Spòrs gu leòr aig Fairburn airson clann-sgoile Sgoil an Rubha

Thadhal P7 Sgoil an Rubha air Ionad Cur-Seachad Fairburn anns a’ Bhlàr Dubh eadar an t-8mh-10mh Cèitean, agus abair gun robh turas-sgoile iongantach aca. Thagh na clann na cur-seachadan aca fhèin airson an turas, a’ gabhail pàirt ann an canùthadh, rothaireachd-beinne, ceàrd-tìre, saigheadaireachd, zorbadh, agus bàll-peanta tron là, le turais feasgar don taigh-dealbh agus rollerbowl. Abair gun robh na 14 sgoilearan trang le spòrs! Chaidh an turas a mhaoineachadh leis an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a tha air taic de luach £38,550 a thoirt don sgoil ionadail bho 2017 tron phrògram tabhartasan-coimhearsnachd aca. Chaidh na tabhartasan a chleachdadh airson turasan-sgoile, uidheamachd sgoile agus raon fharsaing de thaic airson a’ chlann ann an Sgoil an Rubha.

Thuirt an tidsear Anna NicPhàil a stiùir an turas: “Seo an turas P7 againn airson na sgoilearan as aosta againn, agus tha e cho math a bhith a’ faicinn na sgilean a tha iad a’ leasachadh air falbh air turas mar seo. Tha thu ag ionnsachadh uiread mun deidhinn air falbh bhon chlas, agus tha e mìorbhaileach a bhith gam faicinn a’ deàrrsadh! Tha sinn cho pròiseil às na sgoilearan againn agus mar a tha iad a’ conaltradh le chèile, le stiùirichean, luchd-obrach agus na daoine a choinnich iad air an slighe. Tha sinn uile cho taingeil do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson an taic leantainneach aca airson ar turas-sgoile P7. ’S e sàbhaladh mòr a th’ann airson pàrantan, aig àm far a bheil cosgaisean fhathast ag èirigh, agus tha e cuideachd a’ toirt cothrom do na sgoilearan a bhith a’ togail airgead airson carthannasan is cùisean eile.”

Thuirt sgoilear P7 Ellen Reynolds mun turas: “B’e an turas gu Fairburn leis a’ chlas aon de na rudan as fheàrr na mo bheatha. Bha mi còmhla ri mo charaidean as fheàrr agus bha na 3 làithean ud mìorbhaileach, abair spòrs againn. Rinn sinn ceàrd-tìre agus rinn sinn teòclaid teth leis na teineachan againn fhèin. A-rithist rinn sinn canùthadh agus bha mi na mo shitig. Chaidh sinn cuideachd gu taigh-dealbh Vue aig Pàirc Bhùithtean Inbhir Nis a dh’fhaicinn am fiolm ùr, The Fall Guy. Bha e sgoinneil! Bha car-sgeulachd mòr ann a chuir iongnadh orm fhèin agus mo charaidean. Tapadh leibh do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson dèanamh cinnteach gun tachradh seo!”

Thuirt P7 Ayson Moireach: “Chòrd an zorbadh, bàll-peanta agus rothaireachd-beinne rium gu mòr. Chaidh sinn cuideachd gu Rollerbowl agus bhuannaich mi! Nuair a rinn sinn an zorbadh-corp rinn sinn rèis car-a-mhuiltean agus abair gu robh spòrs againn. Aig an ionad-bobhlaidh bha cuideachd geamannan arcàid aca agus chaidh mise agus Sarah ann am fear eagalach agus rinn mi sgreuch air sgàth’s gun d’fhuair mi eagal mo bheatha! Bha uiread spòrs againn aig Fairburn!”

Tha an turas-sgoile a’ tachairt gach bliadhna airson sgoilearan anns a’ bhliadhna mu dheireadh aca den Bhun-Sgoil agus tha e a’ gabhail a-steach fastadh-bus, ticeadan aiseag, agus na cur-seachadan air tìr-mòr.

Thuirt Manaidsear URS DI MacSuain: “Tha a h-uile coltas gu robh spòrs mìorbhaileach aig a h-uile duine air an turas P7 aca agus bha sinn gu math toilichte na cosgaisean aca a phàigheadh. Tha Sgoil an Rubha na chreideas do na sgoilearan agus an luchd-obrach, agus tha e a’ toirt tlachd mòr dhuinn a bhith a’ toirt taic don raon fharsaing de chur-seachadan agus cothroman-ionnsachaidh a tha an sgoil a’ brosnachadh. An dòchas gun tèid gu math le clas P7 agus iad ag ullachadh airson an àrd-sgoil.”

Click to read this article in English.