Panailean-grèine ùra air mullach An Lanntair

Tha Ionad Ealain Steòrnabhagh, An Lanntair, air panailean-grèine ùra a stèidheachadh air mullach an togalach mar phàirt den iomairt aca airson manaidseadh-lùth nas ‘uaine’ a bhith aca. Tha an t-ionad ag obair cruaidh airson eimiseanan carboin a lùghdachadh, a’ fòcasadh air èifeachdas-lùth agus gineadadh lùth ath-ùrachail mar thaic air an t-amas aca a bhith nam buidheann cruthachail ‘net zero’ anns na h-eileanan.

’S ann mar phàirt den iomairt uaine aca a stèidhich iad 30 panail-grèine air a’ mhullach deas aca am mios mu dheireadh, a thuilleadh air banca-bataraidh lithium airson lùth a bharrachd a stòradh. Còmhdaichidh an t-arraigh 15kW PV an lùth a thathair a’ cleachdadh tron là, agus cuideachd caitheamh-lùth a bharrachd ann am prìomh-uairean feasgar, agus mar sin tha iad a’ sùileachadh gum bi cosgaisean-lùth bliadhnail tòrr nas ìsle aca anns an àm ri teachd.

Tha ceannard an t-Ionad Ealain, Sean Paul O’Hare, a’ cuir fàilte air na panailean ùra: “Le buaidh an t-èiginn-clìomaid follaiseach air feadh an t-saoghal, tha An Lanntair gu math mothachail gu bheil dleastanas againn eimiseanan gas taigh-glainne a lùghdachadh gu ‘net zero’ agus tha sinn air a bhith ag obair air an ionad a dhèanamh nas lùth-èifeachdach airson bliadhnaichean a-nis. Le obair cruaidh bho ‘Sgioba Uaine’ An Lanntair, tha sinn fìor thoilichte leis na panailean ùra a bheir buaidh mòr air na cosgaisean-lùth againn, neartachadh deatamach anns na làithean seo de mhì-chinnte ann an roinntean ealain agus cultar.”

Chaidh cosgaisean a’ phròiseact panail-grèine a phàigheadh le togail-airgid a rinn An Lanntair agus taic bho grunnan bhuidheann airson an targaid £33,000 a ruighinn. Thuirt Sean Paul O’Hare: “Cha bhiodh am pàirt seo den phlana-seasmhachd againn comasach às aonais taic ar maoineacharan. Bu toil leam taing shònraichte a thoirt do Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), a chuidich sinn le tabhartas £8,000 a thaobh a’ chosgais. Chuir sinn iarrtas gu URS anns an t-samhradh agus bha e follaiseach gu bheil na h-aon amasan aig an dà bhuidheann a thaobh eimiseanan taigh-glainne a lùghdachadh agus an t-èiginn-clìomaid a shabaid anns na h-Eileanan an Iar. Còmhla ri maoineachadh bho Sgeama Leasachaidh Taigh-Cluiche a tha aig Fonndas Wolfsen, agus Ionmhas Oighreachd a’ Chrùin bho Comhairle nan Eilean Siar, fhuair sinn air an t-siostam ùr lùth-grèine a chuir a-steach.”

Thuirt Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig, DI MacSuain: “Bha sinn gu math toilichte taic a thoirt airson na panailean-grèine ùra a stèidheachadh leis an tabhartas againn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn mu dheidhinn a’ bhuaidh a bheir am pròiseact mion-ath-ùrachadh seo chun An Lanntair fhad’s a tha iad a’ gluasad a thaobh ‘net zero’ agus an t-èifeachdas-lùth a tha na chois. Bha mi gu sònraichte toilichte gun deach na panailean a stèidheachadh le IDM Energy, companaidh òg le ceangalan làidir leis an eilean.”

Chaidh am pròiseact a lìbhrigeadh le companaidh bho Inbhir Nis, IDM Energy, agus bha buannachd eile ann le bhith a’ toirt obair agus cosnadh do dhaoine ionadail bho na h-eileanan airson an stèidheachadh a dhèanamh, a’ neartachadh an t-eaconomaidh ionadail.

Creideas dealbh: SandiePhotos

Click to read this article in English.