
Tha Sgoil an Rubha a’ dèanamh adhartas air an t-slighe aca mar Eco Sgoil, agus ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn lùth ath-nuadhachail agus seasmhachd. Fhuair an sgoil inbhe ‘Bratach Uaine’ bho phrògram Eco Sgoiltean na h-Alba anns an Dùbhlachd 2023, agus an seachdain seo chuir iad fàilte air luchd-tadhail airson barrachd ionnsachadh mu dheidhinn lùth ath-nuadhachail agus seasmhachd. Thadhail Stiùbhart Wilson agus Iain Moiresdan bho Aonad Taic Lùth an Rubha agus Shanndabhaig agus Comhairleachadh Mùirneag air an sgoil airson là neo dhà, a’ ruith seiseanan eadar-obrachail mu dheidhinn lùth grèine, gaoithe agus dealan-uisge. Dh’ionnsaich iad mu dheidhinn na dòighean anns a bheil lùth air a chleachdadh agus ciamar a dh’fhaodas a shàbhaladh ann an dachaighean nan sgoilear fhad’s a thathar a’ sabaid truailleachd.
Bha an tadhal air a mhaoineachadh le Ionad Clìomaid nan Eilean Siar agus an t-Ionmhas Ideas Into Action aca, le maoineachadh air a mhaidseadh leis an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig. Bha an tabhartas de £2,000 air a chleachdadh airson stuthan-ionnsachaidh airson na seiseanan agus tìodhlaicean feumail don chlann, mar eisimpleir toirds-làimhe fèin-chumhachdach, dulachan-iuchrach gleansach airson bagaichean-sgoile, agus adan blàtha ‘beanie’. Fhuair na sgoilearan cuideachd teisteanasan agus boinn “Laoch Seasmhachd” mar chomharrachadh air an oidhirpean.
Thuirt an ceann-sgoile Donna NicLeòid mu dheidhinn an tadhal: “Bha sinn cho toilichte fàilte a chuir air Iain agus Stiùbhart, bho Aonad Taic Lùth an Rubha agus Shanndabhaig, don sgoil airson bùthan-obrach a dhèanamh airson ar sgoilearan. Chòrd na seiseanan practaigeach ris a’ chlann gu mòr agus dh’ionnsaich iad an t-uabhas mu dheidhinn tùsan-lùth agus glèidhteachas. Bha iad gu h-àraidh toilichte mu dheidhinn na bagaichean-tiodhlaic agus teisetanasan aca! Mar sgoil gu lèir, tha amas soilleir againn air seasmhachd, agus tha taic mar seo bho chom-pàirteacharan ionadail na dhòigh mìorbhaileach ionnsachadh ar sgoilearan a mheudachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd cho-obrachadh leis an Aonad Taic Lùth.”
Thuirt Iain Moireasdan a bha a’ ruith na seiseanan: “Tha e an còmhnaidh luachmhor a bhith a’ bruidhinn ri clann-sgoile ionadail mu dheidhinn seasmhachd. Bhruidhinn sinn còmhla mu dheidhinn a bhith a’ sàbhaladh lùth, a’ lùghdachadh gasaichean taigh-uaine, a’ dìon beathaichean agus nàdar, agus a’ cleachdadh stòrasan gu glice, agus mar dh’fhaodas sin beatha nas dòigheil agus coimhearsnachdan nas fallaine a thoirt dhuinn. Tha e an còmhnaidh math a bhith a’ tadhal air sgoiltean agus a bhith a’ faicinn cho dealasach ’s a tha na clann agus iad a’ smaoineachadh mu dheidhinn na dùbhlain seo a shabaid airson àm ri teachd nas seasmhach a chruthachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri co-obrachadh a bharrachd a dhèanamh le Sgoil an Rubha, a’ sealltainn ri teicneòlas grèine agus bataraidhean a thuilleadh air adhartasan ùr-ghnàthach ann an teicneòlasan a tha againn mu thràth.”
’S e am program sgoiltean seasmhach as motha anns an t-saoghal a th’ann an Eco-Sgoiltean, le 19.5 millean duine an sàs ann thair 74 diofar dhùthaich. Ann an Alba, tha e air a lìbhrigeadh le Keep Scotland Beautiful le taic bho Riaghaltas na h-Alba. Tha an Duais Bratach Uaine air a thoirt mar aithneachadh air gealltanas an sgoil a thaobh foghlam seasmhach. Bha Ciorstaidh Leese aig Ionad Clìomaid nan Eilean Siar a’ saoilsinn tòrr de na tha an sgoil air a dhèanamh mu thràth: “A’ toirt cumhachd do dhaoine òga airson airson lùth ath-nuadhachail agus seasmhachd a rannsachadh – sin cridhe am misean againn airson àm ri teachd seasmhach a chruthachadh do
ar n-eileanan, agus tha sinn mòr-thoilichte uiread de chlann fhaicinn ag obair airson adhartas-clìomaid. Tron Ionmhas Ideas Into Action againn, bha Ionad Clìomaid nan Eilean Siar toilichte taic a thoirt do Sgoil an Rubha leis an iomairt chudromach seo.”
Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd URS nan luchd-taice fad-ùine den sgoil, agus tha an tabhartas seo a’ toirt na tabhartasan gu lèir bhoipe do ghnìomhan-sgoile gu còrr air £40,000 bho 2017. Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche URS, mu dheidhinn an t-iomairt as ùra seo: “Tha e math dha riribh an t-Aonad Taic Lùth fhaicinn a’ ruighinn an fheadhainn as òige anns a’ choimhearsnachd le teagaisg luachmhòr, agus a’ toirt fiosrachadh a tha feumail gu practaigeach agus gu h-ionadail airson na clann a chuideachadh gus fàs nan eòlas agus tuigse air na cuspairean seo. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig pròiseil taic a thoirt don obair seo.”
Creideas dealbhan: SandiePhotos
Click to read in English.
