Stiùiriche Urras nan Coille a’ tadhal air na h-Eileanan an Iar

Thadhal Stiùiriche Albannach Urras nan Coille, Alasdair Seaman, air grunnan sgeama coille anns na h-Eileanan an Iar an seachdain a chaidh. Chaidh an turas a cho-òrdanachadh le Comhairlichean Pròiseact Viv Halcrow agus Robin Reid bho Pròiseact Croitean Coillteach, agus bha e na chothrom math airson sealltainn na sgeamannan a chaidh a phlanntadh anns na còig bliadhna mu dheireadh ann an Uibhist agus Leòdhas.

Tha Pròiseact Croitean Coillteach na chompàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Urras nan Coille, agus tha e ag amas air planntadh craobhan dùthchasach air fearann croite air feadh na h-Eileanan an Iar. Ro dheireadh na Giblean 2022, bidh còrr air 163,000 craobhan air am planntadh anns na h-Eileanan an Iar tro Pròiseact Croitean Coillteach. Tha an t-obair air a chuideachadh le Comhairlichean Pròiseact Viv agus Robin, a tha a’ tabhairt comhairle practaigeach, cuideachadh le iarrtasan-maoineachaidh agus taic leantainneach do eileanaich aig a bheil ùidh anns a’ phròiseact.

Leis a’ chiad turas aige gu na h-Eileanan an Iar bho thàinig e dhan dreuchd anns an Lùnastal 2021, fhuair Alasdair cothrom faicinn ciamar a tha na sgeamannan planntaidh a’ tighinn air adhart air na croitean, a’ coinneachadh le croitearan a tha air pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact airson planntadh air an croitean. Thadhail e cuideachd air làrach ann an Leòdhas a dh’fhaodadh a bhith air a chleachdadh airson coille dùthchasach a leudachadh gu mòr, agus cuideachd air ionad-àraich chraobhan Stark’s Ark ann an Liùrbost, a chaidh a chuir air dòigh ann an 2019 airson a bhith a’ fàs craobhan stòlta.

Le croit teaghlach aige anns an Eilean Sgiathanach, tha Alasdair gu math mothachail air buaidh an t-aimsir air planntadh anns na h-eileanan, ach le bhith a’ tadhal air na pròiseactan gu pearsanta tha e air a bhith a’ faicinn na duilgheadasan sònraichte a tha an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh coilltean aig oir a’ Chuan Siar. Airson dèanamh cinnteach gum bi na craobhan a’ fàs, tha e cudromach na craobhan ceart a phlanntadh anns na h-àiteachan ceart, agus seo far a bheil taic bho Comhairlichean a’ Phròiseact Croitean Coillteach gu math feumail. Tha craobhan air am planntadh air croitean a’ toirt taic do fiadh-bheatha mar seillein agus biastagan eile a tha a’ cuideachadh le poileanachadh, agus eòin a tha ag ithe biastagan a tha cronail airson bàrr na talmhainn. Gu cudromach, tha iad cuideachd a’ toirt fasgadh do thogalaichean agus beathaichean. Tha craobhan a’ leasachadh torrachas an talmhainn, a’ toirt air planntaichean a bhith a’ fàs nas tràighe anns a’ bhliadhna agus mar sin a’ toirt buannachdan do chaoraich agus beathaichean eile. A thuilleadh air sin, nuair a tha cothrom aig caoriach a bhith a’ cleachdadh fasgadh bho chraobhan, tha ìre breith-uain a’ dol suas agus ìre tinneas nam measg a’ dol sios.

Thuirt Viv Halcrow mun turas: “Bha e math dha rìribh Alasdair a bhith againn a’ tadhal air na h-Eileanan an Iar. Thadhail sinn air sia croitean agus bhruidhinn sinn le croitearan, agus fhuair e deagh bheachd air na duilgheadasan a tha an sàs anns a’ phròiseact ach cuideachd cho toilichte sa tha daoine le na coilltean òg aca. Bha e cuideachd math dha rìribh a bhith a’ tadhal air an ionad-àraich craobhan ùr Stark’s Ark. Gun teagamh tha e bunaiteach do shoirbheachas a’ phròiseact gu bheil craobhan stòlta ionadail ri fhaighinn, agus chunnaic Alasdair cho mòr an sàs anns a’ phròiseact a tha sinn. Tha sinn an dòchas gun tadhal Alasdair oirnn a-rithist – ’s dòcha anns an t-samhradh nuair a tha an t-aimsir nas fheàrr agus na craobhan duilleagach!”

Bho clì gu deas – Calum MacDhòmhnaill (Manaidsear Leasachaidh, PST), DJ MacSuain (Manaidsear, PST), Viv Halcrow (Comhairliche Pròiseact, Pròiseact Croitean Coillteach), Tormod MacCoinnich (Cathraiche, PST), Robin Red (Comhairliche Pròiseact, Pròiseact Croitean Coillteach), Alasdair Seaman (Stiùiriche Albannach, Urras nan Coille), Rhoda NicCoinnich (Ball-bòrd, PST)

Dealbh le Sandie Maciver.

Click to read this article in English.