
Tha Muileann Gharrabost 130 bliadhna a dh’aois agus a-nis a’ tighinn gu ìre dheatamach den phròiseact ath-ùrachaidh agus leasachaidh, le obair a’ gluasad bho dìon na togalaichean gu cruthachadh ionad dualchas poballach, an dà chuid airson daoine ionadail agus luchd-turais.
Tha togalaichean agus làrach a’ Mhuileann fo shealbh Urras Muileann Gharrabost (UMG), buidheann carthannach a chaidh a stèidheachadh an toiseach airson làrach a’ Mhuileann a ghlèidheadh, a thuilleadh air togalaichean eile ann Garrabost agus rudan de dh’ùidh eachdraidheil. Tha an t-Urras air tuilleadh maoineachadh fhaighinn o chionn ghoirid, le £83,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (IGE), agus am maoineachadh sin air a mhaidseadh leis a’ charthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS).
Thuirt cathraiche Urras Muileann Gharrabost, Calum Greumach: “Tha planaichean aig Urras Muileann Gharrabost airson an làrach gu lèir a leasachadh mar ionad dualchas coimhearsnachd croitearachd, a’ togail air an obair glèidheadh agus leasachaidh a chaidh a dhèanamh gu ruige seo. ’S e prìomh amas na h-obair againn le bhith a’ leasachadh ionad dualchas gun tabhair sinn iomradh fiosrachail agus mìneachail air beath-eòlas croitearachd, iasgach, breabadaireachd, gnìomhachas, seirbhis san arm agus a’ Chabhlach Marsanta, agus gnìomhan eile, an seo ann an Garrabost. Tha a h-uile gnìomh sin air a bhith nam pàirt de bheatha làitheil anns a’ choimhearsnachd mar bhaile croitearach anns na h-Eileanan an Iar. Tha sinn ag amas air taisbeanadh fiosrachail agus brosnachail a lìbhrigeadh do luchd-tadhal, an dà chuid daoine ionadail agus luchd-turais.”
Thuirt e cuideachd: “Às aonais a’ ghealltanas bho URS agus an t-airgead tùsail aca, cha bhiodh e comasach idir dhuinn am Muileann agus na togalaichean eile a cheannachd. Tha am maoineachadh a bharrachd bho URS agus IGE air a bhith deatamach airson lìbhrigeadh a’ phròiseact, agus tha sinn gu math taingeil do ar maoineacharan airson an taic aca. Às aonais an taic agus gealltanas bho URS, cha bhiodh am pròiseact brosnachail seo comasach idir.”

Chaidh am muileann 19mh linn a-steach a shealbhachd coimhearsnachd anns an Fhaoilleach 2023, agus bhon uair sin chaidh obair mòr a dhèanamh le ath-mhullachadh, leasachadh-inntrigidh, dìon na togalaichean agus leasachadh don làrach anns an fharsaingeachd.
Thuirt Comhairliche Coimhearsnachd URS, Alasdair MacNeacail, a tha air a bhith an sàs ann a bhith a’ toirt taic do obair UMG bho toiseach a’ phròiseact: “Leis an obair ath-ùrachaidh, tha am pròiseact air obair a chruthachadh airson iomadach gnìomhachas ionadail mar Lewis Builders, Heron Design, agus Ivor Murrays. A’ coimhead air adhart, bidh barrachd chothroman ann airson cosnadh iomairt sòisealta aig a’ mhuileann agus mar luchd-treòrachaidh tadhal ag obair le buidhnean coimhearsnachd eile anns an sgìre. Feumaidh gum brosnaich seo barrachd gnìomhachas-tionnsgainneach coimhearsnachd, agus gun toir e barrachd cliù don Rubha agus Sanndabhaig mar àite ùr-ghnàthach airson a bhith a’ fuireach agus ag obair.”
Thuirt Natalie Caimbeul, Ceannard Taic Iomairt aig IGE: “’S e eisimpleir mìorbhaileach a th’anns a’ phròiseact seo de thurasachd air a stiùireadh le coimhearsnachdan, stèidhichte gu mòr ann an croitearachd agus dualchas cultarail ionadail. Bha sinn gu math toilichte taic a thoirt don ìre tùsail, a bha soirbheachail ann a bhith a’ leasachadh cruth taobh-a-muigh a’ mhuileann agus na togalaichean a-muigh, agus tha na toraidhean math dha rìribh.
“Tha an dàrna ìre seo ag amas air an làrach a dhèanamh deiseil airson fàilte a chuir air luchd-tadhal. ’S e iomairt iongantach a th’ann, a chruthaicheas obraichean agus a’ ghlèidheas togalaichean eachdraidheil ann an coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig na phàirt bunaiteach de bheatha làitheil. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ phròiseact fhaicinn a’ tighinn ri chèile.
Bha Muileann Gharrabost ag obair gu marsantachd air eòrna agus coirce airson coimhearsnachdan croitearachd ionadail eadar 1893 agus 1956, agus nuair a tha e air ath-ùrachadh gu lèir, bheir e sealladh sònraichte air beathan dhaoine ann an Leòdhas. Bidh iomadh goireas aig an làrach nuair a tha e deiseil, mar inntrigeadh luchd-tadhal don mhuileann ath-ùraichte, an roth-muilinn agus an lann-tìoraidh, le ealan agus taisbeanadh-sùla a’ sealltainn eachdraidh a’ mhuileann, croitearachd, agus gnìomhachas tràth anns an sgìre. Tha na togalaichean a-muigh, air an togail le breigeachan Gharrabost tùsail, cuideachd air an ath-ùrachadh, agus nam broinn bidh rudan mar beart-clòimhe agus Ford Modail T obrachail.
Chaidh gealladh de £660,686 gu lèir a dhèanamh airson an obair ath-ùrachaidh, a’ gabhail a-steach am maoineachadh as ùra de £83,137 bho IGE agus URS. Am measg maoineacharan eile tha an t-Ionmhas Dualchas Ailtireach, Maoineachadh Oighreachd a’ Chrùn, agus Third Sector Hebrides tron tabhartas Landfill.
