
20 Faoilleach 2026
Bha Talla Shanndabhaig làn de spiorad a’ choimhearsnachd air Dihaoine 16 Faoilleach, le mu 120 daoine a’ tighinn còmhla airson an Dìnnear Bliadhnail Seann-Dhaoine a tha an còmhnaidh a’ còrdadh ri daoine gu mòr.
Thug an tachartas còmhla caraidean agus nàbaidhean bho air feadh na sgìre airson feasgar de bhiadh math, spòrs agus còmhradh. Thàinig daoine bho bailtean mar Stèinis, Cnoc Iomhair, Raon na Crèadha, Sanndabhaig, Pàirc MhicCoinnich, Ceann nam Buailtean, Tolm, Mealabost, agus Bràigh na h-Aoidhe, a’ sealltainn na ceanglan làidir agus seasmhach a tha fhathast ag aonadh coimhearsnachdan air feadh na sgìre.
Fhuair daoine dìnnear thrì-cùrsach air a dheasachadh le sgioba Taigh-Òsta a’ Chaladh, mar thoiseach-tòiseachaidh air oidhche-cuirm mìorbhaileach. Chaidh ceòl is òrain a thoirt le Shocky, Alec Murdo, Katie Greumach agus Murray Begg, leis na h-òrain Gàidhlig mòr-aithnichte aca a’ toirt air daoine a bhith seinn còmhla, ag innse sgeulachdan agus cuimhneachain, agus a’ gàireachdainn còmhla tron talla.
Chaidh an oidhche a dhèanamh nas sònraichte buileach tro fhialaidheachd gnìomhachasan agus daoine ionadail a thabhair duaisean airson rafail an-asgaidh, a’ dèanamh cinnteach gun deach a h-uile duine aig a’ chuirm dhachaigh le duais. Chaidh taing a thoirt do Shandaidh NicIomhair airson an tachartas a ghlacadh ann an dealbhan, agus don Chomhairliche Seòras Moireach, a bha os cionn an tachartas agus a stiùir an oidhche leis an àbhachd àbhaisteach aige.
Thuirt Tormod MacGilleEathain, a’ bruidhinn air leth a’ Chomataidh Pàrtaidh Seann-Dhaoine: “Bu toil leinn taing mòr a thoirt do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson an tachartas seo a mhaoineachadh. Às aonais an taic aca, cha b’urrainn don chruinneachadh bliadhnail seo a bhith a’ cumail a’ dol. Tha sinn cuideachd taingeil do Chomhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig airson an tabhartas fialaidh aca, agus do na luchd-obrach saor-thoileach bha ag obair gun sguir air cùlaibh chùisean a’ dèanamh cinnteach gun robh a h-uile càil a’ dol gu rèith.”
Thuirt e cuideachd: “Tha fada a’ bharrachd an cois a’ chruinneachadh seo na dìnnear. Tha e a’ comharrachadh càirdeas, spiorad coimhearsnachd agus an t-aoibhneas a tha an cois a bhith a’ cruinneachadh còmhla. Tha sinn an dòchas gum bi e a’ toirt daoine còmhla airson iomadach bliadhna ri teachd.”
Chuir Manaidsear URS, Dòmhnall Iain MacSuain, fàilte air an tachartas soirbheachail, ag ràdh: “Tha an Dìnnear Seann-Dhaoine na chothrom iongantach airson daoine a thoirt còmhla, a’ leigeil leotha ath-cheangal agus spòrs a bhith aca còmhla, agus tha sinn gu math toilichte taic a thoirt do thachartas a tha cho luachmhor do uiread de dhaoine air feadh na sgìre. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig toilichte taic a thoirt do dh’iomairtean mar an Dìnnear Bliadhnail Seann-Dhaoine, a tha a’ neartachadh ceanglan sòisealta agus a’ brosnachadh fallaineachd choimhearsnachdan ionadail.”
Click to read this article in English.
