaich, seòbhrach, agus mòineachan air a’ mhòinteach fhèin, agus seallaidhean brèagha air an Loch a Tuath. Bha beagan den fhearan air an do choisich sinn na mhòinteach neo-chòmhnard ach tha e uile air ionaltradh gu math agus le brogan ceart oirnn, bha an slighe ùr seo gu math tlachdmhor a bhith ga choiseachd. Am pìos as fheàrr de Shlighe an Rubha agus Shanndabhaig gu ruige seo!” Lean am buidheann saor-thoileach puist-comharraidh astar bheag bhon phrìomh slighe, ach tha an slighe gu lèir eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean còmhdaichte agus freagarrach airson luchd-coiseachd agus baidhseagailean.

Air a stèidheachadh mar charthannas clàraichte ann an 2016, tha luchd-obrach saor-thoileach a’ bhuidheann air a bhith ag obair airson slighe cearcallach a chruthachadh bho Port-Aiseig Steòrnabhagh tro Shanndabhaig agus timcheall an Rubha. Tha am buidheann air leasachadh mòr a dhèanamh air pìosan den t-slighe a bha ann mu thràth aig Steinnis, steapaichean Shiulisiadar, leudachadh an slighe ann an Aiginis, a’ gabhail a-steach obair-bleithe airson balla-cuairteachaidh Eaglais na h-Aoidhe a neartachadh aig a’ Bhràighe, agus a’ chuibhreann ùr den t-slighe a tha a’ ceangal Steòrnabhagh gu Cuimhneachan an t-Iolaire ann an Tolm. Chaidh £491,642 uile gu lèir a chruinneachadh airson an slighe-coimhearsnachd, agus chaidh fhaighinn tro iarrtas soirbheachail gu Ionmhas Riaghaltas na h-Alba agus taic bho buidhnean ionadail mar Comann Luchd-Fuirich Mossend, a fhuair £42,000 bho Ionmhas Coimhearsnachdan Costa Oighreachd a’ Chrùn airson slighe Steinnis ann an 2020. Tha tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith an sàs gu dlùth anns a’ phròiseact fad-ùine tro taic bho na Comhairlichean Coimhearsnachd aca. Tha Alasdair MacNeacail air a bhith deatamach a thaobh na h-iarrtasan maoineachaidh, agus tha Tony Robson a’ manaidseadh leasachaidh na slighean ùra, a’ stèidheachadh beingean plastaig ath-chuairtichte, geataichean fèin-dhùnadh agus puist-comharraidh.

Air a mhanaidseadh le Brosnachadh Alba airson Riaghaltas na h-Alba, chaidh tabhartas £80,920 aontachadh anns an Dàmhair an uiridh a tha a’ togail air obair ath-aisig steapaichean Shiuilisiadar, 88 steapaichean-iasgach a b’àbhaist a bhith ann an staid uabhasach agus a tha a-nis a’ toirt inntrigidh sàbhailte don gheodha, a tha mòr-chòrdte am measg shnàmhadairean. Chuir Falmadair, Urras Mara Leòdhas a Tuath, fàilte air an obair-leasachaidh air na steapaichean.

Dealbhan le SandiePhotos.

Click to read this article in English.