Pàirc-chàraichean nas fheàrr airson Sgioba Ball-Coise an Rubha

Tha rudan ag atharrachadh aig Comann Spòrs agus Cur-Seachad an Rubha le ainmeachadh de thabhartas ùr bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson leasachadh air a’ phàirc-chàraichean aig Sgioba Ball Coise an Rubha. Thèid an tabhartas £12,000 a chleachdadh airson an àite-pàircidh a leudachadh, a’ toirt rùm airson 25 àite càr agus 3 àite mion-bhus ann am pìos fearann falamh ri taobh an raon ball-coise.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, leis an sgioba soirbheachail a’ tàladh barrachd luchd-coimhead, tha dìth pàirc-chàraichean air a bhith na chùis-dragha, le feadhainn a’ pàirceadh air taobh an rathad agus a’ tachdadh an trafaig. Nì am pròiseact seo leasachadh mòr air pàirceadh agus sàbhailteachd-rathaid aig an raon. Tha an leasachadh pàirc-chàraichean cuideachd a’ ceangal ris an obair ath-ùrachaidh aig Muileann Gharraboist, a tha gu bhith na làrach-dualchasach airson an sgìre. Air a ghabhail thairis o chionn ghoirid le Urras Muileann Gharraboist agus le planaichean a’ dol airson ath-ùrachadh slàn air an togalach, gheibh am Muileann buannachd bho àm gu àm le bhith a’ cleachdadh pàirc-chàraichean an raon ball-coise ma tha feum aca air barrachd.

Thuirt rùnaire Sgioba Ball-Coise an Rubha, Iain MacSuain, mun phròiseact-leasachaidh: “Tha Sgioba Ball-Coise an Rubha gu math toilichte gu bheil an t-àite seo a-nis air a leasachadh gu ceart. Tha sinn air a chleachdadh mar àite-pàircidh gu neo-oifigeach airson bliadhnaichean ach cha robh e cho math ri sin air a shon, agus bha dragh oirnn an còmhnaidh mu dheidhinn sàbhailteachd le bhith a’ dol air ais air an rathad. Leis an sgioba a’ cumail orra a’ soirbheachadh air an raon-cluiche, agus ar àite-coimhead ùr a’ toirt goireasan cho math do luchd-taic, tha tòrr a bharrachd daoine againn a’ tighinn gar coimhead. Le taic bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig, an contractor Derek MacLeòid agus Tony Robson, a bha os cionn an leasachadh, bidh àite leudaichte agus sàbhailte againn a-nise airson luchd-taic agus luchd-tadhail a bhith a’ pàirceadh. Tha e cuideachd math gun tèid a chleachdadh tron là le luchd-tadhail do Mhuileann Gharraboist nuair a tha e air ath-ùrachadh.

Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche URS: “Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig toilichte taic a thoirt do Sgioba Ball-Coise an Rubha leis a’ phròiseact as ùra aca airson goireasan a leasachadh aig Pàirc an Rubha. Nì am pàirc-chàraichean agus mion-bhusaichean eadar-dhealachadh mòr airson sàbhailteachd-rathaid. Tha an taic don phròiseact seo bho prothaidean ar tuathanas-gaoithe coimhearsnachd a’ sealltainn a-rithist gu bheil pròiseactan lùth ath-ùrachail coimhearsnachd a’ toirt buannachdan mòra fiù’s ann am bliadhnaichean nuair nach eil airgead poblach a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail neo nàiseanta.”

Tha URS air a bhith gu dlùth an sàs ann an obair-leasachaidh an Sgioba Ball-Coise, a’ gabhail a-steach tabhartas £45,000 airson àite-coimhead 100-suidheachan a cheannachd tràth ann an 2020 agus urrasachd Prògram Còidseadh Samhraidh airson òigridh ann an 2019. Na bu tràithe anns a’ mhios, fhuair na 60 cluicheadairean sgioba Fo-13 an Rubha èideadh ùr uile-aimsireil, le cliù bho pàrantan, còidsichean agus na cluicheadairean fhèin.