
Thòisich Steven Gillion anns an dreuchd ùr de Raonair/Co-òrdanaiche E-baidhseagal airson Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig (SCCRS) anns an t-Sultain 2023, agus tha e a’ tighinn dhan sgioba anns a’ chiad dreuchd pàighte anns a’ bhuidheann. Tha Steve a’ dol a thoirt taic do leasachadh a’ phròiseact baidhseagal-dealan anns an Rubha, aig a bheil 14 e-baidhsagal rin cleachdadh anns an sgìre bho bun-stèisean aig Àros an Rubha anns a’ Chnoc.
Le cuideachadh bho Comhairliche Coimhearsnachd Alasdair MacNeacail bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), rinn SCCRS iarrtas soirbheachail airson maoineachadh baidhseagalan-dealan òrdachadh, agus thòisich iad gan fheuchainn anns a’ Chèitean 2022 le beachdan gu math toilichte bho saor-thoilich.
Le Steve air bòrd, tha SCCRS ag ullachadh airson na baidhseagalan a bhith air an cleachdadh gu poballach tro sgeama fastadh ùr-ghnàthach a tha airson dòigh ùr siubhail a bhrosnachadh anns a’ choimhearsnachd. “Tha e-baidhseagal aig Steve agus tha e gu math dèidheil orra, agus tha cuideachd tòrr eòlas farsaing aige air cur-seachadan a-muigh mar stiùiriche agus neach-pàirteachaidh. Tha e fìor freagarrach airson an dreuchd ùr seo a tha ag amas air leasachadh an sgeama e-baidhseagal againn agus a’ brosnachadh an coimhearsnachd gu bhith a’ cleachdadh Slighe-Costa an Rubha agus Shanndabhaig,” thuirt Ken MacGilleFhinnein, Iar-Chathraiche SCCRS.
Thuirt Alasdair MacNeacail, “Tha mi gu math toilichte gu bheil Steve anns an dreuchd ùr de Raonair/Co-òrdanaiche E-baidhseagal airson sgìre an Rubha agus Shanndabhaig. Cuiridh seo ris an obair math a tha an neach-obrach saor-thoileach againn anns an t-Sràid a Tuath, Donnie MacDhòmhnaill, air a bhith a’ dèanamh leis na baidhseagalan-dealan stèidhichte an sin, agus cuidichidh e le leasachadh an slighe-costa airson luchd-coiseachd cuideachd. Tha iomairtean den t-seòrsa seo a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine buannachdan corporra agus eanchainneil fhaighinn. Tha a-nis 14 baidhseagalan-dealan againn ri fhastadh, agus ma tha saor-thoilich ionadail neo daoine ann a gheibheadh buannachd bho na baidhseagalan fheuchainn, bu chòir dhaibh sùil a chumail a-mach airson barrachd fiosrachadh agus fios a chuir gu Steve.”
Thàinig maoineachadh airson a’ phròiseact seo bho iomadach buidheann, nam measg URS, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus an t-Urras Sàbhalaidh Lùth. Tha parsail eile de thaic bho Oighreachd a’ Chrùn anns an Rubha, URS, agus maoineachadh bho Ionmhasadh Ann An Alba a’ toirt taic do chruthachadh an dreuchd ùr.
Click to read in English.
