
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith a’ dèanamh measadh air an t-suidheachadh aca às dèidh a’ bhuaidh eagallach a bha aig a’ bhriseadh-càball eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgiathanach anns an Dàmhair 2020. Thug am briseadh-càball air a h-uile tuathanas-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar am muilnean a chuir dheth, a’ dèanamh sgrios air an cosnadh àbhaisteach aca airson deich miosan. Leis a’ chàball ceangailte a-rithist agus na muilnean a’ tionndadh, thuirt am buidheann coimhearsnachd gu robh e coltach nach biodh iad comasach air tòiseachadh tabhartasan-maoineachaidh a-rithist gu 2023.
Bha buaidh mhòr aig a’ bhuidheann le bhith a’ toirt taic don choimhearsnachd ann an 2020, mar a bhith a’ lìbhrigeadh còrr air 5,000 dìnnearan gu daoine air an robh feum orra tron ghlasadh-sìos. Thathar a-nis deònach a thighinn air ais nas làidire buileach, agus thathar a’ planaigeadh an ath cheum aca. Mar phàirt de seo, bha coinneamh Conaltradh Coimhearsnachd aig PST air Diluain 27mh Sultain, le riochdairean bho buidhnean ionadail. Nam measg bha Comhairlean Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig, Urras Muileann Gharrabost, Urras Stòras an Rubha agus Urras Eaglais na h-Aoidhe, agus dh’innis iad am planaichean, beachdan agus amasan gus am biodh iad air an gabhail a-steach do phlanaichean Urras an Rubha agus Shanndabhaig.
Choinnich Bòrd PST an ath là airson an Là Bliadhnail aca fhèin – a’ chiad turas bho 2019, agus cothrom airson bruidhinn air ciamar a thèid an cosnadh coimhearsnachd a chleachdadh anns na còig bliadhnaichean ri teachd. “Tha e deatamach, as dèidh buaidh cho mòr air ar cosnadh nuair a bhris an càball, gun dean sinn measadh air dè a dh’obraich airson PST gu ruige seo, agus dè a nì sinn a’ dol air adhart,” thuirt Cathraiche PST Tormod MacCoinnich. “Tha dleastanas againn ar amas-bonn a leantainn, ag obair airson fallaineachd ar coimhearsnachd, agus tha sinn ag iarraidh cumail a’ dol a’ togail ar dàimhean le na buidhnean coimhearsnachd eile nar sgìre.”
Aig deireadh 2020, dh’fhoillsich rannsachadh neo-eisimeileach gu bheil Urras an Rubha agus Shanndabhaig air £2.38 millean ionmhasadh anns na h-Eileanan an Iar anns na còig bliadhnaichean mu dheireadh, ionmhasadh a chaidh a chleachdadh airson taic a thoirt do bhuidhnean bho Taigh-Cùram agus Ospais Betesda gu uidheamachd airson sgiobaidhean spòrs ionadail. Ged a chaidh stad a chuir air comas-ionmhasadh an t-Urras nuair a bhris an càball agus chaidh stad a chuir air an tuathanas-gaoithe, dh’innis Comhairliche Coimhearsnachd PST Alasdair MacNeacail don Bhòrd gun d’fhuair e air £300,000 fhaighinn airson grunnan bhuidhnean coimhearsnachd anns na 18 miosan mu dheireadh. “’S e pàirt cudromach de obair PST a th’ann gun urrainn dha ar Comhairlichean Coimhearsnachd taic a thoirt do bhuidhnean ionadail le bhith a’ faighinn maoineachadh, agus tha e gu math brosnachail gun d’fhuair Alasdair uiread airgead, mu dheireadh le tabhartas £3,000 airson Càirdean Òg Allt nan Gall,” thuirt Cathraiche Tormod MacCoinnich. “Tha an comas agus dèonachd seo a bhith a’ toirt taic do dhaoine eile anns a’ choimhearsnachd na phàirt chudromach de neartan an t-Urras, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cumail a’ dol ag obair còmhla airson fallaineachd ar coimhearsnachd anns an fharsaingeachd.”
Click to read this article in English.
