Inbhe Suim Neoni airson Urras an Rubha agus Shanndabhaig

Tha an tuathanas gaoithe coimhearsnachd, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), air a bhith fo sgrùdadh neo-eisimileach agus air “inbhe suim neoni” fhaighinn mar bhuill de Ionad Clìomaid nan Eilean Siar. Rinn an t-Aithisg Cunntas Eimisean Gas Taigh-Glainne sgrùdadh air URS a thaobh am bun-tomhas eadar-nàiseantach ISO 14064-1 le bhith a’ sealltainn ris na h-eimiseanan carboin air a ghineadadh le obair làitheil a’ bhuidheann ann an 2023, agus gan cur an aghaidh na h-eimiseanan air an lùghdachadh le gnìomhan URS mar frìth-àireamh.

Tha am Pròiseact Croitean Coillteach, sgeama planntaidh air a mhaoineachadh le URS agus air a lìbhrigeadh ann an compàirteachas le Urras nan Coille, na eileamaid dheatamach den sgrùdadh seo. Ann an 2023, chaidh mu 10.9Ha de choille duilleag-leathann a phlanntadh anns na h-Eileanan an Iar, a’ dèanamh tabhartas brìgheil an aghaidh eimiseanan URS bho còmhdhail agus lùth ion-phortaichte.

Tha oifisean URS, stèidhichte anns an ionad coimhearsnachd Àros an Rubha, cuideachd a’ buannachdadh bho a bhith a’ dèanamh frith-àireamhachd air cuibhreann den lùth a tha air a ghineadadh le panailean-grèine aig an ionad. Gu lèir, lorg an t-aithisg gun do chruthaich URS mu 11.36 tCO2e bhon obair aca anns a’ chiad bliadhna den sgrùdadh, a’ faighinn frith-àireamh lùghdachaidh de 26.26 tCO2e, le suim -14.9 tCO2e neo ‘suim neoni’ aig deireadh cùisean.

Chaidh an t-aithisg a choimiseanadh le Ionad Clìomaid nan Eilean Siar, agus air a lìbhrigeadh le Comhairleachadh Mùirneag mar phàirt de dh’oidhirp eagraichte airson an cleachdadh as fheàrr a dheimhinneadh a thaobh seasmhachd, samhlachd agus iomlanachd ann an cunntasachd air eimiseanan gas taigh-glainne.

Thuirt Brian Whittington bho Ionad Clìomaid nan Eilean Siar: “Bha sinn gu mòr airson taic a thoirt do sgrùdaidhean gas taigh-glainne air an dèanamh gu proifeiseanta. ’S e Comhairleachadh Mùirneag am buidheann as fheàrr anns na h-eileanan air a shon, agus feumaidh sinn iadsan airson bun-loidhne cheart a stèidheachadh airson leasachadh coimhearsnachdail de phrògraman lùghdachaidh-eimisein. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a thuilleadh air 5 urras eile anns a’ choimhearsnachd, air buannachdadh bhon mhaoineachadh againn airson an dòigh ‘lùthmhor’ aca a thaobh sabaid atharrachadh-clìomaid a shealltainn. Tha ar n-eileanan anns an t-sreath-toisich de dh’atharrachadh-clìomaid an dà chuid a thaobh buaidh agus iarrtas choimhearsnachdan ionadail airson a shabaid. Mar as àbhaist, tha URS agus urrasan fearann coimhearsnachd, le taic bho Comhairleachah Mùirneag agus Ionad Clìomaid nan Eilean Siar, a’ sealltainn an slighe air adhart.”

Tha Comhairleachadh Mùirneag a-nis air grunnan sgrùdadh a dhèanamh airson buidhnean coimhearsnachd eileanach eile air feadh na h-Eileanan an Iar, bho Uibhist a’ Deas gu ceann a’ tuath Leòdhais, gan suidheachadh fhèin anns na h-eileanan mar prìomh actair anns an roinn chudromach seo.

Thuirt Stewart Wilson bho Mùirneag: “Chaidh Comhairleachadh Mùirneag a choimiseanadh le Ionad Clìomaid nan Eilean Siar airson sgrùdaidhean gas taigh-glainne a dhèanamh le urrasan coimhearsnachd fearann agus leasachadh air feadh na h-eileanan, agus tha sinn an dùil gum bi ùidh bho bhuidhnean eile anns na h-Eileanan an Iar airson na h-eimiseanan aca a thomhais, aithisg agus a lùghdachadh. Dh’ullaich sinn an t-aithisg airson URS (ball de Chlìomaid Eilean Siar) airson an cuideachadh a’ tomhais, a’ measadh, agus ag aithisg eimiseanan gas taigh-glainne (GTG) a’ bhuidheann aca, a’ toirt dhaibh an geur-bheachd airson eimiseanan a mhanaidseadh agus a lùghdachadh gu h-èifeachdach.”

Chaidh Manaidsear URS, DI MacSuain, air adhart ri ràdh: “Tha an t-aithisg seo bho Comhairleachadh Mùirneag na cheum chudromach airson tuigse a bhith againn air a’ bhuaidh-eimisein againn, agus tha e air lèirsinn feumail a thoirt dhuinn mu ar cleachdadh de ghasaichean taigh-glainne agus am frith-àireamh bho iomadach gnìomh a bhios sinn a’ dèanamh. Tha sinn mothachail air cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ dèanamh cunntas mar bhuidheann air eimiseanan carboin, agus bha sinn toilichte pàirt a ghabhail anns an iomairt chudromach seo a tha air a stiùireadh le Ionad Clìomaid nan Eilean Siar.”

Tha Ionad Clìomaid nan Eilean Siar air ionmhasadh le Riaghaltas na h-Alba agus chaidh a chuir air dòigh airson maoineachadh fhaighinn agus gnìomhan a leasachadh a tha a’ toirt spionnadh do ghnìomhan clìomaid anns na h-eileanan le buill a’ bhuidheann. Tha ballrachd an-asgaidh agus faodaidh gnìomhachas sam bith a tha airson barrachd fiosrachadh fhaighinn tadhal air www.climatehebrides.com/climate-hub.

San dealbh C-D: Brian Whitington, Clìomaid Eilean Siar agus Dan Moireasdan, Comhairleachadh Mùirneag, Catherine Ann Nic a’ Ghobhainn agus Christina Nic a’ Ghobhainn, Urras an Rubha agus Shanndabhaig

Creideas dealbh: SandiePhotos

Click to read this article in English.