Pàirc-Cluiche Coimhearsnachd Shiuilisiadar gu bhith air ath-nuadhachadh

Bha am Pàirc-Cluiche Coimhearsnachd ann an Siuilisiadar air a chomharrachadh airson dì-làrachadh ann an aithris Comhairle nan Eilean Siar ann an 2017, ach tha e a’ dol a dh’fhaighinn beatha ùr bho Comhairle Choimhearsnachd an Rubha (CCR) le £3,500 de mhaoineachadh bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). Chaidh am pàirc-cluiche a thogail anns a’ chiad àite mu 1996, agus nuair a chaidh a sgrùdadh ann an Lùnastal 2021 le CCR lorg iad gu robh e ann an staid mhath airson aois, dìreach a’ cuir feum air glè bheag obair, cumail-suas fearann agus pàirtean-uidheam ùr gus am bi e freagarrach airson a chleachdadh a-rithist.

Chaidh am pairc-cluiche a thogail fo stiùireadh Comataidh Coimhearsnachd, a chaidh mu sgaoil o chionn fhada, agus tha Comhairle Coimhearsnachd an Rubha airson am pàirc-cluiche a shàbhaladh agus comataidh ùr a chuir air dòigh gus am bi e air a stiùireadh anns an àm ri teachd. Tha an Comhairle Coimhearsnachd cuideachd ag obair le pàircean-cluiche ionadail eile, mar Pabail Iarach agus Seaview a’ Chnuic, oir tha coimhearsnachdan ionadail ag iarraidh comataidhean a chuir air dòigh iad fhèin airson pàircean-cluiche a stiùireadh air feadh sgìre an Rubha.

Thuirt Iar-Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd an Rubha, Ken MacGilleFhinnein: “Tha CCR a’ faireachdainn gu bheil e fìor chudromach an dèidh Covid 19 airson cothroman a thoirt do chlann a bhith a’ cluich agus àite cumanta a bhith aca airson coinneachadh agus cluich le an co-inbhich. Thèid an obair a tha a’ dol air adhart aig Pàirc-Cluiche Shiadar a dhèanamh airson ar àrainneachd nàdarrach a dhìon agus an uidheamachd a th’ann mu thràth a chleachdadh cho mòr ’s as urrainn, le planaichean airson sgudal bhon phròiseact a ath-chuairteachadh. Ach ’s e an rud as cudromaiche gu bheil an t-obair seo a’ cruthachadh àite sàbhailte agus ath-ùraichte far an urrainn do chlann a bhith a’ cluich. Tha Comhairle Coimhearsnachd an Rubha gu tur a’ toirt taic don phròiseact seo mar phàirt de ar Plana Gnìomh airson a’ bhliadhna ri teachd, agus tha sinn gu math taingeil airson taic Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a leigeas leinn pàirtean ùra a cheannachd agus atharrachaidhean a dhèanamh ris a’ phàirc airson buannachd clann ionadail.”

Tha Rhoda Grant, BPA, cuideachd a’ toirt taic don phròiseact, ag ràdh: “Tha mi toilichte taic a thoirt do Chomhairle Coimhearsnachd an Rubha agus iad ag amas air leasachadh a dhèanamh air a’ phàirc-cluiche ann an Siuilisiadar, an Rubha. Tha an Comhairle Coimhearsnachd an dòchas càradh a dhèanamh, seataichean-luasgadh ùr agus geata ùr a stèidheachadh, agus leasachaidhean eile airson an uidheamachd anns an fharsaingeachd gus am bi am pàirc a-rithist freagarrach airson cleachdadh le clann a’ bhaile. Cuidichidh goireasan-cluiche mar seo a’ bhith a’ toirt seasmhachd do sgìre iomallach agus dùthchail mar seo far a bheil dòighean-beatha traidiseanta air an cumail suas, agus tàlaidh e teaghlaichean chun a’ bhaile, a’ cuir bacadh air crìonadh-sluagh. A thuilleadh air sin, tha mi a’ tuigsinn gu bheil iomadach suirbhidh-coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar air sealltainn gu bheil iarrtas ann airson goireasan-cluiche ionadail do theaghlaichean, oir tha e a’ toirt àitichean sàbhailte agus tèarainte airson clann a’ bhaile a bhith a’ coinneachadh, a’ cluiche agus a’ leasachadh na sgilean-motar aca.”

Thuirt Cathraiche URS Tormod MacCoinnich, “’S e coimhearsnachd bheòthail a th’ann an Siuilisiadar anns an sgìre againn, le grunnan theaghlach òga a gheibh buannachd bhon phròiseact seo le Comhairle Coimhearsnachd an Rubha airson beatha a thoirt don phàirc-cluiche coimhearsnachd an sin. Tha mi gu math toilichte na planaichean fhaicinn agus nas toilichte buileach gu bheil Urras an Rubha agus Shanndabhaig comasach taic-airgid a thoirt don phròiseact.”

Tha obair air tòiseachadh mu thràth airson an làrach a sgioblachadh agus caoidhteas fhaighinn den lus sgaoilteach Gunnera anns a’ phàirc-cluiche, agus thèid barrachd obair a dhèanamh anns na miosan ri teachd.

Click to read in English

Creideas Dealbhan: SandiePhotos

Pictured above L-R: Point Community Council Vice Chair, Ken MacLennan with PST General Manager DJ MacSween taking a look around the playground.