Fosgladh oifigeil slighe-costa gu Cuimhneachan an Iolaire

Dh’fhosgail an cuibhreann de Shlighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig aig Cuimhneachan an Iolaire gu h-oifigeil air Dihaoine 22 Giblean. Tha an slighe na phàirt den shlighe-costa a thathair a’ cuir air dòigh fad 40 cilemeatair bho Steòrnabhagh gu Sanndabhaig agus timcheall an Rubha. Chaidh fhosgladh le Comhairliche Aonghas MacCormaig le buill den choimhearsnachd ionadail, agus aoighean a fhuair cuireadh mar Morair-ionaid a’ Chrùin Iain MacAmhlaigh, Calum Dòmhnallach bho Comann Eachdraidh Steòrnabhagh, Iain MacAoidh a tha na Chomhairliche airson Nis, agus Còmhlan Pìob Òigridh Leòdhas agus na Hearadh an làthair cuideachd.

Chaidh a’ chuibhreann ùr den shlighe a thogail le Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig, agus chaidh a mhaoineachadh le tabhartas £104,000 bho Ionmhas Eileanan Fallain Riaghaltas na h-Alba. Tha e a’ ceangal slighean a bh’ann mu thràth bho Steòrnabhagh tro Newton agus Bàgh Shanndabhaig gu Cuimhneachan an Iolaire aig Rubha Thuilm. Chaidh an tabhartas airson a’ chuibhreann ùr 1km a thogail fhaighinn le cuideachadh bho Alasdair MacNeacail, agus tha am pròiseact air a stiùireadh le Tony Robson, a tha nan dithis ag obair mar Chomhairlichean Coimhearsnachd airson Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Tha a’ chuibhreann ùr den shlighe a’ ruith bho Sanndabhaig Iarach agus a’ leantainn an oir-thìr gus a bheil e a’ tionndadh gu mullach Cnoc nam Poll Urra agus a-nall gu làrach Cuimhneachan an Iolaire, a tha mar chuimhneachan air creachadh an long air Oidhche a’ Bhliadhna Ùr 1919.

Chaidh an slighe a phlanntadh le 201 craobhan, gach craobh air a chomharrachadh le sglèat le ainm agus baile-dachaigh gach duine a chaidh a chall ann an sgrios an Iolaire. Le aire dlùth air mion-phuingean a’ chùis, tha na craobhan air am planntadh cho faisg sa ghabhas air dachaigh gach duine air an t-slighe. Nuair a thig duine chun an slighe aig Sanndabhaig Iarach, tha craobhan a’ seasamh airson na h-ochd seòladairean à Steòrnabhagh, còignear Hearach agus dithis bho Beàrnaraigh na Hearadh chun an làimh dheas. Tha an slighe a’ cumail a’ dol agus chun an làimh chlì tha caogad ’s a h-aon craobhan airson fir Nis agus an Taobh Siar. Nas fhaisg air Tuathanas Stoneyfield tha craobhan airson na h-aon deug seòladairean bho Tholastadh agus naoinear bhon a’ Bhac agus Bhatasgeir. Tha trichead ’s a naoi seòladairean Rubhach air an cuimhneachadh faisg air làrach an Iolaire agus air an làimh dheas, caogad ’s a sia seòladairean bho na Lochan, Ùig agus Beàrnaraigh. Faisg air deireadh an slighe tha craobhan airson na h-ochd-deug seòladairean Sasannach air an làimh dheas agus craobhan aig a’ gheata airson an dà sheòladairean bho tìr-mòr na h-Alba. Tha an craobh mu dheireadh an sin air a phlanntadh mar chuimhneachan air Dàibhidh MacDhòmhnaill, am balach-siognail bho Obar Dheathain a bha dìreach 17 bliadhna a dh’aois.

Thuirt Nicola NicSuain, Rùnaire Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha cruthachadh a’ chuibhreann cudromach seo de Shlighe an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith na mhiann fad-ùine den choimhearsnachd agus tha na h-uachdarain, Iain Scott agus a theaghlach, air a bhith deatamach a thaobh an slighe a thogail. Tha an cuibhreann gu lèir bho Steòrnabhagh gu Cuimhneachan an Iolaire fhèin a’ toirt ‘inntrigidh do uile’ agus tha e na cheangal cudromach a’ dol air adhart chun an Rubha agus an còrr den t-slighe.”

Tha Comhairliche Coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Alasdair MacNeacail, air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ faighinn maoineachadh airson an t-slighe. Thuirt e: “Chan e dìreach slighe a th’anns an slighe. Tha e na bhun-structar airson iomadh seòrsa cothrom. Tha e na shlighe gu àiteachan inntinneach agus bòidheach, agus na dhòigh air cuimhne a chuir oirnn mu dheidhinn dualchas ionadail, a thuilleadh air spionnadh airson beagan eacarsaich fallain a dhèanamh.”

Tha am pròiseact na eisimpleir shoirbheachail de cho-obrachadh coimhearsnachdail eadar buidhnean ionadail agus daoine eile a tha air an t-slighe a thoirt gu bith. A thuilleadh air an teaghlach Scott a thug cead am fearann aca a chleachdadh, tha Calum Dòmhnallach agus Comann Eachdraidh Steòrnabhagh air a bhith deatamach a thaobh na craobhan agus sglèatan a chuir air dòigh. Tha Ùghdarras Port Steòrnabhagh, cùmhnantairean Donnchadh MacAoidh & Mic, Buidhean Breedon, Thomson Fencing, I A C Maciver agus Martins Memorials uile air a bhith ag obair cruaidh airson a’ phròiseact a lìbhrigeadh, le stiùireadh eòlach bho Tony Robson aig an làrach ionadail chudromach seo. Cha b’urrainn am pròiseact a thighinn gu bith gun tabhartas £104,000 bho Riaghaltas na h-Alba air a rianachadh le Inspiring Scotland, a thàinig as dèidh tabhartas na bu tràithe de £80,000 airson slighe eadar Siuilisiadar agus na Fleisirean agus slighe cearcallach ann an Stèinnis.

Click to read this article in English.

Creideas dealbhan: Sandie Maciver, SandiePhotos

Comhlan pìoba Leòdhas agus na Hearadh a’ cluich aig fosglad an slighe

 

Cùlaibh, C-D: Comhairliche Coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) Alasdair MacNeacail, Rùnaire Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS) Nicola NicSuain, Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig agus Stiùiriche URS Donnchadh MacAoidh, Cathraiche SCCRS Don Maclean, agus Manaidsear URS Dòmhnall Iain MacSuain. Beulaibh, C-D: Comhairliche Aonghas MacCormaig, Morair-Ionaid a’ Chrùin Iain MacAmhlaigh, Comhairliche Coimhearsnachd URS Tony Robson, agus Tom Clark, SCCRS.

 

Uachdaran Iain Scott agus teaghlach