
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air aontachadh maoineachadh a thoirt airson Polycrub coimhearsnachdail agus àite-ionnsachaidh tuathanachais-ghàrraidh ùr a stèidheachadh anns an Rubha, seach gun deach iarrtas ionadail aithneachadh ann an suirbhidh air-loidhne.
Chaidh Seada Coimhearsnachd an Rubha a stèidheachadh mar charthannas anns a’ Ghiblean 2025 airson ‘seada fhirinnich’ ach fosgailte do dh’fhirinnich agus boireannaich a chruthachadh anns an sgìre. Chaidh am buidhean a chuir air dòigh mar fhreagairt do chùisean a chaidh a thogail an toiseach aig àm Covid, mar eisimpleir aonaranachd dùthchail, strì slàinte-eanchainn, neo-thèarainteachd bidhe agus cudrom chonaltras sòisealta tric ann a bhith a’ glèidheadh fallaineachd.
Bho chaidh a stèidheachadh, tha an carthannas air a bhith a’ sealltainn ri àiteachan eadar-dhealaichte a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh, agus thathar air làrach a thaghadh air fearann fo shealbh Chomhairle Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain. ’S e an t-amas a bhith a’ cruthachadh àite roghainnte far an urrainn do dhaoine coinneachadh, a bhith ag ionnsachadh sgilean practaigeach, agus a bhith a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan a tha a’ togail misneachd agus seasmhachd coimhearsnachdail. Mar phàirt den phròiseact, thèid Polycrub a thogail airson a bhith na ionad ionnsachaidh tuathanachais-ghàrraidh, a’ toirt àrainneachd fasgaichte do luchd-cleachdaidh agus luchd-obrach saor-thoileach le ràith-fàs nas fhaide. Bheir e cuideachd àite do dhaoine airson lusan is measan fhàs airson a bhith a’ cuideachadh le buidseadan-taighe a cho-leasachadh, agus ’s urrainn do ghniomhan a bhith a’ cumail a’ dol a dh’aindeoin droch aimsir. Bidh eòlaichean tuathanachais-ghàrraidh a tha air an cluaineas cuideachd a’ faighinn brosnachadh airson an eòlas a roghainn le ginealaichean nas òige, a’ toirt taic do dh’ionnsachadh eadar-ghinealach agus a’ neartachadh ceanglan coimhearsnachd.
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), air tabhartas £16,975 a thoirt don phròiseact airson pàigheadh cosgaisean mar acainn, feannagan, agus togail. Thèid dleastanasan anns a’ Pholycrub a stiùireadh le luchd-cleachdaidh agus luchd-obrach saor-thoileach, a’ cruthachadh stòras coimhearsnachd co-roinnte. Thathar an dùil gum brosnaich am pròiseact obair saor-thoileach, gun lùghdaich e aonaranachd, gun toir e taic do shlàinte-eanchainn, agus gum brosnaich e fàs-bidhe ionadail, agus cuideachd a’ leasachadh an t-àrainneachd ionadail agus a’ neartachadh gniomhan-coimhearsnachd.
Thuirt Chris MacCoinnich air leth Seada Coimhearsnachd an Rubha: “Cuidichidh am pròiseact seo a bhith a’ toirt daoine anns a’ choimhearsnachd againn ri chèile airson sgilean a cho-roinneadh, agus tha sinn an dòchas gun lùghdaich e na trioblaidean a tha an cois aonaranachd sòisealta. Tha sinn gu math taingeil airson taic bho Comhairliche Coimhearsnachd URS, Alasdair MacNeacail, agus an taic airgid bho URS, Fonndas CORRA agus WIDT, a leigeas leinn ar Polycrub a thogail agus am pròiseact a leasachadh. Bu toil leinn cuideachd taing a thoirt do Chomann Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain airson a bhith ag obair leinn air na planaichean airson a’ Pholycrub a thogail air an làrach aca tràth anns a’ bhliadhna ùr.”
Chaidh suirbhidh air-loidhne a dhèanamh leis a’ bhuidheann a fhuair ceathrad freagairt agus a sheall ùidh shoilleir am measg a’ choimhearsnachd. Thuirt 55% de fhreagairtean gun cleachdadh iad seada coimhearsnachd neo Polycrub, agus 85% gum biodh ùidh aca ann a bhith an sàs ann, a’ gabhail a-steach obair saor-thoileach. Thuirt grunnan fhreagairtean gu robh iad aithneachail air cho luachmhor ’s a tha e àite a bhith aca airson a thighinn còmhla, biadh fhàs, agus eòlas a cho-roinn.
Thuirt DI MacSuain, Manaidsear URS: “Tha e aig cridhe ar bun-reachd a bhith a’ toirt taic do phròiseactan a tha a’ neartachadh fallaineachd coimhearsnachd agus a’ brosnachadh daoine a thighinn còmhla, agus tha am pròiseact seo a’ freagairt na h-amasan sin gu soilleir. Tha freagairtean an t-suirbhidh a’ sealltainn cho luachmhor ’s a tha àiteachan co-roinnte, ionnsachadh practaigeach agus cothroman biadh fhàs dhaibh fhèin do dhaoine ionadail. Tha sinn toilichte taic a thoirt do Seada Coimhearsnachd an Rubha fhad ’s a tha iad a’ dol air adhart leis a’ phròiseact seo agus a’ cruthachadh rudeigin a bheir buannachd do luchd-obrach saor-thoileach, luchd-cleachdaidh, agus a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd.”
Tha Seada Coimhearsnachd an Rubha ag ràdh gu bheil toraidhean an t-suirbhidh a’ sealltainn iarrtas soilleir airson an t-seòrsa seo de ghoireas, agus deònachd làidir anns an sgìre airson a dhèanamh soirbheachail.
Click to read in English.
