
Fhuair a Mòrachd am Bana-Phrionnsa Rìoghail fàilte chridheil aig Àros an Rubha airson an ionad coimhearsnachd anns a’ Chnoc fhosgladh gu h-oifigeil. Thadhal i air an ionad air Diardaoin 29mh den Lùnastal 2024 mar phàirt den turas aice a dh’Eilean Leòdhais anns na h-Eileanan an Iar.
Air an turas aice don Rubha, bha am Bana-Phrionnsa còmhla ri Morair-Ionaid a’ Chrùin de na h-Eileanan an Iar, Iain MacAmhlaigh, agus choinnich i le riochdairean bho grunnan bhuidheann a tha a’ cleachdadh an t-ionad anns a’ Chnoc. Sheinn clann bho còisir Sgoil an Rubha an t-òran “Cearcall a’ Chuain” le Runrig, a sheinn iad nas tràighe am bliadhna aig Mòd Ionadail Leòdhais, agus chaidh am buidheann Rìoghail a shealltainn mun cuairt an togalach, a’ gabhail a-steach Bùth an Rubha, Café Roo, na h-àitichean coimhearsnachd, agus an taisbeanadh Air a’ Mhòintich. Thadhal am Bana-Phrionnsa Rìoghail cuideachd air oifisean an tuathanas-gaoithe coimhersnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), a’ coinneachadh le buill den Bhùird agus luchd-obrach, nam measg an sgioba Taic-Lùth agus Pròiseact Croitean Coillteach.
Chaidh plàc a’ fosgladh Àros an Rubha gu h-oifigeil a nochdadh tron turas, an dèidh obair farsaing ath-ùrachadh den t-seann togalach sgoile le Urras Stòras an Rubha. Anns an ionad tha bùth agus café, Urras an Rubha agus Shanndabhaig, àite sònraichte airson taigh-tasgaidh agus taisbeanadh airson Comann Eachdraidh an Rubha, goireasan tasglann agus stòradh airson a’ phàipear coimhearsnachd An Rudhach, seòmar-coinneamh agus goireasan ‘hotdesk’. Tha an togalach a’ ruith cha mhòr gu tur air cumhachd ath-ùrachail, a’ cleachdadh manaidseadh ‘smart’ de lùth, panailean-grèine, pump-teas tùs-aidhir, stòradh-bataraidh agus ionsulaideadh airson eisimileachd air a’ ghriod-dealan a lùghdachadh gu mòr. Tha barrachd leasachadh air a bhith a’ dol aig Àros an Rubha an samhradh seo, a’ toirt barrachd àiteachan-parcaidh, àite-oifis agus ionadh-nigheadaireachd coimhearsnachd.
Chaidh am Bana-Phrionnsa Rìoghail a Leòdhas airson a’ chiad uair anns an Lùnastal 1956 nuair a bha i còig bliadhna a dh’aois air an Iacht Rìoghail Britannia, agus chòrd e rithe a bhith a’ tadhal air Taigh-Sholais Rubha an t-Siumpain anns an Rubha, a’ toirt tòiseachadh air a gràdh agus spèis ainmeil do thaighean-solais. A’ toirt aithneachadh don chiad turas sin, fhuair am Bana-Phrionnsa Rìoghail peantadh de Thaigh-Solais Rubha an t-Siumpain leis an neach-ealan ionadail Mairead NicGilleEathain mar phàirt den turas a dh’Àros an Rubha. Fhuair i cothrom cuideachd sealltainn ri cruinneachadh de dhealbhan bhon tasglann den a’ chiad turas sin.
Thuirt Catriona Dunn bho Urras Stòras an Rubha air an là: “B’e onair a bh’ann dhuinn a Mòrachd am Bana-Phrionnsa Rìoghail a bhith againn aig fosgladh oifigeil Àros an Rubha. Tha e cuideachd math dha rìribh a bhith a’ faicinn gu bheil Àros an Rubha a-nis na ionad coimhearsnachd beòthail mar a bha sinn ag iarraidh anns na seann làithean ud nuair a choinnich sinn anns a’ Ghearran 2011, miosan mus do dhùin Sgoil a’ Chnuic, airson obrachadh a thaobh dèanamh cinnteach gum biodh an togalach-sgoile fo shealbhachd coimhearsnachd.
“Tha goireasan Àros an Rubha a-nis air an cleachdadh gu tric le muinntir an Rubha, agus mar a tha na dùrachdan anns an leabhar-tadhal airson an taisbeanadh Air a’ Mhòintich ag aithris, tha luchd-tadhal air a thighinn gu Àros an Rubha bho cho fad air falbha ri Astràilia, Manitòba agus Tolastadh Chaolais. Bidh barrachd ghoireasan ann airson cleachdadh poballach a dh’aithghearr, a’ gabhail a-steach seòmar-nigheadaireachd agus ath-fhosgladh a’ bhùth-leabhraichean ath-làimhe a bha cho mòr-chòrdte ro làimh. Bha sinn airson ionad a chruthachadh a bheireadh goireasan don choimhearsnachd, a bheireadh brosnachadh do eaconomaidh an Rubha, agus a thabhaireadh stòras deatamach a thaobh an t-àrainneachd, cultar agus dualchas na sgìre.”
Thuirt DI MacSuain bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn cho toilichte a bhith an sàs ann a bhith a’ cur fàilte air A Mòrachd Rìoghail am Bana-Phrionnsa Rìoghail don Rubha. Bhruidhinn sinn air a’ bhuaidh den ionad coimhearsnachd agus am pàirt a bh’againn anns an ath-ùrachadh. ’S e URS an teanant-acair aig Àros an Rubha, agus dh’ionmhasaich sinn còrr air £800,000 ann an ath-chleachdadh na seann thogalaichean-sgoile. Tha e na chùis-toileachas gu robh seo comasach leis a’ chosnadh air a ghineadadh le ar tuathanas-gaoithe coimhearsnachd, agus bha sinn toilichte beagan lèirsinn a thoirt don Bhana-Phrionnsa air an amas aig cridhe ar n-obair aig URS. Bha seo a’ gabhail a-steach planntadh còrr air 200,000 craobh dùthchasach anns na h-Eileanan an Iar tro ar Pròiseact Croitean Coillteach, agus an taic lùth de chòrr air £250,000 a tha sinn air lìbhrigeadh do dhaoine ann am bochdainn-connadh nar coimhearsnachd.”
A dh’aindeoin an t-uisge, chruinnich buill den choimhearsnachd aig Àros an Rubha airson fàilte a chuir air a’ Bhana-Phrionnsa nuair a ràinig i an t-ionad anns a’ Chnoc.
Creideas dealbhan: SandiePhotos
