
Thadhail Ministear Lùth an Rìoghachd Aonaichte Mìcheal Shanks air tuathanas-gaoithe coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig faisg air Steòrnabhagh an seachdain a chaidh, a dh’fhaicinn mar a tha sealbhachd coimhearsnachd air lùth ath-ùrachail a’ lìbhrigeadh buannachdan mòra do dhaoine ionadail air feadh na h-Eileanan an Iar.
Tha an tuathanas-gaoithe fo shealbhachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), carthannas coimhearsnachd a tha a’ cleachdadh maoineachadh airson taic a thoirt do iomadh iomairt agus buidheann anns na h-eileanan.
Tron turas, chaidh sealltainn don mhinistear mar a tha gach muileann-gaoithe coimhearsnachdail a’ gineadadh £300,000 airson buannachd coimhearsnachd, an àite mu £15,000 gach muileann-gaoithe aig an tuathanas-gaoithe prìobhaideachd a tha faisg orra. Sheall Tony Robson, Manaidsear-Làrach URS, mar a tha an coimeas eatorra a’ sealltainn am buaidh a dh’fhaodas a bhith aig sealbhachd coimhearsnachd ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh lùth ath-ùrachail a’ lìbhrigeadh buannachd sòisealta agus eaconomaigeach fad-ùine do choimhearsnachdan ionadail.
Còmhla riutha tron turas bha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton. Chaidh na muilnean-gaoithe a sholaireadh le innleadairean Enercon, a tha cuideachd ag obair gan glèidheadh, le taic teicniceach bho Wood plc.
Tha cosnadh bhon tuathanas-gaoithe a’ leigeil le URS a bhith a’ maoineachadh pròiseactan air feadh na h-Eileanan an Iar, a’ toirt taic do ghoireasan ionadail, seirbhisean agus iomairtean a tha a’ neartachadh coimhearsnachdan. Anns an Aithris Buaidh Sòisealta mu dheireadh bhon t-Urras, air fhoillseachadh anns an t-Samhain, chithear barrachd air £3.1 millean air ionmhasadh ann am pròiseactan coimhearsnachd eadar 2020 agus 2024, a’ toirt taic do obraichean, a’ sabaid bochdainn-connaidh, agus a’ toirt a-steach milleanan a bharrachd ann am maoineachadh eile.
Thuirt Calum MacDhòmhnaill, Stiùiriche Leasachaidh Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha seo a’ sealltainn dè a tha a’ tachairt nuair a tha ùidh cheart aig coimhearsnachdan ann an lùth ath-ùrachail. Tha sealbhachd coimhearsnachd a’ ciallachadh gu bheil an cosnadh bho na stòrasan nàdarrach againn a’ fuireachd anns na h-eileanan, a’ toirt taic do bhuidhnean ionadail, a’ cruthachadh cothroman agus a’ neartachadh coimhearsnachdan air feadh na h-Eileanan an Iar. ’S ann air sgàth sin a tha e cho tàmailteach nach bi ach 2% den lùth a thèid às-phortachadh air a’ chàball ùr a thathar a’ moladh fo shealbhachd coimhearsnachd. Gu mì-fhortanach, bidh 98% den chumhachd a bhios air às-phortachadh fo shealbhachd companaidhean cèin agus ’s e glè bheag den phrothaid a dh’fhuiricheas anns na h-eileanan.”
Tha an turas a’ tighinn ann an co-theacsa Plana Cumhachd Ionadail Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte, ag amas air pròiseactan lùth ath-ùrachail fo shealbhachd coimhearsnachdail agus ionadail a leudachadh. Thuirt Mgr MacDhòmhnaill cuideachd: “Tha sinn an dòchas gun toir turas a’ mhinistear spionnadh do dhòigh-obrach eadar-dhealaichte, agus gum brosnaich e barrachd shealbhachd-coimhearsnachd anns a h-uile leasachadh lùth ath-ùrachail air feadh na h-eileanan. Às aonais barrachd shealbhachd-coimhearsnachd agus buannachd bho na
leasachaidhean seo, bidh tòrr eileanaich fhathast a’ faighneachd a bheil luach sam bith annta dha-rìribh.”
Creideas dealbh: SandiePhotos
