Maoineachadh deatamach airson slighe-costa gu Cuimhneachain an Iolaire

The Slighe Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig aon cheum nas fhaisge air slighe-costa cearcallach 40km a chuir air dòigh bho Steòrnabhagh, tro Sanndabhaig agus timcheall an Rubha. Tha am buidheann carthannach air tabhartas £104,000 fhaighinn bho Ionmhas Eileanan Fallain Riaghaltas na h-Alba, agus tha iad a’ dol a chleachdadh am maoineachadh airson leasachadh den slighe-costa a’ ceangal Steòrnabhagh le carragh-cuimhne an Iolaire aig Rubha an Tolm.

Bidh an ceangal ùr den slighe 1km a dh’fhaide, agus cruthaichidh e pìor ùr bho Sanndabhaig Iarach, a’ leantainn an oirthìr agus a’ tionndadh gu mullach Cnoc nam Poll Urra agus a thaobh làrach Cuimhneachain an Iolaire. Ceangalaidh an slighe ùr na slighean a tha ann mu thràth bho Steòrnabhagh tro Newton agus Bàgh Shanndabhaig chun a’ Chuimhneachain, àite ionadail chudromach a tha a’ comharrachadh na 201 daoine a chaidh am bàthadh air Oidhche Chalainn 1919, agus iadsan a thàinig às beò. Dìreach fichead slat bho tìr agus gun a bhith fiù’s mile air falbh bho sàbhailteachd acairseid Steòrnabhaigh, chaidh HMY Iolaire a chall air creagan cunnartach fo na suailichean, ‘Biastan Thuilm’. B’e call do-thuigsinneach a bh’ann, agus cùis-bròine mòr airson a’ choimhearsnachd eileanach.

Thuirt Cathraiche Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig, Don MacIlleathain, mu aontachadh a’ ghranta: “Tha Comataidh an t-Slighe Costa gu lèir a’ cuir fàilte air a’ mhaoineachadh seo bho Ionmhas Eileanan Fallain, agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ coimhead air adhart ri 2022 le planaichean airson pìos den t-slighe a leasachadh ann an dòigh ris an robh dùil aig iomadh duine nar coimhearsnachd.”

Chaidh maoineachadh airson a’ phìos seo den t-slighe fhaighinn le cuideachadh bho Alasdair MacNeacail, Comhairliche Coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, agus thèid am pròiseact a ruith le Tony Robson, Comhairliche Coimhearsnachd eile aig PST. Thuirt Alasdair mu leasachadh an t-slighe: “’S e Bliadhna nan Sgeòil a th’ann an 2022 ann an Alba, agus tha e freagarrach gu bheil an slighe ùr seo a’ toirt dòigh eile don bhuidheann slighe-costa airson an tachartas sgriosail seo a chomharrachadh. Tha am maoineachadh-grant a’ toirt aithneachadh air cho cudromach sa tha coiseachd agus eacarsaich ann an nàdar airson fallaineachd eanchainn agus corporra a bhrosnachadh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri 2022 le fios againn gum bi buannachdan fad-ùine aig an t-seòrsa pròiseact seo airson a’ mhòr-shluaigh agus airson ath-shlànachadh eaconomaigeach.”

Tha am pìos ùr den t-slighe a’ ceangal an slighe bhon a’ bhaile gu làrach a’ Chuimhneachain, agus tha e a’ freagairt air planaichean Ionad an Iolaire airson làrach cudromach a chuir air dòigh aig Cidhe a h-Aon agus leasachaidhean port agus marina Ùghdarras Puirt Steòrnabhagh. Tha a h-uile oidhirp sin ag obair còmhla airson sgeulachd call na h-Iolaire innse, mar co-theacsa an àm anns an do thachair e agus dè a thachair às a dhèidh.

Air a dhèanamh le cùmhnantairean ionadail, tha obair air an t-slighe a’ gabhail a-steach geataichean fèin-dùnadh, drèanaichean, feansaichean agus drochaid fiodha a rèir planaichean Slighe Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig airson oirthìr an Rubha gu lèir fhosgladh airson luchd-coiseachd agus baidhseagalan. Tha maoineachadh airson a’ phìos seo den t-slighe am measg 56 pròiseactan thair 35 eileanan Albannach le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba air a rianachadh le Inspiring Scotland.

Dealbhan le Sandie Maciver.

Click to read this post in English.