
Tha Comann Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain air tabhartas £1,000 fhaighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig, airson cuideachadh le cosgais-goireasan aig an Ionad Coimhearsnachd. Tha an t-ionad ag òstadh grunnan de ghnìomhan gach seachdain, mar eisimpleir coinneamhan Beavers agus Cubs an Rubha, an Cluba Young at Heart, clasaichean iòga, agus oidhcheannan quiz, ach tha na cosgaisean-ruith aca air a dhol suas gu mòr anns na sia miosan mu dheireadh.
Thuirt Grace Nic a’ Ghobhainn bhon chomann: “Tha cosgaisean-lùth Ionad Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain air a dhol suas gu mòr tron gheamhradh seo, le lìonadh an tanca-ola na aonar a’ dol suas bho £600 gu £900. Tha na cosgaisean gas agus dealan air buaidh a thoirt oirnn cuideachd agus tha sinn gu math taingeil do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson a’ chuideachadh aca a thèid a thaobh na cosgaisean a phàigheadh. Tha sinn gu math fortanach a bhith a’ ruith Ionad Coimhearsnachd a tha cho trang agus ris a bheil uiread de dhaoine a’ tighinn, agus mar sin tha e cudromach gu bheil daoine air an cumail blàth nuair a tha iad a’ tadhail oirnn airson tachartasan neo clubaichean.”
Thuirt Manaidsear URS Dòmhnaill Iain MacSuain: “Le cosgaisean lùth a’ dol suas agus a’ buaileadh a h-uile duine againn, tha e cudromach do Urras an Rubha agus Shanndabhaig taic a thoirt do na buidhnean coimhearsnachd a tha a’ dèanamh uiread dhuinn uile. Nuair a rinn Comann Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain iarrtas airson tabhartas, dh’aontaich am Bòrd anns a’ bhad gu robh iad airidh air ar cuideachadh. Tha sinn toilichte gun tèid an tabhartas £1,000 a thaobh cumail cosgaisean sìos.”
Tha Comann Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain air a ruith le buidheann saor-thoileach a tha a’ toirt taic don Ionad Coimhearsnachd agus na gnìomhan farsaing a tha fosgailte ri muinntir an sgìre. Tha seo a’ gabhail a-steach am Beacon Cafe a tha air a chumail air an Disathairne mu dheireadh gach mìos, tachartasan ro-sgoil An Lanntair, agus iomadh rud eile.
Click to read this article in English
