
5 Sultain 2025
Air am 27mh agus 28mh den Lùnastal, thàinig riochdairean PRLS Alba bhon OSLN (Obraiche Siostam Lùth Nàiseanta) a thadhal air Steòrnabhagh airson lèirsinn fhaighinn bho roinn fharsaing de luchd-ùidh ionadail mar phàirt den phlanadh ro-innleachdail aca airson lùth Alba anns na bliadhnaichean ri teachd.
Tha PRLS Alba na phàirt den sgioba Breatannach Planadh Ro-innleachdail Lùth Sgìreil (PRLS) aig an t-Obraiche Siostam Lùth Nàiseanta (OSLN). Air a stèidheachadh tràth ann an 2025, tha dreuchd PRLS an OSLN ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil Alba, a’ Chuimrigh agus Sasainn a’ faighinn bun-structar lùth feumaichte airson an amasan fàs agus uile-neoni a choinneachadh tro mhodh-obrach làn-shiostam a tha ag aonachadh dealan, gas, agus hàidhdreaidean.
Bha an turas a Steòrnabhagh na phàirt de phrògram leantainneach conaltradh le luchd-ùidh a tha aig OSLN, air a dhealbhadh airson ro-innleachdan fhiosrachadh gu 2030 agus fiù’s seachad air 2050. Ged a bha an clàr-chùisean a’ gabhail a-steach coinneamhan le Comhairle nan Eilean Siar (CNES), SSEN, SGN agus actairean sgìreil eile, bha pìos mòr den turas cuideachd air a chleachdadh airson tuigse fhaighinn air dreuchd sònraichte lùth coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.
Air am 27mh den Lùnastal, thadhal OSLN air Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson buaidh gineadadh-lùth coimhearsnachd air fallaineachd agus seasmhachd eaconomaigeach ionadail a rannsachadh. Rinn URS taisbeanadh den tabhartas aca a thaobh cruthachadh-beartas ionadail agus den phròiseact ùr aca airson bataraidh 25MW, a tha an-dràsta fo sgrùdadh Gate 2 airson ceangal-griod. Chrìochnaich cùisean le turas gu tuathanas-gaoithe 9MW Beinn Ghrideag, aon de na pròiseactan fo shealbh coimhearsnachd as motha anns an Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt Calum MacDhòmhnaill, Stiùiriche Leasachaidh Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Thairis air na 10 bliadhnaichean mu dheireadh, tha an tuathanas gaoithe 9MW againn air barrachd ionmhasan buannachd coimhearsnachd a chuir a-steach don sgìre ionadail na tuathanas-gaoithe eile anns an Rìoghachd Aonaichte air fad, fiù ’s sgeamannan corporaideach leth-cheud uair nas motha. Tha sinne den bheachd gu bheil ar n-eisimpleir a’ sealltainn cudromachd eaconomaigeach agus sòisealta de bhith a’ leudachadh àireamh agus meud phròiseactan lùth coimhearsnachd, gus an urrainn do eaconomaidhean ionadail air feadh na h-Alba làn-bhuannachd fhaighinn. Bha sinn gu math toilichte gu robh uiread de dh’ùidh aig sgioba OSLN a thaobh na cùisean anns an turas aca a Leòdhas, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd conaltradh anns an àm ri teachd.”
An ath mhadainn, choinnich OSLN le Urras Oighreachd Ghabhsann airson bruidhinn mu dhreuchd uachdarain-fearann coimhearsnachdail ann an gineadadh lùth. Am measg na pròiseactan as cudromaiche tha Pròiseact Lùth Coimhearsnachd a’ Chost an Iar (43MW), a tha an-dràsta fo sgrùdadh Gate 2 airson ceangal-griod, agus Companaidh Coimhearsnachd a’ Chnuic agus Suardail (6MW) – fhuair an dà bhuidheann an toiseach ceangal bunanta don ghriod ach on uair sin chaidh an cur don sgeama Manaidseadh Lìon-Obrach Gnìomhach (MLG). Tha an conaltradh seo a’ dèanamh follaiseach na duilgheadasan an cois a bhith a’ faighinn inntrigeadh-griod tèarainte airson pròiseactan coimhearsnachd ùr agus ath-chumhachdaichte. Airson barrachd fiosrachadh, leugh an t-alt naidheachd aig Fios.
Thuirt Niall MacFhionghain, Manaidsear Leasachaidh aig Urras Oighreachd Ghabhsann: “’S àbhaist don a’ chùis as dùbhlanach de phròiseact lùth coimhearsnachd sam bith a bhith a’ cur air dòigh na ceanglan-griod. Tha co-òrdanachadh le sgioba PRLS bho OSLN na phàirt chudromach de bhith a’ ruighinn meudachd griod anns an àm ri teachd, agus tha sinn a’ cur fàilte air a’ ghluasad a thaobh modh ceangailte làn-shiostam.”
