Maoineachadh ùr airson iomairtean uaine aig pròiseact Ionad Lùth a’ Chnuic ann an Àros an Rubha

Tha leasachadh seann Sgoil a’ Chnuic a’ cumail a’ dol, leis an t-urras coimhearsnachd Urras Stòras an Rubha (USAR) ag ainmeachadh gu bheil maoineachadh ùr a’ tighinn a thaobh teisteas uaine a’ phròiseact. Tha programme Lùth Airson A-Màireach aig Centrica air tabhartas de £75,000 a ghealltainn airson tuilleadh leasachadh a luathachadh, a’ gabhail a-steach àiteachan-teàirrdseadh airson carbadan dealan aig an t-ionad, a tha ann am meadhan pròiseact ath-nuadhachadh £1 millean an-dràsta.

Tha an seann sgoil air a bhith na dhachaigh airson Bùth an Rubha, Café Roo, Comann Eachdraidh an Rubha agus carthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson na h-ochd bliadhna mu dheireadh. Nuair a tha e deiseil, bidh àite sònraichte anns an togalach ùr mar thaigh-tasgaidh airson Comann Eachdraidh an Rubha, àite-taisbeanaidh airson Urras Eaglais na h-Aoidhe, goireasan tasglann agus stòras airson a’ phàipear coimhearsnachd An Rudhach, rùm-coinneamh agus ‘s dòcha goireasan airson ‘hotdesking’. Tha am maoineachadh as ùra a’ dol a chruthachadh dà stèisean-teàirrdseadh airson carbadan dealan aig an ionad.

Le amas a bhith cho càirdeil ris an t-àrainneachd sa ghabhas, dh’iarr Urras Stòras an Rubha dealbhachadh bho companaidh ionadail, GreenSpaceLive, agus tha an togalach gu bhith 90% saor bhon ghriod, a’ cruthachadh agus a’ cleachdadh a lùth fhèin le pumpaichean-teas agus clàran-grèine àrd-theicneòlach. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith gu dlùth an sàs le maoineachadh a’ phròiseact agus tha iad air £300,000 a chuir a-steach ann, an tabhartas singilte as motha gu pròiseact sam bith gu ruige seo. Tha Comhairliche Coimhearsnachd Alasdair MacNeacail air a bhith gu math cudromach airson barrachd maoineachadh fhaighinn airson an t-ionad coimhearsnachd a leasachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach tabhartas agus iasad de £101,891 bho sgeama CARES Riaghaltas na h-Alba. Tha an sgeama a’ tabhairt cothrom mòr airson sealltainn cho ùr-ghnàthach sa tha planaichean USAR mar làrach-taisbeanaidh dùthchail airson lùth uaine.

Chuir Catriona Dunn bho Urras Stòras an Rubha fàilte air a’ mhaoineachadh a bharrachd bho Centrica, ag ràdh: “Cuidichidh an tabhartas ùr seo le stèidheachadh dà aonad-teàirrdseadh airson carbadan dealan, a leigeas le luchd-tadhail agus luchd-obrach an carbadan a theàirrdseadh bho dealan nach eil ga chleachdadh airson an togalach a theasachadh. Ma chuireas sinn am bun-structar a-steach an dràsta, bidh e na spionnadh agus na bhrosnachadh airson carbadan dealan a chleachdadh anns an àm ri teachd, agus a’ dèanamh ar pàirt anns na h-oidhirpean airson atharrachadh-clìomaid a shabaid.”

Thuirt Sarah Wright, Manaidsear Prògram: “Tha Energy for Tomorrow pròiseil a bhith a’ toirt taic do leasachadh an t-Ionad Lùth anns a’ Chnoc agus stèidheachadh na h-àiteachan teàirrdseadh airson carbadan dealan. Tha buaidh pròiseactan na amas chudromach airson ar tabhartasan, agus tha am pròiseact seo fìor ùr-ghnàthach le buaidhean follaiseach airson a’ choimhearsnachd agus an t-àrainneachd.”

Thòisich obair air an t-ionad coimhearsnachd, ris an can iad Àros an Rubha nuair a dh’fhosglas e gu h-oifigeil, anns a’ Ghiblean 2021, agus thèid a chrìochnachadh le companaidh ionadail O’Mac Construction nas anmoiche sa bhliadhna.

Dealbhan le Sandie Maciver.

Click to read this article in English.