Suirbhidh a’ mapadh coilltean dùthchasail cudromach ann an Leòdhas agus na Hearadh

Tha Pròiseact Croitean Coillteach air suirbhidh a thòiseachadh air làraich-coille dùthchasail ionadail air feadh Leòdhas agus na Hearadh. A’ tòiseachadh an seachdain-sa tha na Comhairlichean Croitean Coillteach, Robin Reid agus Viv Halcrow, gu bhith an sàs gu dlùth ann a bhith a’ mapadh agus a’ dèanamh measadh air staid na coilltean a tha air fhàgail. Tha Pròiseact Croitean Coillteach air a mhaoineachadh le compàirteachas eadar Urras nan Coille Alba agus am buidheann carthannas tuathanas-gaoithe eileanach, Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Thèid toraidhean an suirbhidh a chleachdadh airson obrachadh le manaidsearan-fearann airson na làraich-coille cudromach sin a dhìon agus a leudachadh, far an urrainn sin a dhèanamh.

Tha na coilltean nàdarach anns na h-Eileanan an Iar tric gu math beag, agus mar as tric air an lorg air oir-thìrean iomallach agus eileanan ann an lochan nach urrainn caoraich agus fèidh a ruighinn. Air sgàth cho beag ’sa tha iad, tha suirbhidean nàiseanta air a bhith a’ dèanamh dearmad air na coilltean seo, ach ann an co-theacsa nan Eilean Siar tha iad gu math cudromach airson sìol ionadail fhaighinn, agus deatamach air sgàth an t-àite-fuirich a tha iad a’ toirt dha fiadh-bheatha nan eilean. Tha iad a’ leasachadh iomadachd cruth-tìre agus seasmhachd èiceo-shiostaman, a’ toirt brosnachadh air cruthachadh choilltean ùra agus ath-ùrachadh anns na h-eileanan.

Chaidh coilltean dùthchasail nan Eilean Siar an suirbhidheadh gu mionaideach mu dheireadh ann an 2007, pròiseact le Steven Liddle a tha a-nis a’ ruith Greenbeard Forestry, companaidh stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain. Tha Steven, a tha à Leòdhas bho thùs, a’ dol a dh’obair le Pròiseact Croitean Coillteach air an t-suirbhidh ùr. Tha a’ chiad sgrùdadh 10-làtha a’ gabhail a-steach bàta fhastadh airson coilltean iomallach air costa an ear Leòdhas a ruighinn, agus bheir e tuigse nas fheàrr air coilltean dùthchasail agus an staid aca anns an sgìre. Thairis air an ath bhliadhna neo dhà, thèid an suirbhidh a leudachadh gu Uibhist agus làraich eile ann an Leòdhas agus na Hearadh.

Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche URS: “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ toirt taic do Robin, Viv agus Pròiseact Croitean Coillteach leis an t-suirbhidh aca air coilltean dùthchasail anns na h-Eileanan an Iar, agus tha sinn a’ coimhead air adhart le ùidh mhòr ri toraidhean an aithisg aca. Tha buaidh Pròiseact Croitean Coillteach anns na seachd bliadhna mu dheireadh air a bhith cho soirbheachail sa ghabhas, le còrr air 160,000 craobhan dùthchasail air am planntadh anns na h-Eileanan an Iar.”

Mar phàirt den t-suirbhidh coilltean anns an fharsaingeachd, tha Robin cuideachd an dòchas làraich ùra a lorg airson sìol-craobh dùthchasail a chruinneachadh. Ann an 2021 chuir Urras nan Coille air dòigh pròiseact a dh’aon-ghnothaich airson sìol a chruinneachadh, a’ lorg luchd-obrach saor-thoileach airson sìol ionadail a chruinneachadh air feadh Alba. Tha Robin a’ mìonachadh: “Tha e tric duilich craobhan fhaighinn a tha ionadail anns an h-Eileanan an Iar agus sgìrean eile de thaobh-an-iar Alba. Leis a’ phròiseact seo, tha sinn an dòchas sin atharrachadh, agus taic a thoirt do nursaraidhean-craoibhe le sìol a chaidh a chruinneachadh gu h-ionadail. Tha buidhnean-cruinneachaidh air a bhith air an stèidheachadh air feadh Alba, am buidheann againne anns na h-Eileanan an Iar nam measg. Agus ged a tha a’ chuid as motha de chruinneachaidhean a’ tachairt anns an fhoghar nuair a tha a’ chuid as motha de chraobhan a’ cur a-mach sìol, bha sinn soirbheachail a’ cruinneachadh sìol aiteann anns an ceann-a-deas na Hearadh an Dùbhlachd mu dheireadh, agus chruinnich sinn sìol seileach bho coille anns a’ Phàirc anns an t-Òg-mhios. Bidh grunnan thachartasan cruinneachadh-sìol eile againn anns an t-Sultain, an Dàmhair agus an t-Samhain nuair a bhios sìol beithe, caorann agus feàrna ri fhaighinn.”

Photos by Robin Reid.

Click to read in English.