Maoineachadh air fhaighinn airson Muileann Gharrabost ath-ùrachadh mar ionad-tadhail eachdraidheil

Tha Muileann Gharrabost bhon 19mh linn na eisimpleir air leth de eachdraidh shòisealta ann an Eilean Leòdhais, agus tha an t-urras coimhearsnachd a tha ga riochdachadh air maoineachadh fhaighinn airson an togalach ath-ùrachadh. Chaidh am muileann a thogail ann an 1893, agus bha e ag obair gu malairteach gu 1956 a’ muileadh eòrna agus min-coirce airson coimhearsnachd croitearach, agus fo sheilbheadaireachd an teaghlach Moireasdan airson còrr air ceud bliadhna. Tha comataidh saor-thoileach, Urras Muileann Gharrabost, a-nis ga ruith agus a’ riochdachadh planaichean airson an togalach ath-ùrachadh agus a thionndadh na ionad-tadhail eachdraidheil.

Tha maoineachadh airson an ath-ùrachadh a’ tighinn bho tabhartas ùr de £95,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (IGE), a’ freagairt £95,000 a chaidh a thabhairt mu thràth le carthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). Tha Urras Muileann Gharrabost ag amas air an togalach ath-ùrachadh gu staid obrach mar mhuileann-taisbeanadh, a’ cruthachadh ionad sòisealta agus cultarach airson dualchas croitearachd an sgìre agus àite-tadhail a thoirt do luchd-turais. Dìreach còig mile air falbh bho Steòrnabhagh, bheir am Muileann sealladh iongantach an dà chuid do luchd-tadhail agus luchd-fuirich air an togalach air leth a tha seo agus an t-àite aige ann an eachdraidh croitearachd ionadail.

Thuirt Cathraiche Urras Muileann Gharrabost, Brian Chaplin: “Tha am Muileann na phàirt chudromach de ar dualchas ionadail. Nuair a rinn sinn suirbhidh coimhearsnachd, dh’innis iomadach neach-fuirich dhuinn sgeulachdan mu dheidhinn a bhith a’ giùlain eòrna a dh’fhàs iad fhèin chun a’ Mhuileann airson a thionndadh na mhin-èorna, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ Mhuileann fhaicinn ag obair a-rithist. ’S e a’ phrìomh-amas againn an togalach a ghlèidheadh, agus tha sgrùdaidhean teicniceach a’ sealltainn gu bheil a’ chuid as motha dheth ann an staid mhath, le feum air beagan càradh air a’ mhullach agus dèiligeadh le mial-fhiodha. Anns an dara àite, tha sinn gu math deònach a bhith an sàs leis a’ choimhearsnachd agus daoine de gach aois a bhrosnachadh gu bhith ag obair leis a’ chomataidh agus sinn a chuideachadh a’ lìbhrigeadh pròiseact-dualchas deimhinnte airson Garrabost agus an sgìre mu chuairt. Tha sinne mar chomataidh cho taingeil sa ghabhas gu ar luchd-taic air fad, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an àm ri teachd airson a’ Mhuileann.”

Thuirt Natalie Caimbeul, Ceannard Taic Iomairt ann an sgioba Innse Gall IGE: “’S e eisimpleir iongantach a tha seo de phròiseact turasachd air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, le eachdraidh chultarach agus chroitearachd cudromach. Nuair a thèid am muileann agus na frith-thogalaichean an ath-ùrachadh, bidh iad air an tionndadh nan ionad-tadhail, a chruthaicheas obraichean agus a chumas an togalach eachdraidheil seo sàbhailte airson ginealaichean ri teachd. Tha sinn cho toilichte taic a thoirt don phròiseact seo, a thèid a ruith le coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn gu làitheil, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ phròiseact fhaicinn a’ tighinn ri chèile.”

Sgrìobh Comhairliche Coimhearsnachd URS, Alasdair MacNeacail, an sgrùdadh air so-dhèantachd ath-ùrachadh a’ Mhuileann, agus tha e air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ lorg maoineachadh air leth Urras Muileann Gharrabost. Thuirt e den naidheachd: “’S e cothrom iongantach a tha seo caibideil ùr a chruthachadh ann an eachdraidh a’ Mhuileann, agus a bhith na phuing-fòcas airson sgeulachdan mu dhualchas na sgìre, gu h-àraidh iadsan nach eil ri lorg ach anns a’ choimhearsnachd seo. An toiseach thèid am maoineachadh bho IGE agus URS a chleachdadh airson càradh mullach a’ mhuileann agus mullaich ùra a chuir air na frith-thogalaichean, an cuibhle-uisge ath-ùrachadh, inntrigidh agus leasachadh-ghoireasan.”

Tha am pròiseact airson Muileann Gharrabost a leasachadh a’ freagairt le leasachadh turasachd eag-eòlach is cultarach air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, agus tha e na phìos eile de leasachadh coimhearsnachd am measg grunnan iomairt ionadail, mar eisimpleir Eaglais na h-Aoidhe, Àros An Rubha, agus Slighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig. Sheall suirbhidh Coimhearsnachd Uaine de luchd-fuirich ann am bailtean sgìre an Rubha agus Shanndabhaig gu bheil 70% airson gum bi am Muileann a thionndadh na ionad-tadhail agus thathar an dòchas gun cruthaich seo iomadach cothrom airson an sgìre. Thèid a h-uile oidhirp a dhèanamh airson gum bi am Muileann luachmhor don choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach àiteachan-parcaidh a bhios freagarrach do luchd-fuirich.

Dealbh L-R: 

Brian Chaplin (Garrabost Mill Trust), Norman Mackenzie (PST), Alasdair Nicholson (PST Community Consultant, Graham Morrison (Former Mill owner), Tony Robson (PST Community Consultant)

Creideas Dealbhan: SandiePhotos

Click to read this article in English.