
Bha seisean math dha rìribh againn de choinneamhan agus naidheachdan le buill Bùird agus luchd-obrach aig an Là Bliadhnail againn aig a’ Chabar-Fèidh air Dimàirt 26 Sultain. Chuala sinn bho ar Comhairlichean Coimhearsnachd, comhairlichean eile agus manaidsearan-pròiseact a rinn inneas air na rudan a tha air a bhith a’ dol air adhart anns na 12 miosan mu dheireadh.
Bha fiosrachadh bhon t-Aonad Taic Lùth, air a ruith le Dan Moireasdan agus Stewart Wilson, gu sònraichte math a chluinntinn, agus tha an t-obair a tha Viv Halcrow agus Robin Reid a’ dèanamh air a’ Phròiseact Croitean Coillteach a’ toirt buaidh fìor mhath air feadh na h-Eileanan an Iar. A thuilleadh air sin, tha an t-obair-leasachaidh aig Muileann Gharrabost agus Slighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig, agus na tabhartasan gu buidhnean iongantach mar Ionmhas Leanne am measg iomadach eile, tha sinn a’ faireachdainn gu bheil sinn air ais air cùrsa as dèidh a’ bhriseadh-càball ann an 2020.
Bheachdaich am Bòrd cuideachd air iomadach pròiseact gnìomhachas-sòisealta ùra airson an sgìre, agus sheall iad air leasachaidhean a dh’fhaodadh a thighinn a thaobh cumhachd ath-ùrachail airson a’ chompanaidh againn, Cumhachd an Rubha agus Shanndabhaig. Thèid barrachd fiosrachadh a thoirt seachad aig a’ Choinneamh Bliadhnail anns an t-Samhain, agus tha ar buill uile a’ faighinn cuireadh thuige – ceann-là a’ tighinn a dh’aithghearr!
SandiePhotos
Click to read this article in English.
