Maoineachadh £80k airson Slighe-Costa eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean

Tha buidheann carthannas Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS) cho toilichte sa ghabhas mu dheidhinn tabhartas de £80,920 bhon t-Ionmhas Coimhearsnachdan Eileanach airson taic a thoirt don ath cheum den slighe aca. Tha am maoineachadh – bho Inspiring Scotland airson Ionmhas Eilean Riaghaltas na h-Alba – gu bhith air a chleachdadh airson an t-slighe eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean anns an Rubha a leasachadh, mar phàirt den phròiseact Slighe-Costa anns an fharsaingeachd.

Air a ruith le comataidh saor-thoileach, ’s e carthannas clàraichte a th’anns a’ bhuidheann, a chaidh a chruthachadh ann an 2016 airson slighe cearcallach 40km a dhèanamh bho Port-Aiseig Steòrnabhagh tro Sanndabhaig agus timcheall oir-thìr an Rubha air fad. Tha an t-oidhirp coimhearsnachd seo ag amas air an t-Slighe a leasachadh airson goireasan eachdraidheil, cultarail agus nàdarrach an sgìre a shealltainn do dhaoine. Tha leasachadh mòr air a bhith air pìosan den slighe aig Stèinnis, steapaichean Shiuilisiadar agus cuideachd Eaglais na h-Aoidhe aig a’ Bhràighe, far an deach obair a dhèanamh airson an eaglais meadhan-aoiseach a dhìon bho bleith na mara. Bidh uachdar air feadhainn de na slighean, agus puist-comharrachaidh air mòinteach ann an àiteachan eile.

Tha Cathraiche SCCRS, Matt Bruce, a’ cuir fàilte air naidheachd an tabhartas seo. “Anns na còig bliadhna bho stèidhich sinn an carthannas airson an slighe-costa seo a leasachadh, tha sinn air ceuman mòr adhartach a dhèanamh a thaobh an t-amas againn air slighe 40km timcheall an Rubha bhrèagha againn. Tha an naidheachd seo mu barrachd mhaoineachadh airson a’ phìos eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean gu math brosnachail. Chaidh a’ chiad bun-bheachd air an t-slighe a mholadh le Tom Clark, a b’àbhaist a bhith na thidsear, agus tha sinn taingeil dhà airson an smuain aige. Tha sinn cuideachd taingeil dha ar maoineacharan agus dha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a tha air cuideachadh a thoirt dhuinn airson airgead poblach fhaighinn, agus air taic agus comhairle teicniceach a thabhairt aig gach ceum den slighe.”

Tha Tony Robson agus Alasdair MacNeacail, Comhairlichean Coimhearsnachd airson PST, air a bhith gu mòr an sàs anns a’ phròiseact gu ruige seo. Thuirt Comhairliche Innleadaireachd Tony mu dheidhinn a’ phìos ùr a tha fo leasachadh: “Bheir ceangal eadar bailtean Shiuilisiadar agus na Fleisirean buannachd mòr do gach baile, an dà chuid a thaobh àiteachas agus cur-seachadan.” Thuirt Alasdair, a tha air taic a thoirt don phròiseact leis an eòlas mòr aca air maoineachadh fhaighinn: “Tha an tabhartas as ùra seo a’ togail air oidhirpean a chaidh a dhèanamh ro làimh agus a’ cumail leasachadh a’ phròiseact chudromach seo a’ dol. Tha leasachadh de Shlighe an Rubha agus Shanndabhaig mar phàirt de ath-nuadhachadh às dèidh Covid-19, a’ cuideachadh cosnaidh ionadail, agus gu h-àraidh a’ cruthachadh barrachd shlighean coiseachd agus baidhsagalachd a tha cho cudromach airson slàinte agus fallaineachd.”

Tha an tabhartas seo a’ toirt suim a’ mhaoineachadh airson leasachadh-slighe anns an Rubha agus Sanndabhaig gu £375,911.

Read this article in English.