Là Fosgailte aig Easgais na h-Aoide

Chaidh Là Fosgailte gu math soirbheachail a chumail aig Eaglais na h-Aoidhe air Disathairne 21 Lùnastal. B’e seo a’ chiad tachartas poblach a tha Urras Eaglais na h-Aoidhe air a chuir air dòigh bho thòisich a’ chiad glasadh-sìos ann an 2020.

 

A dh’aindeoin an t-uisge, chunnaic luchd-tadhail an geata ùr a tha a’ dìon an aghaidh rabaidean, le feansa-sèine na chois, agus an staran ath-chòmhdaichte anns a’ chladh, a thuilleadh air cluinntinn mu dheidhinn planaichean airson balla-ceann iosal a thogail airson a’ chùlbhart ùr a tha a’ toirt an allt fon staran. Tha planaichean eile aca mar a bhith a’ cuir làr de chlach à Cataibh air a’ phrìomh eaglais (a tha gun mhullach). Thèid an obair seo a mhaoineachadh le tabhartas bho Oighreachd a’ Chrùin agus bidh e air a mhanaidseadh le Tony Robson bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig na dhreuchd mar Chomhairliche Coimhearsnachd. Bho 2001, tha Urras Eaglais na h-Aoidhe air a bhith ag obair airson an làrach meadhan-aoiseil a leasachadh agus aithneachadh fhaighinn air a shon.

Tha cudrom nàiseanta aig feadhainn de na clachan-uaighe aig an Eaglais – gu h-àraidh clachan-uaighe Ruaraidh Macleòid, an 7mh ceannard aig Clann MhicLeòid a bhàsaich ann an 1498, agus an nighean aige, Mairead NicFhionghain, a bhàsaich ann an 1503. Mar luchd-glèidhidh an làrach eachdraidheil seo, tha Urras Eaglais na h-Aoidhe ag iarraidh na clachan-uaighe a dhìon bho tuilleadh cron-sìde, agus leis an tabhartas bho Oighreachd a’ Chrùin chaidh coimisean a thoirt do ailtire-glèidhidh airson obair-dealbhachaidh a dhèanamh airson mullach a chuir air an eaglais an iar.

Thuirt Liz Chaplin bho Urras Eaglais na h-Aoidhe gu robh i gu math toilichte uiread dhaoine fhaicinn aig an Là Fosgailte. “Bha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn uiread de dh’aodannan, seann agus ùr. Thàinig aon theaghlach thugainn dìreach bhon an t-aiseag, a’ faighneachd gu sònraichte airson an làrach-uaighe meadhan-aoiseil aig Clann MhicLeòid, agus bha e gu h-àraidh snog coinneachadh na daoine a phòs anns an eaglais anns a’ Ghiblean.”

 Mar a tha iomadh buidheann ionadail air lorg anns na h-18 miosan mu dheireadh, cha b’urrainn don Urras tachartasan-maoineachaidh sam bith a chuir air dòigh tron ghalair-cruinne agus bha buaidh mòr aig sin air a’ chosnadh aca. Bho beachdan-coimhearsnachd, tha fios aig an Urras gu bheil daoine a’ cuir luach air mar a tha iad a’ coimhead as dèidh a’ chladh agus an t-eaglais, agus dh’aontaich iad anns a’ Ghiblean 2020 gun cumadh iad an t-àite ann an òrdugh, a dh’aindeoin dìth cosnadh airson taic a thoirt dhaibh. Thuirt Liz cuideachd, “Shaoil na h-urrasaich gur e pàirt de ar dleastanas coimhearsnachdail a bh’ann a’ dèanamh cinnteach gum biodh an t-eaglais agus a’ chladh nan àiteachan snog airson tadhal nuair nach b’urrainn do dhaoine a dhol fada bhon taigh. Tha an coimhearsnachd ionadail air taic math dha rìribh a thoirt do Urras Eaglais na h-Aoidhe anns na 20 bliadhna mu dheireadh, agus a-nis bha cothrom againne rudeigin a thoirt air ais.” 

 Chuidich an Là Fosgailte fhèin le bhith ag ath-lìonadh ionmhas an Urras le stannd-botaill gu math soirbheachail (agus glè èibhinn!), agus le bhith a’ reic na leabhraichean agus preusantan àbhaisteach aca, a’ faighinn £500 gu lèir air an là. Tha Urras Eaglais na h-Aoidhe a’ toirt taing dhan a h-uile duine a thàinig air an là agus bha iad fìor thaingeil airson a’ ghazebo gnàthaichte a thug Malcolm agus Cinzia dhaibh, as dèidh a bhith air a chleachdadh aig am banais aig an eaglais ann an 2015 – chum e a h-uile duine tioram a-rithist!  

Click to read this article in English