Riochdairean lùth coimhearsnachd Eòrpach a’ faighinn fàilte gu na h-Eileanan an Iar

Bha riochdairean bho buidheann den Aonadh Eòrpach, RIPEET (Responsible Research and Innovation Policy Experimentations for Energy Transition), a’ tadhail air Eilean Leòdhais air an 14mh agus 15mh là den t-Sultain mar phàirt den phròiseact pìleatach aca airson taic a thoirt air a’ ghluasad bho connadh-fosail gu teicneòlas ath-nuadhachail agus ‘smart’ anns na h-Eileanan an Iar. Còmhla ri na buidhnean com-pàirteachaidh Breatannach aca, Lùth Coimhearsnachd Alba agus Iomairt nan Gàidhealtachd is nan Eilean, chuir am buidheann air dòigh seisean poballach airson bruidhinn mu dheidhinn iomairtean lùth coimhearsnachd. Chuir iad cuideachd an t-ionmhas £40,000 aca airson pròiseactan pìleatach, ‘Iarrtas Freagairtean’, am bogadh aig a’ choinneamh. Tha an t-ionmhas ag amas air “cosgaisean lùth dachaigheil a lùghdachadh le bhith a’ cleachdadh lùth ionadail ann an dòighean nas fheàrr”.

Tha pròiseact RIPEET a’ gabhail a-steach 11 com-pàirtichean bhon Ostair, a’ Bheilg, Suomi, an t-Eadailt, an t-Òlaind, an Spàinn agus Breatainn, a’ cruthachadh bun-stèidh airson eòlas agus taic-cuideachaidh air ùr-ghnàthachas lùth anns na trì sgìrean a tha a’ gabhail pàirt anns an sgeama-pìleatach: na h-Eileanan an Iar, Ostrobothnia (Suomi) agus Extremadura (an Spàinn). Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le program Horizon 2020 an t-Aonadh Eòrpach. B’e an turas seo gu Leòdhas a’ chiad de na coinneamhan co-obrachaidh seo agus bha 15 riochdairean bho buidhnean acadeamaigeach, poballach, prìobhaideach agus sìobhalta air feadh Eòrpa air an òstadh le buidhnean air an eilean.

A thuilleadh air coinneamhan le luchd-ùidh, thadhail na riochdairean air Ionad Ath-Chuairteachaidh Grìde airson cluinntinn mu dheidhinn pròiseactan Ionad Lùth Ionadail nan Eilean Siar agus ROBERTSON, agus an uairsin chuir iad seachad feasgar anns an Rubha, air an òstadh le tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). Chaidh riochdairean a thoirt gu tuathanas-gaoithe Beinn Ghrideag, far an do dh’innis Comhairliche Coimhearsnachd Tony Robson agus Manaidsear Leasachaidh Calum MacDhòmhnaill dhaibh mu dheidhinn pròiseact URS airson an tuathanas-gaoithe as motha ann am Breatainn a thogail agus a ruith. As dèidh sin ghabh iad diathad agus fhuair iad turas de na pròiseactan a tha air taic fhaighinn bho URS, mar an sgioba ball-coise ionadail, Point FC, pròiseact slighe-costa coimhearsnachd, agus croit a tha a’ gabhail pàirt anns a’ phròiseact Croitean Coillteach airson craobhan dùthchasail a phlanntadh.

Thuirt Matthew Logan bho com-pàirtiche RIPEET Lùth Coimhearsnachd Alba mu dheidhinn an turas: “B’e turas sgoinneil a bha seo a Leòdhas agus le ùidh làidir ann an lùth coimhearsnachd, agus bha na riochdairean bho na sgìrean-pìleatach ann an Suomi agus an Spàinn den bheachd gu robh e fìor bhrosnachail a bhith a’ tadhail air Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Fhuair sinn beachdan math dha rìribh bhon a h-uile duine a bha an sàs ann. B’e turas cudromach a bh’ann dhuinn airson iomadach luchd-ùidh agus pròiseactan fhaicinn, mar aig Ionad Ath-Chuairteachaidh Grìde, agus airson sealltainn dhaibh an t-obair dhrùidhteach a tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a dhèanamh tro lùth coimhearsnachd.”

Thuirt Calum MacDhòmhnaill bho URS mun turas: “Chòrd e rinn gu mòr a bhith a’ cuir fàilte air ar luchd-tadhail Eòrpach gu sgìre an Rubha agus Shanndabhaig, oir tha sinn gu mòr airson gum faigh coimhearsnachdan cothrom a bhith a’ leasachadh sgeamaichean lùth coimhearsnachd a dh’fhaodas eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh dhan sgìre aca. Tha fios againn gu bheil e ag obair, agus tha sinn a’ brosnachadh choimhersnachdan eile sùil a thoirt air ciamar as urrainn dhaibh lùth ath-ùrachail a chleachdadh dhaibh fhèin. Mar eisimpleir, bho sgrùdadh neo-eisimeileach ann an 2020, tha fios againn gun tug ar tuathanas-gaoithe aig Beinn Ghrideag a-steach £2.38 millean a chaidh ionmhasadh anns na h-Eileanan an Iar. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri pròiseact RIPEET agus com-pàirtichean, agus ri bhith a’ faicinn dè na beachdan a thig bhon ionmhas ‘Iarrtas Freagairtean’ aca a chaidh a chuir air dòigh airson cosgaisean dachaigheil a lùghdachadh le manaidseadh nas fheàrr air lùth ionadail.”

Tha an t-ionmhas ‘Iarrtas Freagairtean’ fosgailte gus an 15mh là den t-Samhain, agus tha iad a’ coimhead airson pròiseactan pìleatach a thèid an lìbhrigeadh anns na h-Eileanan an Iar. Tha mu £43,000 (50,000 Euro) ri fhaighinn airson pròiseactan pìleatach. Tha Lùth Coimhearsnachd Alba a’ cur air dòigh seisean air-loidhne airson duine sam bith le ceistean mu dheidhinn an t-iarrtas air an 13mh den Dàmhair. Faodaidh barrachd fiosrachadh a lorg agus iarrtas a chlàradh an seo. (Ceangal: https://www.eventbrite.co.uk/e/ripeet-outer-hebrides-call-for-solutions-drop-in-session-tickets-424053514477).

Creideas dealbhan: SandiePhotos

Riochdairean RIPEET le buill Urras an Rubha agus Shanndabhaig, IGE agus Lùth Coimhearsnachd Alba aig tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Beinn Grideag air Eilean Leòdhais.

Click to read this post in English.