
Tha na 12 baidhseagalan-dealan aig Àros an Rubha anns a’ Chnoc a-nis uile rim faighinn le daoine a tha airson rothaireachd-dealan fheuchainn. Chaidh na 12 baidhseagalan an ceannachd mar phàirt de sgeama le Slighe an Rubha agus Shanndabhaig, agus bidh iad aig dà sheisean an-asgaidh gus am faod daoine am feuchainn.
Tha Steve Gillion, Raonair aig Slighe an Rubha agus Shanndabhaig, a’ ruith na seiseanan an-asgaidh aig Fèill-Ròpa Leòdhas agus na Hearadh air Disathairne 20mh Giblean, agus a-rithist an ath Dhisathairne (27mh Giblean) aig Ionad Coimhearsnachd an t-Siumpain anns an Àird. “Faodaidh daoine dìreach a thighinn a-nall agus lorgaidh sinn am baidhg ceart dhaibh airson tòiseachadh,” thuirt Steve. “Tha na daoine a th’air na baidhseagalan fheuchainn air a bhith cho toilichte leotha, le tòrr spòrs agus spionnadh airson a dhol a-mach agus faighinn a-steach a rothaireachd. Tha na baidhseagalan-dealan a’ toirt gu leòr cumhachd-coise do dhaoine ’s gu faod duine sam bith fheuchainn. Thàinig an sgioba bho Coinnealan Bàgh Shanndabhaig thugainn airson am feuchainn, a thuilleadh air daoine ionadail a tha ag ath-slànachadh bho euslàinteachd, agus tha sin air a bhith mìorbhaileach. Leis an cumhachd a bharrachd a th’aca, tha na baidhseagalan-dealan a’ cuideachadh le ath-slànachadh socair bho leòn neo tinneas, a’ brosnachadh fallaineachd agus a’ tabhairt dòigh spòrsail airson a bhith a’ siubhail anns a’ choimhearsnachd, fiù’s do dhaoine a bha a’ smaoineachadh nach biodh iad ri rothaireachd a chaoidh tuilleadh!”
Tha Slighe an Rubha agus Shanndabhaig a’ tabhairt baidhseagalan-dealan airson iasad goirid agus fada, an-asgaidh do dhaoine ionadail a tha a’ fuireach anns an sgìre, ach tha daoine nas aosta na 14 bho air feadh Leòdhas a’ faighinn cuireadh airson rothaireachd-dealan fheuchainn aig na dà tachartasan a tha a’ tighinn.
Tha an carthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gu mòr an sàs anns a’ phròiseact, leis a’ Chomhairliche Coimhearsnachd Alasdair MacNeacail ag obair airson maoineachadh fhaighinn agus na baidhseagalan-dealan a cheannachd. Thuirt e: “Tha sinn a-nis a’ faicinn toraidhean bhon t-obair cruaidh airson maoineachadh fhaighinn, na baidhseagalan-dealan a cheannachd, agus an sgeama a chuir air dòigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn Steve a’ ruith na seiseanan seo gus am faod daoine rothaireachd-dealan fheuchainn, agus fiù’s nas fheàrr, faodaidh na baidhseagalan fhastadh air iasad goirid neo fada le daoine ann an coimhearsnachdan an Rubha agus Shanndabhaig. Tha mi a’ toirt cuireadh do dhuine sam bith le ùidh a thighinn gu na tachartasan aig an Fhèill-Ròpa agus Ionad Coimhearsnachd an t-Siumpain anns an Àird airson am feuchainn iad fhèin agus faicinn cho furasta ’sa tha iad an cleachdadh.”
Thàinig maoineachadh airson a’ phròiseact bho grunnan bhuidheann, nam measg Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus an t-Urras Sàbhaladh Lùth.
Seiseanan baidhg-dealan an-asgaidh
10m-3f
Disathairne 20mh Giblean
Fèill-Ròpa Leòdhas is na Hearadh
10m-3f
Disathairne 27mh Giblean
Ionad Coimhearsnachd an t-Siumpain
Tom Clark air cuairt air a’ bhaidhg-dealan anns an Rubha. Creideas: Steve Gillion
Click to read this article in English.
