
Tha buidhnean ionadail air fàilte a chuir air iarrtas-maoineachaidh soirbheachail do Ionmhas Thaighean-Beaga “Changing Places” Riaghaltas na h-Alba, a bheir taic do leasachadh taigh-beag ruigsinneach ùr “Changing Places” ann am Pabail. Chaidh an t-iarrtas a dhèanamh ann an compàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig, agus tha e a’ gabhail a-steach £95,344 uile gu lèir. Leis an airgead seo, faodaidh planaichean airson goireas aon-ghnothachail ri taobh Tràigh Phabail agus faisg air Caladh Phabail a dhol air adhart. Chaidh taic a thoirt don iarrtas-maoineachaidh le Comann Luchd-Bàta Phabail agus Comataidh Ionaltradh Phabail Iarach, a tha a’ cur fàilte air na planaichean. Tha an caladh fo shealbhachd coimhearsnachdail agus a’ frithealadh bàtaichean-iasgaidh beaga a bhios ag obair faisg air tìr, a thuilleadh air iasgach-mara cleasachail, agus bidh an goireas ùr cuideachd a’ toirt taic do luchd-cleachdaidh an t-slighe-costa agus luchd-tadhail do Phabail.
Tha an naidheachd a’ tighinn mar phàirt den ionmhasadh as ùra aig Riaghaltas na h-Alba ann an Taighean-Beaga “Changing Places”, a chaidh ainmeachadh gu h-oifigeil air an 27mh den Dùbhlachd. Bheir am program-maoineachaidh taic do leasachaidh 59 goireasan ùra air feadh na h-Alba, a’ cuideachadh daoine air a bheil ciorram agus aig a bheil feuman-cùram iomadh-fhillte le bhith a’ gabhail pàirt nas motha ann an gnìomhan làitheil agus beatha coimhearsnachdail.
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn gu math toilichte gun robh an t-iarrtas seo soirbheachail tro Ionmhas Thaighean-Beaga “Changing Places” Riaghaltas na h-Alba. Cuidichidh am maoineachadh seo le bhith a’ gluasad air adhart le planaichean airson Taigh-Beag “Changing Places” a stèidheachadh, a’ tabhairt goireasan ruigsinneach do dhaoine le feuman-cùram iomadh-fhillte agus na teaghlaichean aca. Nì na taighean-beaga seo fìor eadar-dhealachadh, a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do bharrachd dhaoine a bhith a’ frithealadh àiteachan coimhearsnachdail agus a’ siubhail le urram.”
Bha Alasdair MacNeacail, Comhairliche Coimhearsnachd le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a’ toirt fa-near de na buannachdan nas fharsainge a tha aig a’ phròiseact. “Tha mi toilichte gu bheil an t-iarrtas airson goireasan ann am Pabail air aontachadh fhaighinn. Tha e a’ cruthachadh cothroman airson daoine le ciorram a bhith a’ tadhal air àiteachan anns an dùthaich agus a’ toirt dhaibh goireasan airson sin a dhèanamh leis an luchd-cùraim. Aig an aon àm, tha e a’ neartachadh goireasan airson luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagal a’ cleachdadh an slighe, agus cleachdaidhearan de chaladh Phabail. Ro thric tha dìth goireasan cearta a’ cur bacadh air leasachadh turasachd agus tha am pròiseact seo a’ seirbhiseadh iomadh buidheann ann am feum a tha tric air a dhìochuimhneachadh.”
Tha Taighean-Beaga “Changing Places” a’ tabhairt goireasan deatamach do dhaoine le feuman nach eil a’ freagairt taighean-beaga ruigsinneach àbhaisteach. Tha iad dealbhaichte airson daoine le ciorram iomadach neo buadhmhor, feuman-cùraim ioma-fhillte, agus feadhainn eile aig a bheil feum air barrachd rùm, uidheamachd sònraichte agus àrainneachd ciùin, urramach. Tha na goireasan a’ gabhail a-steach rùm freagarrach do luchd-cleachdaidh sèithear-cuibhle agus luchd-cùraim, being meud-inbheach a ghabhas ìsligeadh agus àrdachadh, uidheam-togail mullaich agus toidhleat stèidhichte ann am meadhan an rùm.
Thuirt Ministear Fallaineachd Eanchainn Tom Arthur gun dèanadh am maoineachadh eadar-dhealachadh mòr do bheathan dhaoine, a’ toirt dhaibh barrachd saorsa, urramachd agus neo-eisimeileachd, gu h-àraidh ann an sgìrean far a bheil taic den t-seòrsa air a bhith cuibhrichte gu h-eachdraidheil, mar coimhearsnachdan dùthchasach agus eileanach a leithid Eilean Leòdhais.
Tha Riaghaltas na h-Alba air £10 millean a ghealltainn do Ionmhas Thaighean-Beaga “Changing Places” Riaghaltas na h-Alba eadar 2025 is 2027, le barrachd maoineachadh an dùil a bhith air ainmeachadh anns a’ Bhliadhna Ùr agus sreath eile de dh’iarrtasan a’ tòiseachadh ann an 2026-27.
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ dèanamh fiughar air a bhith ag adhartachadh am pròiseact ann am Pabail agus a’ lìbhrigeadh goireas a tha a’ toirt taic do ruigsinneachd, in-ghabhaltas agus urramachd airson luchd-fuirich, luchd-tadhail agus teaghlaichean air feadh a’ choimhearsnachd.
Creideas dealbhan: SandiePhotos
Click to read this article in English.
