
Tha iomairt airson coilltean a chruthachadh air croitean a’ comharrachadh planntadh còrr air 211,000 craobhan dùthchasach anns na h-Eileanan an Iar.
Tha na h-eileanan ainmeil airson an cruth-tìre aca a bhith cha mhòr às aonais chraobhan, ach tha fianais àrainneach ann gun robh iad air an còmhdachadh le coilltean ann an linntean a dh’fhalbh.
Tha an t-iomairt Croitean Coillteach a’ toirt na craobhan air ais do na h-eileanan, air a stèidheachadh agus a mhaoineachadh leis an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), ann an compàirteachas le Urras nan Coille Alba.
Anns na h-8 bliadhna on thòisich am pròiseact, tha an Comhairliche Croitean Coillteach Viv Halcrow agus a sgioba air a bhith a’ stiùireadh chroitearan tron phròiseas-tabhartas, tro taghadh an t-àite as fheàrr agus an seòrsa craobhan ri phlanntadh, agus a’ toirt taic leantainneach airson coimhead às dèidh na craobhan anns an àm ri teachd. Tha croitearan bho Barraigh gu Rubha Robhanais air pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact, a’ planntadh caorann, feàrna, beithe, seileach, calltainn, eadha, craobhan-sgìthich agus iomadh gnè dùthchasach eile airson brosnachadh àitichean-fasgadh, àrainn fiadh-bheatha, leasachadh-ùire agus iomadachd cruth-tìre ann am bliadhnaichean ri teachd.
Thòisich PJ Maclachlan bho Aiginis air Eilean Leòdhais a’ planntadh anns an fhoghar/geamhradh de 2018 mar phàirt de phròiseact a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon Chiad Cogadh, agus tha na craobhan aige nam measgachadh de fheàrna, calltainn, beithe geal, seileach glas (neo soilleag) agus seileach-gobhar (neo sùileag). Tha e cuideachd air siòl caorann dùthchasach a chruinneachadh agus air am planntadh gu soirbheachail air a’ chroit aige.
“Tha e air a bhith mìorbhaileach a’ dèiligeadh leis a’ phròiseact planntaidh, agus ma gheibh mi an cothrom bidh mi toilichte dèiligeadh leotha a-rithist. Phlannt mi na craobhan air pàirt den chroit a tha an còmhnaidh fliuch, agus tha cuimhne agam mo sheanair an còmhnaidh a’ strì leis an luachair ann, ach bheir na craobhan seo fasgadh, buannachdan eag-eòlach agus beò-iomadachd anns an fhearann. Ann an greis ’s dòcha gun toir iad fiodh tro phreasarlachd.
“Tha mi an còmhnaidh air a bhith dèidheil air craobhan agus a’ faireachdainn gum bu chòir dhaibh a bhith nam pàirt de chruth-tìre nan eilean. Aig a’ chladach fon chroit agam, uaireannan tha an gainmheach air a shuathadh air falbh agus a’ sealltainn filltean de mhòine. Anns a’ mhòine chithear craobhan agus geugan bho coille aosmhor, agus mar sin tha mi ag ath-ùrachadh na bu chòir a bhith an seo fhathast, agus a’ planntadh airson a’ ghinealach ri teachd.”
Tha cothrom aig an sgeama planntadh-chraobhan cruth-tìre nan Eilean Siar atharrachadh gu mòr, a’ toirt iomadachd, leasachadh-ùire agus àitichean-fasgadh do bheathaichean le planntadh gnèithean dùthchasach a b’àbhaist a bhith a’ fàs an seo ann am pailteas. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air an iomairt ionmhasadh le £401,340 bho 2016, ga dhèanamh na aon de na dleastanasan fad-ùine as cudromaiche a tha aig a’ bhuidheann coimhearsnachd.
Stiùir Manaidsear Leasachaidh URS, Calum Dòmhnallach, a’ chiad Achd Coilltearachd Croitearan tron Phàrlamaid anns na 1990an nuair a bha e na Bhall-Pàrlamaid airson na h-Eileanan an Iar, agus tha e air taic mòr a thoirt don phròiseact planntaidh bho thòisich e.
“Bha e mìorbhaileach a’ faicinn planntadh 100,000 craobhan ann an 2019, ach a-nis a bhith air an àireamh sin a dhùbladh, a dh’aindeoin dàilean a’ ghalair-cruinne, tha sin iongantach,” thuirt e. “Tha ar comhairlichean Croitean Coillteach agus iomadach chroitear air a bhith ag obair cruaidh airson na craobhan seo a chuir dhan talamh, agus chan eil duine ga dhèanamh nas fheàrr.
“’S e seo aon de na pròiseactan dìleab as cudromach againn. Croit seach croit, bliadhna seach bliadhna, tha seo a’ dol a’ leasachadh an cruth-tìre agus fiadh-bheatha de na h-Eileanan an Iar. Nì e na bailtean nas uaine, brosnaichidh e beò-iomadachd, agus bheir e coilltean, dearcan agus eòin bòidheach do ghinealaichean ri teachd.”
Thuirt Comhairlich Croitean Coillteach Viv Halcrow: “Bho fìor-thoiseach a’ phròiseact lorg sinn iarrtas iongantach am measg chroitearan airson craobhan fhaighinn air an fhearann aca. Tha e gu math brosnachail an clach-mìle 211,000 a ruighinn, agus tha comhairle ar luchd-obrach fhathast gu mòr air iarraidh. Leis na làraich as tràighe a chaidh a phlanntadh a-nis a’ coimhead gu math drùidhteach, tha e a’ brosnachadh daoine eile a thighinn air bòrd. Tha iarrtas craobhan a-nis cho àrd agus gu bheil ionad-àraich chraobhan a-nis a’ tòiseachadh anns na h-eileanan – aig Baile a’ Mhanaich ann am Beinn na Faoghla.”
Fodha: Croitear Leòdhasach, PJ Maclachlan, air a’ chroit aige le craobhan òga ann an Aiginis, an Rubha.
Creideas dealbhan: SandiePhotos
Click to read in English.
