
Tha pròiseact planntadh-craobhan anns na h-Eileanan an Iar a’ cumail a’ dol gu làidir le còrr air 171,000 craobh air a phlanntadh air croitean anns na seachd bliadhna mu dheireadh. Tha am Pròiseact Croitean Coillteach Eilean Siar na chompàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Urras nan Coille Alba, Coilltearachd na h-Alba, agus Caidreachas Croitearachd na h-Alba, agus tha iad ag obair le croitearan airson coilltean dùthchasail a phlanntadh air na croitean aca. Tha iomadach buannachd ann bho bhith a’ planntadh craobhan dùthchasail mar caorann, feàrna agus beithe air croitean, mar eisimpleir fasgadh, àite-fuireach airson fiadh-bheatha, leasachadh-ùir agus iomadachd cruth-tìre.
Tha soirbheachadh a’ phròiseact a’ dearbhadh gun urrainn craobhan fàs anns na h-Eileanan an Iar, mar a tha Comhairliche Croitean Coillteach, Viv Halcrow, ag ràdh: “Tha sinn air faicinn dhuinn fhèin gu fàs craobhan ann an Leòdhas, na Hearadh, Barraigh, Beinn na Faoghla agus Uibhist, gu math soirbheachail, nuair a tha seòrsa craobhan freagarrach air am planntadh anns an àite cheart. ’S e an dreuchd againne anns a’ phròiseact seo a bhith a’ toirt comhairle do chroitearan air càite agus dè a phlanntas iad, agus gan stiùireadh tro a bhith a’ cuir a-steach airson tabhartasan-airgid. Eadar mi-fhèin agus an Comhairliche Croit eile, Robin Reid, tha sinn air 750 iarrtas a thaobh planntadh air croitean a fhreagairt bho 2016.” Tha am planntadh a’ gabhail a-steach tabhartasan bho Coilltearachd na h-Alba agus sgeamaichean MOREwoods Urras nan Coille, a tha na Comhairlichean Croitean Coillteach ag obair airson lìbhrigeadh, a’ cuideachadh croitearan tro gach ìre den phlanntadh bho deasachadh-talamh gu comhairle air coimhead as dèidh na craobhan fhad’s a tha iad a’ fàs.
Bha cothrom aig Viv agus Robin feadhainn de na sgeamachan-planntaidh soirbheachail ann an Leòdhas a thaisbeanadh nuair a thadhail compàirteacharan a’ phròiseact Coilltearachd na h-Alba agus Urras nan Coille Alba. Thàinig compàirteachar ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig còmhla ris a’ bhuidheann cuideachd, a’ toirt dhaibh còmhdhail airson an dà là den turas, a thug a-steach coilltean air am planntadh ann an Siadar agus Ràinis mar phàirt de na sgeamachan-tabhartais coilltearachd. Sheall an dà phlanntadh cho math ’s a than a craobhan gan stèidheachadh fhèin fo chùram agus cumail-suas nan croitear. Chaidh na luchd-tadhail cuideachd chun an dà phlannt-lann a tha a-nis ag obair ann an Leòdhas: Stark’s Ark ann an Liùrbost a tha a-nis na chòigeamh bliadhna agus a tha air meudachadh gu bhith a’ fàs 50,000 craobhan dùthchasail bho sìol gach bliadhna, agus an Hebridean Tree Ark ann an Horsiadar, pròiseact glèidhteachas a tha ag amas air a bhith a’ cruinneachadh sìol bho coilltean a tha air fhàgail agus a’ cruthachadh craobhan dùthchasail airson planntadh croiteil. Thuirt Viv: “Tha an dà chraobh-lann nam pàirt den ghluasad iongantach seo a thaobh dìon agus ath-ùrachadh coilltean dùthchasail anns na h-Eileanan an Iar agus tha na croitearan leis a bheil sinn ag obair a’ faicinn 75-80% de na craobhan gan stèidheachadh fhèin. Tha seo fada nas fheàrr na bha dùil againn nuair a thòisich am pròiseact ann an 2016 agus na theisteanas air an t-aire faiceallach a tha air a thoirt do na craobhan.”
Thuirt Niall Moireach, Glèidheadair Coilltearachd na h-Alba airson a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan mu dheidhinn an turas a Leòdhas: “Bha e math dha rìribh a bhith a’ faicinn coilltean beaga a’ stèidheachadh anns an àrainneachd dhoirbh anns na h-eileanan fo chùram nan croitear agus Pròiseact Croitean Coillteach. Bha e sgoinneil cothrom fhaighinn tadhal air an dà chraobh-lann air an t-eilean, agus a bhith a’ bruidhinn ris na daoine fiosrach agus dealasach an sin mu dheidhinn an t-obair a tha iad a’ dèanamh airson sìol ionadail a chruinneachadh agus sìolagan fhàs airson pròiseactan coille eile anns an àm ri teachd. Tha Coilltearachd na h-Alba a’ tabhairt grant sònraichte airson pròiseactan beaga eileanach agus tha sinn gu math toilichte a bhith ag obair gu dlùth le ar compàirteacharan airson cumail oirnn togail air soirbheachas a’ phròiseact seo.”
Thuirt DI MacSuain bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn air a bhith an sàs anns a’ phròiseact seo bho thòisich e agus cha b’urrainn dhuinn a bhith na bu thoilichte leis an adhartas a tha Viv agus Robin air a dhèanamh. Bha an turas seo gu math brosnachail oir fhuair mi cothrom faicinn dhomh fhèin mar a than a craobhan a chaidh a phlanntadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh a’ fàs, agus cuideachd coinneachadh ri na croitearan a tha ag obair cho cruaidh na craobhan aca fhàs. Tha an t-obair a tha Pròiseact Croitean Coillteach a’ dèanamh a’ dol a thoirt buaidh iongantach cruth-atharrachail air na h-eileanan againn.”
Tha an t-àireamh de iarrtasan airson sgeamachan-planntaidh anns na h-Eileanan an Iar a’ fuireachd aig ìre àirde agus a’ sealltainn ùidh leantainneach ann a bhith a’ planntadh craobhan air croitean. Bha an tadhal bho Coilltearachd na h-Alba agus Urras nan Coille Alba gu Leòdhas na chothrom adhartas nan sgeama a thaisbeanadh, agus cuideachd na chothrom airson còmhradh feumail agus torach a thaobh roghainnean eile airson feansaichean le mar a tha cosgais feansaichean-fèidh a’ dol suas agus nan cùis-dragh airson croitearan.
Tha an ràith-planntadh 2023/24, a tha a-nis a’ dol air adhart chun a’ Ghiblean 2024, a’ dol a dh’fhaicinn iomadach eile craobh ionadail air am fàs le croitearan, a’ toirt coilltean dùthchasail nan Eilean Siar air ais bho oir na mairbh.
