
Tha an sgioba air cùl a’ phròiseact aig Ionad Lùth a’ Chnuic a’ dol air adhart le an gealltanas airson an togalach-coimhearsnachd, Àros an Rubha, a dhèanamh cho fèin-fhoghainteach sa ghabhas. Tha Urras Stòras an Rubha (USAR) air na planaichean aca amas air togalach a’ tha a’ ruith gu lèir air a chumhachd ath-ùrachail fhèin, gus am bi e ag obair gun a’ ghriod nàiseanta mu dheireadh thall. Ag obair airson an amas sin a ruighinn, chaidh clàran-grèine ùra a stèidheachadh an seachdain a chaidh agus cuiridh iad lùth a thaobh cumhachd an t-ionad coimhearsnachd. Air am maoineachadh le Ionmhas Cares Lùth Ionadail na h-Alba, tha na clàran-grèine còmhla a’ dèanamh an siostam clàr-grèine ceangailte ri togalach coimhearsnachd as motha anns na h-Eileanan an Iar, agus tha iad a’ riochdachadh ionmhasadh mòr air lùth ath-ùrachail anns an sgìre.
Tha am pròiseact ath-ùrachadh £1 millean a’ dèanamh adhartas mòr, agus nuair a bhios e deiseil bidh e na dhachaigh a-rithist airson Bùth an Rubha, Café Roo, Comann Eachdraidh an Rubha agus carthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig. A thuilleadh air sin, tha an togalach ùr a’ gabhail a-steach taigh-tasgaidh agus àite-taisbeanaidh airson Comann Eachdraidh an Rubha agus Urras Eaglais na h-Aoidhe, tasglann agus goireasan-stòrais airson a’ phàipear-coimhearsnachd An Rudhach, rùm-coinneamh agus rùm airson goireasan ‘hotdesking’.
Donna Nic a’ Ghobhainn bho Tighean Innse Gall a’ dèanamh stiùireadh-pròiseact airson an obair-togail, a tha air a lìbhrigeadh le O’Mac Construction, le buidheann innleadaireachd-lùth ionadail Greenspacelive gu dlùth an sàs ann airson stèidheachadh siostaman èifeachdail ath-ùrachail.
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air an ionmhasadh-calpa as motha aca a dhèanamh anns a’ phròiseact, tabhartas de £300,000, agus tha Comhairlichean Coimhearsnachd bhon urras air a bhith ag obair gu dìleas airson ionmhasadh a thoirt a-steach don eilean tro rudan mar Ionmhas Cares bho Lùth Ionadail na h-Alba, agus tabhartas £75,000 bho program Lùth Airson A-Màireach aig Centrica airson aonadan-teàirrdseadh carbadan-dealan. Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Chan ann a-mhàin gu bheil an t-Urras air a bhith nar teanantan fad-ùine aig togalach Seann Sgoil a’ Chnuic, ach tha sinn nar luchd-taice fad-ùine de obair agus amasan Urras Stòras an Rubha airson an ionad-coimhearsnachd ùr. ’S e eisimpleir mìorbhaileach a th’ann de bhuidhnean coimhearsnachd, gnìomhachasan ionadail agus com-pàirtearan ag obair còmhla gu àrd-amasach, airson ionad adhartach, seasmhach a chruthachadh airson sgìre an Rubha agus Shanndabhaig. Tha sinn fìor thoilichte na pìosan fhaicinn a’ tighinn ri chèile, leis na clàran-grèine ùra air an stèidheachadh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri soirbheachadh a’ phròiseact.”
Tha obair air Àros an Rubha a’ dol air adhart, agus tha Bùth an Rubha a-nis fosgailte anns an làrach ùr.
Tha a h-uile dealbh an cois am fios-naidheachd seo le SandiePhotos.
Dealbh buidheann: Alasdair MacNeacail (Urras an Rubha agus Shanndabhaig), Dòmhnall Iain MacSuain (Urras an Rubha agus Shanndabhaig), Donna Nic a’ Ghobhainn, Dòmhnall MacSuain (Greenspacelive) air taobh a-muigh Àros an Rubha (Seann Sgoil an Rubha).
Click to read this article in English.
