Obair-roinn a’ toirt spionnadh do phròiseact planntadh-craobhan

 

Tha Pròiseact Croìtean Coillteach a’ cuir fàilte air ball ùr den sgioba chun an sgeama planntaidh soirbheachail aca, le Robin Reid a’ tòiseachadh ag obair air an son. ’S e compàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Urras nan Coille a th’anns a’ phròiseact, a thòisich ann an 2016 agus a tha air a stiùireadh le Oifigear Pròiseact Viv Halcrow, a’ planntadh craobhan air fearann-croite air feadh na h-Eileanan an Iar. Ro dheireadh na Giblean 2022 bidh còrr air 163,000 craobhan làidir de ghnèithean dùthchasail air am planntadh, le cuideachadh bho Viv a tha a’ tabhairt comhairle practaigeach, iarrtasan airson grantaichean agus taic leantainneach airson eileanaich aig a bheil ùidh anns a’ phròiseact.

An dèidh cha mhòr 6 bliadhna a’ dèiligeadh leis na h-Eileanan an Iar gu lèir bhon taigh aice ann am Beàrnaraigh na Hearadh, tha dreuchd Viv gu bhith air atharrachadh gu obair-roinn a leigeas leatha a h-oidhirpean a chuir air planntadh ann an Uibhist agus Barraigh. Bidh Robin Reid a’ sealltainn às dèidh Leòdhas agus na Hearadh, agus obraichidh an dithis aca gu dlùth còmhla a thaobh taic iarrtasan-granta airson croitearan le comhairle practaigeach dhaibhsan a tha a’ dol a phlanntadh air na croitean aca. Tha Robin a’ toirt an t-uabhas eòlas agus fiosrachadh ionadail chun an dreuchd, le bhith ag obair ann an glèidhteachas bho 2002: mar comhairliche eag-eòlach, mar Raonair airson Urras na Hearadh a Tuath agus gu h-ionadail leis an RSPB airson iomadh bliadhna. Tha e glè chleachdte ri bhith ag obair le buidhnean coimhearsnachd air àrainneachd ionadail a leasachadh ann an Leòdhas agus na Hearadh. Tha eòlas Robin a’ ciallachadh gu faod e am pròiseact a chumail a’ dol gun trioblaid air feadh na h-Eileanan an Iar bhon dachaigh aige ann am Bàighean na Hearadh.

Thuirt Viv mun phròiseact gu ruige seo, “Tha e air còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair le croitearan airson an àrainn seo a ath-ùrachadh, a tha cho cudromach airson fiadh-bheatha agus torrachas-ùir, agus le buannachdan eile airson fasgadh agus cruth-tìre. Tha mi air iomadh duine inntinneach a choinneachadh agus tha mi air spionnadh fhaighinn bho cho dìcheallach sa tha iad a’ dèanamh cinnteach gun obraich seo, a dh’aindeon cho duilich sa tha cùisean uaireannan!” A dh’aindeoin sin, tha Viv cuideachd a’ coimhead air adhart ri Robin a bhith an sàs ann, a’ toirt leis spiorad agus sealladh ùr le eòlas ionadail mu dheidhinn suidheachadh àraidh na h-Eileanan an Iar, agus cuideachd cothromachadh obair/beatha nas fheàrr do Viv gun uiread feum dhì a bhith a’ siubhal air feadh na h-eileanan. A dh’aindeoin buaidh a’ ghlasadh-sìos, agus greis fòrladh, tha na h-iarrtasan mu dheidhinn planntadh-craobhan air a bhith a’ cumail a’ dòrtadh a-steach, agus tha an dithis a’ coimhead air adhart ri ràidh planntadh trang air thoiseach orra.

Thuirt Robin: “Tha ùidh a’ fàs ann a bhith a’ cruthachadh coilltean anns na h-eileanan, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le croitearan, coimhearsnachdan, agus uachdarain airson barrachd choilltean dùthchasach a stèidheachadh. Tha na pìosan beaga de choille dùthchasach a tha air fhàgail air creagan agus eileanan ann an lochan air a bhith nam brosnachadh dhomh, agus nan cuimhneachain gun urrainn do choilltean a bhith soirbheachail an seo, agus gum b’àbhaist dha a bhith fada nas cumanta.”

Thuirt Iona Hyde bho Urras Coille na h-Alba: “Tha èiginn clìomaid air thoiseach air an t-saoghal an-dràsta, agus èiginn nàdar cuideachd. Ma chruthaicheas sinn coilltean dùthchasach ùr, sin aon de na dòighean as fhasa dhuinn a bhith a’ sabaid an aghaidh an dà rud. A thuilleadh air a bhith a’ ruith còrr air 1000 de ar làraich fhèin air feadh Bhreatainn, tha Urras nan Coille a’ cuideachadh uachdarain eile a bhith a’ cruthachadh coilltean ùra cuideachd. Tha Pròiseact Croitean Coillteach air leth freagarrach air feuman chroitearan, agus tha sinn gu math toilichte fàilte a chuir air Robin Reid mar ar Comhairliche Coille Croitean airson Leòdhas agus na Hearadh.”

Dealbh a’ sealltainn Viv Halcrow agus Robin Reid o chionn ghoirid a’ planntadh craobhan le clann aig Sgoil a’ Bhac.

Click to read this article in English.