Thuirt Aonghas MacDhòmhnaill bho Companaidh Coimhearsnachd a’ Chnuic agus Suardail: “B’e ceum mòr adhartach a bh’ann dhuinn riochdairean bho PRLS a bhith an seo ann an Leòdhas airson buannachdan iongantach sgeamannan lùth coimhearsnachd fhaicinn, agus cuideachd a bhith a’ faicinn na cnapan-starra mòra a tha ann an slighe sgeamannan a dh’fhaodadh a bhith air an stèidheachadh, an dà chuid bho leasaichearan iomadh-dhùthchail prìobhaideach is obraichearan a’ ghriod, agus an siostam riaghlan. Bhiodh e math ìre de dh’ùidh den aon sheòrsa fhaicinn bho Riaghaltasan na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte, agus gum biodh na riochdairean acasan a’ tadhal air na h-Eileanan anns a’ bhad. Chuidicheadh sin iad gu bhith a’ tuigsinn comas cruth-atharrachail bho lùth ath-ùrachail coimhearsnachd, agus a bhith a’ stèidheachadh atharrachaidhean èiginneach do shiostam riaghlan a tha taobhach an aghaidh coimhearsnachdan beaga a tha a’ feuchainn ri an cruth-atharrachadh tro na buannachdan as urrainn dhaibh fhaighinn bho lùth ath-ùrachail coimhearsnachd. Dh’fhaodadh e cuideachd tuigse a thoirt orra gu feum iad a bhith a’ strì an aghaidh neart nan obraichearan prìobhaideach airson rùm a dhèanamh airson leasaichearan coimhearsnachd.”
Chrìochnaich na coinneamhan coimhearsnachd le conaltradh cruinn air òstadh le Cumhachd Coimhearsnachd nan Eilean Siar (CCNES) aig àrainn Eilean Siar an Ear-Thuath aig Oilthigh a’ Ghàidhealtachd agus nan Eilean, far an do dh’innis buill mu dheidhinn na cnapan-starra as motha do ghineadadh coimhearsnachd, agus thagraiche iad airson ath-leasachaidhean don mhodh-obrachaidh ceangal-griod. Am measg na h-iarrtasan bha feansadh-dheth airson pròiseactan coimhearsnachd, aithneachadh foirmeil airson lùth coimhearsnachd ann an frèaman-obrach riaghailtean, agus gnìomhan griod dì-mheadhanachadh nas èasgaidhe airson a bhith a’ leigeil le margaidean lùth ionadail agus a’ leasachadh seasmhachd eileanach.
Thuirt Zoe Holliday, Àrd-oifigear Eaconomaigeach aig Lùth Coimhearsnachd na h-Alba: “Bha an sgioba againn air am mòr-thoileachadh a’ toirt fàilte do sgioba PRLS Alba do na h-Eileanan an Iar agus a bhith a’ leigeil leotha grunnan de ar buill a choinneachadh. Tha sinn a’ cur fàilte air gealladh leantainneach OSLN gu bhith a’ conaltradh le buidhnean lùth coimhearsnachd air feadh na h-Alba airson tuigse nas fheàrr fhaighinn mu na dùbhlain a tha aca. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri taic a thoirt do thadhail agus conaltradh eile airson dèanamh cinnteach gu bheil am PRLS a’ freagairt feuman sònraichte ar roinn.”
Chuir sgioba PRLS Alba OSLN an cèill gu robh ùidh làidir aca ann an conaltradh leantainneach le CCNES, agus gheall iad gum biodh iad a’ roghainn lèirsinn le roinnean OSLN eile agus luchd-ùidhe. Dh’èist sgioba OSLN ri na draghan a thaobh ceanglan agus bhruidhinn iad aig àrd-ìre mun mhodh ath-leasachaidh ceangal-griod. Dh’aontaich iad smuaintean nam buidheann a thoirt air ais don sgioba ath-leasachaidh ceangal-griod.
Thuirt Julian Leslie, Stiùiriche Planadh Lùth Ro-Innleachdail agus Àrd Innleadair aig OSLN: “’S e cothrom iongantach a bha seo do OSLN airson a bhith a’ coinneachadh le buidhnean lùth fo shealbh coimhearsnachd air feadh na h-Eileanan an Iar. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu bhith a’ cumail an co-obrachadh seo a’ dol agus sinn a’ leasachadh Planaichean Ro-Innleachdail Lùth Sgìreil airson feuman lùth ionadail a fhreagairt agus taic a thoirt do phlanadh lùth ro-innleachdail anns an fharsaingeachd.”
Creideas dealbhan: SandiePhotos.
Click to read this article in English.
