Fèis Stramash 2023 ann an Steòrnabhagh

Tha am fèis teaghlach an asgaidh as fheàrr ann an Leòdhas a’ gabhail àite an ath dheireadh-sheachdain (1-2 Sultain) agus tha luchd-eagrachaidh a’ coimhead air adhart ri miosan obair chruaidh a’ tighinn gu buil. Tha Fèis Stramash air a bhith mòr-chòrdte anns a’ choimhearsnachd bho 2012, agus tha am buidheann saor-thoileach air a chùlaibh a’ gealltainn bliadhna eile de luchd-cluiche agus còmhlain ionadail mìorbhaileach, a thuilleadh air dà bhuidheann bho tìr-mòr, spòrs airson an teaghlach gu lèir agus tòrr a’ bharrachd. Tha an tachartas an asgaidh dhan a h-uile duine agus stèidhichte air taic a thoirt do thàlant ionadail.

A’ gabhail àite air Raon Willowglen, tha an ‘Stramash Showcase’ a’ tòiseachadh air oidhche Dhihaoine le feadhainn de na ceòladairean as tàlantach anns na h-eileanan: Neosa agus Còmhlan, Rob Muir, Big Wheels, Finloi, Seeforth, Andrew Eaton Lewis agus Doctor Moon. Tha am Matinee air Disathairne na fheasgar teaghlach, le còmhlain ionadail iongantach, caisteal-bonnsach, clòimh mhilis agus baga-tiodhlaic an-asgaidh airson a’ chiad 150 clann a thig a-steach tro na geataichean. Air a’ chlàr airson am Matinee tha Strange Brew, Sarah Macaskill agus a còmhlann, Riff Raff, Calum Blane, Irenie Rose, Isla Scott, agus Alt. Hearadh agus Alannah Louge a bhios a’ cluich bho 1f air Disathairne 2 Sultain, gus an tig crìoch an fheasgair agus seata DJ bho Logue Sounds eadar 5 agus 6f. Tha am Fèis a’ crìochnachadh gu làidir air oidhche Dhisathairne leis a’ chlàradh ‘Stramash Rocks’, leis a’ chòmhlann rock Twister aig a’ cheann agus an còmhlan èasgaidh rock-pop The Hot Damn!, a tha a’ gealltainn ùpraid is spòrs a thoirt chun an Ùrlar Iain Crawford Rocks.

Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) am measg urrasaichean an Fhèis bliadhnail, bho gheall iad pacaid còig-bliadhna de £7,000 ann an 2019. Thuirt Cathraiche Stramash Steòrnabhagh, Pòl MacMhathain: “Bho siubhail is còmhdhail do luchd-cluiche is uidheamachd gu cumail-suas uidheamachd agus àrachais airson an tachartas, tha iomadach cosgais an cois an Fhèis gach bliadhna agus ’s e na tabhartasan bho ar luchd-taice a tha a’ leigeil leinn Stramash a ruith gu sàbhailte agus gun trioblaid fhad’s a tha sinn ag amas air luchd-cluiche ionadail a bhrosnachadh agus a chuir air adhart, agus a’ toirt fèis rock eadar-dhealaichte a tha freagarrach airson teaghlaich gu Steòrnabhagh. Taing to URS airson an taic leantainneach aca.”

Thuirt DI MacSuain bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig, “Tha sinn an còmhnaidh toilichte taic a thoirt do dhaoine agus buidhnean aig a bheil lèirsinn làidir, agus tha an dearbh rud sin aig Pòl agus sgioba Stramash. Tha iad air obair cho cruaidh airson Fèis a thogail an seo ann Leòdhas tha a’ cuir air adhart na ceòladairean ionadail againn, agus a’ cuir tachartas làn rock air miosachan an eilean airson daoine de gach aois. Tha sinn a’ toirt taic dhaibh air sgàth an obair mìorbhaileach a tha iad a’ dèanamh airson an coimhearsnachd a thoirt ri chèile, agus a’ coimhead air adhart ri bliadhna soirbheachail eile.”

Fhad’s a thathar an còmhnaidh a’ cuir fàilte air luchd-obrach saor-thoileach airson am Fèis a chuir air dòigh, am bliadhna seo tha luchd-teagasg agus oileanaich bho Colaiste MhicAmhlaigh a’ cuideachadh leis an tachartas a chuir air dòigh, a ruith agus a thoirt às a’ chèile aig deireadh cùisean. Thuirt Pòl MacMhathain cuideachd: “Tha sinn an còmhnaidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil na h-oileanaich an sàs ann an uiread de ghnìomhan ’s as urrainn dhuinn, gus an urrainn dhaibh sgilean ùra ionnsachadh, agus tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aca cho taingeil ’s a tha sinn mu na h-oidhirpean aca. An uairsin faodaidh iad spòrs a ghabhail leis an tachartas! Am bliadhna a-rithist tha sinn a’ tabhairt bagaichean-tiodhlac an asgaidh agus sùgh do na clann, clòimh-mhilis an asgaidh, teatha/cofaidh/briosgaidean an asgaidh airson inbhich, agus caistealan-bonnsach an asgaidh fad an fheasgair. Tha sinn a-nis air biadh teth an asgaidh a chuir air dòigh eadar 1 is 4f Disathairne. A h-uile càil a tha sin agus cuideachd ceòl is spòrs an asgaidh bho ceòladairean agus luchd-cluiche ionadail!”

Ma tha duine sam bith a’ cuir feum air barrachd cuideachadh neo inntrigeadh, bu chòir fios a chuir air an duilleag Facebook aig www.facebook.com/stramashfestival airson dèanamh cinnteach gu bheil am Fèis cofhurtail, furasta, agus spòrsail.

Creideas dealbh: SandiePhotos, Stramash 2022

Click to read this article in English