Rionnagan a’ deàlradh aig Fèis an Rubha

Bha Fèis an Rubha cho soirbheachail ’s a ghabhas airson na clann a ghabh pàirt agus an comataidh saor-thoileadh a tha ga chuir air dòigh. Tha am Fèis air a bhith a’ ruith anns an Rubha bho 2006, agus tha e na chothrom bliadhnail do dhaoine òg a thighinn còmhla agus na sgilean aca a leasachadh ann an ealanan Gàidhlig. Am bliadhna bha còrr air 70 clann a’ gabhail pàirt anns an tachartas, ag ionnsachadh clàr-iuchrach, maileòidean, giotàr, agus fidheal, a thuilleadh air clasaichean dràma agus seinn agus clas ùr air ealan a bha mòr-chòrdte.

’S e rud mìorbhaileach a th’anns an Fhèis airson saor-làithean samhraidh, agus chrìochnaich an seachdain le cuirm poballach, Cèilidh na Cloinne, gus am faigheadh na clann cothrom sealltainn na dh’ionnsaich iad do chàirdean agus teaghlaichean. Bha an cuirm air a chumail ann an Sgoil an Rubha agus chòrd e gu mòr ris a h-uile duine a bha an làthair.

Thuirt Annice Nic a’ Ghobhainn: “Tha sinne ann an Comataidh Fèis an Rubha ag iarraidh taing mhòr a thoirt dhuibh uile a rinn Fèis 2024 cho soirbheachail. Gu h-àraidh na clann a thàinig air Diluain gun beachd sam bith dè bha air thoiseach orra, ach a bha a’ deàlradh nan rionnagan soilleir aig a’ chuirm. Cha b’urrainn dhuinn seo a dhèanamh às an aonais neo às aonais an taic bho na pàrantan agus sean-phàrantan a thug na clann a-steach gach là.”

Thug an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) tabhartas de £500 don Fhèis, a chaidh a chleachdadh airson greimean-bidhe a cheannachd airson an t-seachdain agus airson dealbhan oifigeil a thogail aig a’ chuirm air Dihaoine. Cuideachd, leig URS le riochdairean an Fhèis am mion-bhus aca a chleachdadh airson clann a thogail agus an toirt a dh’àitichean nuair a bha feum air. Thuirt Annice cuideachd: “Bha na clann dìreach sgoinneil agus cho solt. Thàinig cuid dhiubh thugainn gun eòlas sam bith de chluiche ionnstramaid, agus rinn iad math dha rìribh aig a’ chuirm. Tha am Fèis air a chuir air dòigh le sgioba beag saor-thoileach gach bliadhna, agus tha sinn gu math taingeil airson an t-urrasachd bho URS. Taing mhòr do URS agus do ar luchd-taice air fad airson Fèis 2024 a dhèanamh cho soirbheachail.”

Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear URS: “Tha an tabhartas seo a’ sealltainn cho làidir ’s a tha an dleastanas againn a thaobh cultar Gàidhlig agus taic do dhaoine òga nar coimhearsnachd. Am bliadhna bha Fèis an Rubha a’ tabhairt cothrom luachmhor do chòrr air 70 clann airson seachdain a chur seachad am bogadh ann an ealanan Gàidhlig, agus tha coltach gun robh seachdain gu math spòrsail aca uile. Anns an 18mh bliadhna aca, tha am Fèis a’ dol bho neart gu neart a’ tabhairt raon de sàr-chothroman ionnsachaidh airson an ath ghinealach de cheòladairean traidiseanta, seinneadairean Gàidhlig agus actairean. Math a rinn sibh uile!”

Photo credit: Scott Davidson

Click to read this article in English