Obair ath-ùrachaidh a’ dol air adhart aig Muileann Gharraboist

Tha am pròiseact ath-ùrachaidh aig a’ Mhuileann Bhictòrianach ann an Garrabost air Eilean Leòdhais a’ dol air adhart aig astar, agus o chionn choired chaidh cuireadh a thoirt do na h-urrasaichean Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (IGE) agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gus am faiceadh iad an t-adhartas. Tha am pròiseact coimhearsnachdail ag amas air a’ mhuileann-gràn a ath-ùrachadh gu mar a b’àbhaist dha a bhith le obair-togail farsaing, a’ cruthachadh ionad airson dualchas croitearachd agus eachdraidh sòisealta, a thuilleadh air àite-turasachd ùr a chruthachadh airson an sgìre.

Chaidh am muileann a cheannachd leis a’ choimhearsnachd anns an Fhaoilleach 2023, agus tha am pròiseact ath-ùrachaidh air a ruith le Comataidh Urras Muileann Gharraboist agus comhairlichean coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Tha an t-obair air a dhèanamh le Lewis Builders, a tha air adhartas mòr a dhèanamh leis a’ Mhuileann agus na togalaichean iomallach aige, a’ gabhail a-steach mullaich ùr, slighean-inntrigidh, sàbhailteachd nan togalach agus leasachadh air na goireasan. Thug Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig £95,000 ma seach chun a’ phròiseact, agus chaidh £10,000 a bharrachd a thabhairt bhon t-Ionmhas Landfill, a tha air a ruith le Third Sector Hebrides.

Thuirt Comhairliche Coimhearsnachd URS Alasdair MacNeacail: “Fhuair buill-bùird URS agus Natalie Caimbeul bho IGE sealladh sònraichte den phròiseact airson an adhartas aca a thaisbeanadh. Cha mhòr nach eil Ìre a h-Aon den ath-ùrachadh deiseil, agus tha pìos mòr de Ìre Dhà (obair àrainneachd agus rudan co-cheangailte ri sin) a-nis a’ dol air adhart. Thèid a’ chuid as motha de seo a chrìochnachadh anns na seachdainean a tha ri teachd, naidheachd mìorbhaileach dhan a h-uile duine an sàs ann. Tha Urras a’ Mhuileann a-nis a’ dol a shealltainn gu mionaideach air Ìre Trì, a tha ag amas air ionad-tadhal a bhios freagarrach do mhuinntir na sgìre agus luchd-turais bho cuairtean-mara, a’ tabhairt àite-taisbeanadh agus cosnadh seasmhach le cothrom airson obraichean ionadail a chruthachadh anns an àm ri teachd.

Thuirt Brian Chaplin, Cathraiche Urras Muileann Gharraboist: “Bha mi cho toilichte sa ghabhas cuireadh fhaighinn airson tadhal air a’ mhuileann le ar co-obraichean bho URS agus IGE. Bha e iongantach a bhith a’ faicinn cho luath ’s a tha an t-obair ath-ùrachaidh air tighinn air adhart. Mullaich ùr air togalaichean, fiodh às ùr ann an àite, agus ballaichean air an neartachadh agus an càradh. Tha Lewis Builders a’ dèanamh obair mìorbhaileach. Tha Comataidh Urras a’ Mhuileann a’ planadh tadhal eile airson barrachd fiosrachadh fhaighinn mu iarrtasan ath-ùrachaidh agus leasachaidh den togalach iongantach seo agus tha sinn an dòchas tachartasan poballach a bhith againn nas anmoiche ’sa bhliadhna airson a’ mhuileann eachdraidheil seo a thaisbeanadh.”

Thuirt Natalie Caimbeul bho IGE mun tadhal: “’S e eisimpleir mìorbhaileach a tha seo de phròiseact turasachd air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, le eachdraidh croitearachd agus cultarail gu math cudromach. Bha mi gu math toilichte adhartas an ath-ùrachadh den mhuileann agus na togalaichean eile fhaicinn. Thèid ionad turasachd ùr a thairgse anns an sgìre a chuidicheas obraichean a chruthachadh gu h-ionadail. Tha e cuideachd a’ dol a thoirt tèarainteachd do thogalach cudromach le ùidh eachdraidheil agus ginealaich ri teachd.

“Tha sinn gu math toilichte taic a thoirt don phròiseact seo, a thèid a ruith le coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig na phàirt den chainnt làitheil, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fhaicinn a’ tighinn ri chèile.”

Air a thogail ann an 1893, ’s e pìos cudromach de eachdraidh sòisealta na sgìre a th’ann am Muileann Gharraboist. Bha e ag obair gu marsantach, a’ bleith eòrna agus min-choirce airson coimhearsnachdan croitearach ionadail, gu 1956. A-nis fo shealbhachd coimhearsnachd, thathar airson gum bi an làrach mar thaisbeanadh air dòighean-beatha croitearachd ann an sgìre an Rubha air Eilean Leòdhais. Bha an ceannachd-coimhearsnachd comasach le maoineachadh bho Oighreachd a’ Chrùin.

Photo credit: SandiePhotos

Click to read this article in English.