Sgeama iasad baidhsagal-dealan ga chuir air bhogadh às ùr anns an Rubha

Tha sgeama baidhsagal-dealan mòr-chòrdte gu bhith air a chuir air bhog às ùr anns an Rubha anns an t-samhradh. Tha an sgeama iasad a’ tabhairt baidhsagalan-dealan airson cleachdadh ionadail, agus thathar a-nis air siostam-cumhaichean air-loidhne nas fheàrr fhaighinn, a thuilleadh air làraidh agus trèilear an aon-ghnothaich airson còmhdhail, agus tha e air a ruith airson Slighe an Rubha agus Shanndabhaig bho Ionad Coimhearsnachd Àros an Rubha.

Tha 8 baidhsagalan-dealan aig an sgeama, an dà chuid airson fireannaich agus boireannaich, agus 2 bhaidhsagal-bathair a dh’fhaodas barrachd dhaoine neo bathair a ghiùlain. Thathar a’ gabhail cumhaichean airson na baidhsagalan a chleachdadh tro làrach-lìn Slighe an Rubha agus Shanndabhaig bho Dihaoine 4mh Iuchar.

Thuirt Cathraiche Slighe Coimhearsnachd Costa an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS), Tom Clark: “Tha sinn cho toilichte an sgeama e-baidhc a chuir air bhogadh às ùr leis an t-siostam-cumhaiche ùr agus trèilear is làraidh a leigeas leinn na baidhsagalan a chruinneachadh neo a ghluasad airson cleachdadh-buidheann agus nuair a tha èiginn ann. Tha seo a’ gabhail a-steach clogaidean agus uidheamachd-sàbhailteachd neo pocannan-baidhsagal a ghiùlan. Tha sinn gu math taingeil do Seirbhis Nàiseanta na Slàinte Eilean Siar airson an tabhartas aca de £15,300, a chaidh a chleachdadh airson an làraidh agus trèilear ùr a cheannachd. Taing cuideachd do Urras an Rubha agus Shanndabhaig a thug dhuinn taic eadar-lìon airson siostam cumhaichean air-loidhne aon-ghnothachail a chruthachadh. Tha sinn an dòchas gum faigh iomadach duine buannachd bho na baidhsagalan-dealan an asgaidh air na slighean bòidheach againn.”

’S e Comataidh SCCRS am buidheann os cionn Slighe an Rubha agus Shanndabhaig, ag amas air 40 cilemeatair de shlighean-costa ath-ùrachadh agus a cheangal còmhla bho Steòrnabhagh, tro Shanndabhaig agus timcheall an Rubha air fad. Cheannaich iad grunnan bhaidhsagalan-dealan ann an 2022 mar phàirt den sgeama aca rothaireachd a bhrosnachadh anns a’ choimhearsnachd, agus thàinig maoineachadh airson a’ phròiseact bho grunnan thùsan, nam measg Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus an t-Urras Sàbhalaidh Lùth. Gu ruige seo, tha na baidhsagalan-dealan air a bhith rin cleachdadh le daoine le cosnadh iosal agus iadsan a tha ag ath-shlànachadh bho coran-slàinte. Tha còrr air 50 duine air an sgeama a chleachdadh, a’ gabhail iasad de na baidhsagalan-dealan airson iomadach adhbhar – ge bith ath-shlànachadh bho tinneas neo a bhith ag iarraidh fàs nas fallaine.

Thuirt Ceannard Seirbhis Nàiseanta na Slàinte Eilean Siar, Gordon Jameson: “Bha sinn cho toilichte ’s a ghabhas taic a thoirt don phròiseact seo, a tha a’ cuideachadh daoine de gach aois, comas agus ìre-slàinte pàirt a ghabhail ann an eacarsaich neo gnìomhan corporra air a’ bhlàr a-muigh. Tha e soilleir gu bheil seo a’ toirt buaidh phosataibh air slàinte agus fallaineachd buill ar coimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gun cuidich an taic airgid seo am pròiseact a bhith a’ ruighinn barrachd dhuine agus buannachd a thoirt dhaibh, a’ toirt taic dhaibh airson a bhith nas fallain agus a bhith ag eacarsaich gu cunbhalach.”

Thuirt Comhairliche Coimhearsnachd URS, Alasdair MacNeacail, a tha ag obair gu dlùth le SCCRS: “Tha eacarsaich agus inntrigidh don bhlàr a-muigh agus nàdar mòr-aithnichte mar rudan a tha a’ leasachadh sgilean eanchainn, slàinte corporra, agus slàinte eanchainn. Tha slighean coiseachd agus rothaireachd leasaichte, agus am pròiseact baidhsagal-dealan nan cois, a’ cuideachadh a bhith a’ sabaid an aghaidh coran-slàinte a thèid am bacadh mar tinneasan cridh-shoitheach, a thuilleadh air a bhith a’ cuideachadh le coran-slàinte fad-ùine neo ath-shlànachadh bho tinneasan aig aois sam bith. Leigidh an làraidh agus trèilear ùr don phròiseact barrachd dhaoine a ruighinn, nì e nas fhasa a bhith ag òrdachadh agus a’ leasachadh barrachd rothaireachd-dealan mar bhuidheann, agus bheir an structar ùr neartachadh don sgioba a tha a’ ruith an siostam-cumhaichean, cumail suas de na baidhsagalan, slàinte is fallaineachd agus taic eile oifis-cùl.”

Leis an t-siostam-cumhaichean ùr agus fo manaidseadh Àros an Rubha agus Comhairleachah Mùirneag, tha am pròiseact an dòchas luchd-cleachdaidh ùr a thlachd agus taic a thoirt do dh’fhallaineachd tron choimhearsnachd ionadail.

Click to read in English.

Creideas dealbhan SandiePhotos.